BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage

Scotland
Alba
Foghlam

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Tidsearan
tinytinytinytinytiny
Na th' air an làraichMar a chleachdar an làrachCisteachan cànain
tinytinytiny
Map
Snasail
Air an làraich-lìn seo tha iomadh slighe a dh'ionnsaigh a' chinn-uidhe is iomadh cnap starra às an rathad. Tha an làrach aig ìre C/D de Stiùireadh Nàiseanta 5-14, gu h-àraid air an èille, Eòlas air cànain. Tro gheamannan stèidhichte air Eòlas air cànain, coinnichidh na sgoilearan ri sia dùbhlan deug a tha a' coimhead ri diofar phàirtean de ghràmar agus phungachadh na Gàidhlig. Tha mìneachadh air a dhèanamh orra sin gu h-ìosal.

A' siubhal tron choille, a' cuideachadh Laoch, an caractar beag sunndach, tachraidh na sgoilearan ri creutairean annasach, Na Beulain, air am feum iad a' chùis a dhèanamh. Bheir na freagairtean ceart a' chlann air adhart chun ath phìos-obrach. Bu chòir don chloinn a bhith eòlach air brìgh fhacal mar samhla, uaim agus riochdaire roimheil mus tòisich iad air na dùbhlain.

Na Dùbhlain
1. Comhairle mun choille
Amas teagaisg: Coimeas buadhairean
2. Peilearan pungachaidh / Dè tha a' dhìth?
Amas teagaisg: Puingeachadh Gàidhlig - ascairean, stràcan is sgrìobh-cheangail
3.Bùrach
Amas teagaisg: Structair seantansan Gàidhlig
4. Caol no leathan?
Amas teagaisg: An riaghailt litreachaidh Ghàidhlig - Caol ri caol is leathan ri leathan
5. Las na lampaichean: an tràth chaithte
Amas teagaisg: Gnìomhairean san tràth chaithte
6. Ceanglaichean ciallach
Amas teagaisg: Leudachadh cànan
7. Càite a bheil an uaim?
Amas teagaisg: Uaim
8. Lìon an samhla
Amas teagaisg: Eòlas air samhlaidhean
9. Coltach no eu-coltach?
Amas teagaisg: Facail a tha calg-dhìreach an aghaidh a chèile
10. Cnuic nan Ceist
Amas teagaisg: Freagairtean ceart
11. Las na Lampaichean: an tràth teachdail
Amas teagaisg: Gnìomhairean san tràth teachdail
12. Tagh an Toiseach
Amas teagaisg: Ro-leasachain
13. Dùbhlan nan duanag
Amas teagaisg: Eòlas air duanagan
14. Ainmear, buadhair no gnìomhair?
Amas teagaisg: Leudachadh cànan
15. Imich gu Iolra
Amas teagaisg: Eòlas air iolra
16. Raon nan roimhearan riochdail
Amas teagaisg: Eòlas air roimhearan riochdail

Chaidh an làrach seo a dhealbh le cuideachadh bho Chathaidh NicLeòid.

Chaidh a co-mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba.

Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Feur


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy