Modhan Teagaisg agus Ionnsachaidh 1. 1. A’ dèanamh ionnsachadh soilleir le ro-innleachdan AifL - Theirig thairis air na chaidh ionnsachadh roimhe agus seall mar a tha e a’ ceangal ri ionnsachadh ùr agus mar a tha e brìoghmhor agus a’ buntainn ris
- Cuir an cèill na rùintean/amasan ionnsachaidh dha na sgoilearan agus theirig thairis orra tric, agus dèan suas slatan-tomhais soirbheachaidh (tro chòmhradh agus gu lèirsinneach)
- Cùm a’ toirt taic agus brosnachadh fhad ’s a tha iad ag obair
- Iarr air na sgoilearan innse dè rinn iad airson soirbheachadh san obair
- Ma tha duilgheadas aig na sgoilearan, faighnich carson agus iarr orra smaoineachadh air càil sam bith a bhiodh air a’ chùis a dhèanamh na b’ fhasa
2. A’ leasachadh Sgilean Teicneolas Fiosrachaidh (TF) (builean coileanaidh 5 – 14 Ìre B agus C) - A’ cruthachadh agus a’ deasachadh teacsa/sgrìobhainn a’ cleachdadh feartan làimhseachadh teacsa (Ìrean B/C)
- A’ cruthachadh sgrìobhainn le teacsa agus grafaigean (Ìrean B/C)
- A’ rannasachadh chlàran agus a’ dèanamh aithisg shìmplidh (Ìre B)
- A’ tuigsinn agus a’ rannsachadh stòr-dàta (Ìre C)
- A’ faighinn gu làraich-lìn le cuimhneachain-duilleig suidhichte ro làimh (Ìre B)
- A’ cleachdadh brobhsair leotha fhèin agus a’ taghadh na tha ri chlò-bhualadh (Ìre C)
2b. A’ leasachadh Bheachdan le Fiosrachadh - Ag aithneachadh agus a’ tuigsinn dreuchd TF ann a bhith a’ tional fiosrachadh is eòlas, a’ leasachadh obair chruthachail agus ga dhèanamh nas fhasa smuaintean a roinn ri chèile (gach ìre).
3. A’ leasachadh Sgilean Cànain
- Faodar iomadh sgil cànain a leasachadh tron làraich -lìn, san earrainn air fianais co-cheangailte rithe agus obair a dh'fhaodaist a dhèanamh às dèidh làimhe:
- Ag èisteachd agus a' leughadh airson fiosrachadh fhaighinn agus airson cnuasachd air smuaintean is beachdan
- A’ labhairt agus a’ sgrìobhadh airson fiosrachadh a chur an cèill agus airson cnuasachd air smuaintean is beachdan agus an soilleireachadh.
- Briathrachas Gàidhlig a leasachadh (Tha Facail Feumail gu h-ìosal).
4. Modh-obrach Gnìomhach- Bu chòir sgoilearan a bhrosnachadh gu bhith a' fàs neo-eisimeileach gus uallach a ghabhail airson an ionnsachaidh fhèin. Far an gabh sin dèanamh, bu chòir obair cho-cheangailte a bhith dha-rìribh agus brìoghmhor agus a bhith a' brosnachadh obair ghnìomhach, phractaigeach
Modhan Teagaisg agus Ionnsachaidh
- Theirig thairis air na chaidh ionnsachadh roimhe agus seall mar a tha e a’ ceangal ri ionnsachadh ùr agus mar a tha e brìoghmhor agus a’ buntainn ris
- Cuir an cèill na rùintean/amasan ionnsachaidh dha na sgoilearan agus theirig thairis orra tric, agus dèan suas slatan-tomhais soirbheachaidh (tro chòmhradh agus gu lèirsinneach)
- Cùm a’ toirt taic agus brosnachadh fhad ’s a tha iad ag obair
- Iarr air na sgoilearan innse dè rinn iad airson soirbheachadh san obair
- Ma tha duilgheadas aig na sgoilearan, faighnich carson agus iarr orra smaoineachadh air càil sam bith a bhiodh air a’ chùis a dhèanamh na b’ fhasa
- A’ cruthachadh agus a’ deasachadh teacsa/sgrìobhainn a’ cleachdadh feartan làimhseachadh teacsa (Ìrean B/C)
- A’ cruthachadh sgrìobhainn le teacsa agus grafaigean (Ìrean B/C)
- A’ rannasachadh chlàran agus a’ dèanamh aithisg shìmplidh (Ìre B)
- A’ tuigsinn agus a’ rannsachadh stòr-dàta (Ìre C)
- A’ faighinn gu làraich-lìn le cuimhneachain-duilleig suidhichte ro làimh (Ìre B)
- A’ cleachdadh brobhsair leotha fhèin agus a’ taghadh na tha ri chlò-bhualadh (Ìre C)
- Ag aithneachadh agus a’ tuigsinn dreuchd TF ann a bhith a’ tional fiosrachadh is eòlas, a’ leasachadh obair chruthachail agus ga dhèanamh nas fhasa smuaintean a roinn ri chèile (gach ìre).
- Faodar iomadh sgil cànain a leasachadh tron làraich -lìn, san earrainn air fianais co-cheangailte rithe agus obair a dh'fhaodaist a dhèanamh às dèidh làimhe:
- Ag èisteachd agus a' leughadh airson fiosrachadh fhaighinn agus airson cnuasachd air smuaintean is beachdan
- A’ labhairt agus a’ sgrìobhadh airson fiosrachadh a chur an cèill agus airson cnuasachd air smuaintean is beachdan agus an soilleireachadh.
- Briathrachas Gàidhlig a leasachadh (Tha Facail Feumail gu h-ìosal).
- Bu chòir sgoilearan a bhrosnachadh gu bhith a' fàs neo-eisimeileach gus uallach a ghabhail airson an ionnsachaidh fhèin. Far an gabh sin dèanamh, bu chòir obair cho-cheangailte a bhith dha-rìribh agus brìoghmhor agus a bhith a' brosnachadh obair ghnìomhach, phractaigeach
Ceanglaichean sònraichte ri Duilleagan-lìn Skara Brae | ||||
| Gèam | Earrann le Fianais Cho-cheangailte | 5-14: Buil Coileanaidh | Curraicealam airson Sàr-mhathais | Eisimpleirean de dh’ ionnsachadh gnìomhach |
| Carson a tha e?Cuir rian air an taigh mus tèid a’ ghrian fodha. | Co ris a bha na taighean coltach? (dealbh – sealladh dhen taigh on adhar) Na leapannan An dreasair A’ chagailt am meadhan an làir An doras Na ceallan Co ris a bha na taighean coltach? (pìosan bhidio) Am broinn taighe agus ath-thogail Am broinn taighe – aoighean Am broinn taighe – stuthan mullaich is togail | Daoine san àm a dh’fhalbh Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson cuspair/linn a thagh thu. (Ìre B) Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C) | Rùintean Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh. Tuigidh saoranach ciallach na diofar chreideamhan is chultaran agus thèid aca air roghainnean is co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. Fuasglaidh neach-pàirteachaidh èifeachdach duilgheadasan. | Cleachdaidh sgoilearan na dh’ionnsaich iad mu dhòigh-beatha gus taisbeanadh a dhèanamh mu na taighean ann an Skara Brae. Dh’fhaodadh seo a bhith na bhunait airson taisbeanadh eadar-ghnìomhail no taisbeanadh inntinneach do luchd-amhairc san fharsaingeachd. Faodaidh na sgoilearan teicneòlas a chleachdadh gus dealbh no film a dhèanamh dhen mhodail (baile) aca mar phàirt dhen taisbeanadh. |
| Grìogagan Dèan paidirean mus tig an oidhche. | Grìogagan agus seudradh (dealbh) | Daoine san àm a dh’fhalbh Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Ealain & Dealbhadh - cruthachadh is dealbhadh cruthachadh is dealbhadh plana ro làimh, taghadh stuthan is rian is smachd orra gus ceist no duilgheadas fhuasgladh. (Ìre C) | Rùintean Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail smaoineachadh gu cruthachail leis fhèin. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach a bhith a’ cruthachadh is a’ leasachadh. | Sgoilearan a’ cleachdadh dealbhadh le taic coimpiutair gus riochdachadh dha-rìribh a chruthachadh. Sgoilearan a’ rannsachadh stuthan agus an dathan is an dèanamh gus paidirean tarraingeach a dhèanamh. Dh’fhaodaist seo a leasachadh gu bhith na iomairt. |
| Poitean le Sgeadachadh Dealbhaich a’ phoit mus dèanar poitean eile. | Dealbhan le òcair annta (dealbh) Am broinn an taighe – aoighean (bhidio) | Daoine san Àm a Dh’fhalbh Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Ealain & Dealbhadh - Cruthachadh is dealbhadh Planadh ro làimh, taghadh, rian is smachd air stuthan gus ceist no duilgheadas fhuasgladh. (Ìre C) | Rùintean Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail smaoineachadh gu cruthachail agus leis fhèin. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach a bhith a’ cruthachadh is a’ leasachadh. | Sgoilearan a’ cleachdadh dealbhadh le taic coimpiutair gus riochdachadh dha-rìribh a chruthachadh le crèadh. Comas aig sgoilearan pàtrain is dathan a rannsachadh gus piseach a thoirt air an dealbhadh aca. Tha cothrom cuideachd diofar sheòrsachan phàtran a rannsachadh a’ cleachdadh phàtran ceart-chumadail. |
| A’ lorg Biadh is Connadh Cruinnich biadh is connadh gu leòr mus buail an stoirm air an eilean. | Biadh (dealbh) Na bha iad ag ithe (bhidio) Dè an connadh a bh’ aca? (bhidio) | Daoine san Àm a Dh’fhalbh Thoir iomradh air rudan a bha an aon rud san àm a dh’fhalbh airson cuspair/linn a thagh thu. (Ìre B) Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C) Slàinte Bodhaig A’ nochdadh eòlas is tuigse air na dh’fheumas iad a dhèanamh airson cumail fallain. (Ìre C) | Rùintean Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail luachadh reusanta a dhèanamh. Tuigidh saoranach ciallach na diofar chreideamhan is chultaran agus thèid aca air roghainnean is co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach smaoineachadh cnuasachail a chur an sàs ann an co-theacsa ùr. | A’ dealbhadh is a’ dèanamh clàr-bìdh le na seòrsachan bìdh a bhiodh daoine ag ithe aig an àm, le beagan fiosrachaidh mun mhathachadh ann an diofar sheòrsachan bìdh. |
| Tursachan Smaoinich air ciamar a thogas tu cearcall chlachan mus tèid an teine às. | Cearcaill Chlachan (dealbh) Tursachan (bhidio) | Foghlam Creideimh is Moraltachd Rannsachadh Pearsanta – Ceistean Deireannach Ag aithneachadh gu bheil creideamh mu cheistean deireannach aig a’ cheann thall. (Ìre C) Ag aithneachadh gu bheil diofar bheachdan ann. (Ìre C) Comasach bruidhinn ris an tidsear no daoine eile mu na ceistean agus am faireachdainn is beachdan a chur an cèill. (Ìre B) Teicneòlas A’ toirt eisimpleirean dhe na dòighean sam faodar innealan is uidheamachd a chleachdadh gus ceistean practaigeach fhuasgladh. (Ìre C) | Rùintean Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail smaoineachadh gu cruthachail agus leis fhèin. Tuigidh saoranach ciallach na diofar chreideamhan is chultaran agus thèid aca air roghainnean is co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach smaoineachadh cnuasachail a chur an sàs ann an co-theacsa ùr agus ceistean fhuasgladh. | Faodaidh sgoilearan deuchainn a chruthachadh le geimhleagan is ulpagan a sheallas mar as dòcha a chuir muinntir Skara Brae na Tursachan nan seasamh. |
Ceanglaichean sònraichte ri Duilleagan-lìn Skara Brae | |||
| Earrann le Fianais Cho-cheangailte | 5 -14: Buil Coileanaidh | Curraicealam airson Sàr-mhathais | Eisimpleirean de dh’ ionnsachadh gnìomhach |
| Mapa a’ sealltainn far a bheil e ann an Alba (dealbh) Dè th’ ann an Skara Brae is càite bheil e? (bhidio) Mapa a’ sealltainn far a bheil Bàgh Skaill ann an Alba; an uair sin agus an-diugh. (dealbh) | Daoine agus Àite Leudaich mapa na h-inntinn beagan a bharrachd le bhith a’ lorg air mapa no cruinne prìomh fheartan/àitean an Alba no am Breatainn a tha iomchaidh airson a’ chuspair. (Ìre C) | Rùintean Comas aig saoranach ciallach eòlas is tuigse a leasachadh mun t-Saoghal agus aite Alba ann. | Thèid aig sgoilearan air mapaichean coimeis a dhèanamh dhen tìr timcheall Skara Brae agus a’ sealltainn na dh’atharraich thar ùine. Thèid aig sgoilearan air iomadh seòrsa mapa a dhèanamh (2-sh is 3-sh) le iomradh air diofar fheartan ann an cruth na tìre. |
| Dealbh a’ sealltainn mar as dòcha a bha Skara Brae. (dealbh) Trannsaichean Cloiche (dealbh) | Daoine san Àm a Dh’fhalbh Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson linn a thagh thu. (Ìre B) Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C) | Rùintean Comas aig neach-ionnsachaidh soirbheachail air sgilean litearrais is teicneòlais a chleachdadh airson ionnsachadh. Comas aig saoranach ciallach air diofar chreideamhan is chultaran a thuigsinn. | Cleachdaidh sgoilearan na dh’ionnsaich iad mu dhòigh-beatha gus taisbeanadh a dhèanamh mu na taighean ann an Skara Brae. Dh’fhaodadh seo a bhith na bhunait airson taisbeanadh eadar-ghnìomhail no foillseachadh inntinneach do luchd-amhairc nas fharsainge. Faodaidh na sgoilearan teicneòlas a chleachdadh gus dealbh no film a dhèanamh dhen mhodail (baile) aca mar phàirt dhen fhoillseachadh. |
| An t-Aodach a bh' orra (dealbh seice) Innealan (dealbh) Far an robh iad ag obair (bhidio) | Daoine san Àm a Dh’fhalbh Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson linn a thagh thu. (Ìre B) Dèan coimeas eadar dòigh-beatha an-diugh agus san àm a dh’fhalbh. (Ìre C) Thoir adhbharan airson na tha eadar-dhealaichte agus na tha an aon rud (Ìre C) | Rùintean Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh. Comas aig saoranach ciallach air diofar chreideamhan is chultaran a thuigsinn. | Thèid aig sgoilearan air aodach a chruthachadh coltach ris an aodach a bh' air muinntir Skara Brae. Thèid seo a chleachdadh ann an dealbh-chluich mun dòigh-beatha ann an Skara Brae. Faodar na grìogagan, an seudradh is na poitean cuideachd a chleachdadh airson seo. Faodar an dealbh-chluich a chur air do luchd-amhairc san fharsaingeachd no faodar a clàradh mar dhealbhan no film a dhèanamh. |
| Leigheas (dealbh de bhuill-spòran) | Slàinte A’ nochdadh eòlas is tuigse air na dh’fheumas daoine a dhèanamh airson a bhith fallain (Ìre B) Ag aithneachadh grunn dhòighean airson cumail sàbhailte. (Ìre B) | Rùintean Comas aig neach misneachail air dòigh-beatha fhallain, ghnìomhach a leantainn. | Thèid aig sgoilearan air gèam a dhealbh dhan chloinn as òige gus an cuideachadh a’ tuigsinn mar a chumas iad iad fhèin fallain is sàbhailte. |
| Nithean SònraichteCloiche (dealbh
de bhuill chloiche air an snaigheadh) Creideamh agus Tuaman (dealbh dhen taobh a-muigh is a-staigh de Mhaeshowe) (pìos bhidio – deas-ghnàthan Maeshowe) (pìos bhidio – creideamh nan Tursachan) | Rannsachadh Pearsanta – ceistean deireannach Ag aithneachadh gu bheil creideamh mu cheistean deireannach aig a’ chall thall. (Ìre C) Ag aithneachadh gu bheil diofar bheachdan ann. (Ìre C) Comasach bruidhinn ris an tidsear no daoine eile mu na ceistean agus am faireachdainn is beachdan a chur an cèill. (Ìre B) | Rùintean Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh. Comas aig saoranach ciallach air diofar chreideamhan is chultaran a thuigsinn agus co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air fiosrachadh. | Thèid aig sgoilearan air uallach a ghabhail airson stòran-dàta a stèidheachadh gus an fhianais a rannsachadh, agus a’ gabhail orra dhreuchdan eadar-dhealaichte agus a’ cur argamaidean an cèill airson agus an aghaidh cuid dhe na mìneachaidhean a dh’fhaodadh a bhith air cùl nithean sònraichte cloiche do mhuinntir Skara Brae. A bharrachd air beachdachadh air an fhianais, bidh cothroman aig na sgoilearan airson co-obrachadh agus na sgilean aca a leasachadh a thaobh a bhith a’ togail air na chuir iad fhèin ris a’ chùis gus an smaoineachadh aca a shoilleireachadh. |
| Anns an toiseach (dealbh dhen chiad chladhach, Àrd-Oll. Childe) Dè th' ann an arc-eòlaiche agus dè bhios iad a' dèanamh? (bhidio) Mar a chaidh Skara Brae a lorg (bhidio) Loidhne-Tìm dhen àm a thogadh Skara Brae (bhidio) Meatailt a' tighinn (bhidio) Am Baile air a Thrèigsinn (dealbh) Teòiridh mu na Daoine (bhidio) | Daoine san Àm a Dh'fhalbh Thoir iomradh air co ris a bha cuid de rudan coltach san àm a dh’fhalbh airson cuspair/linn a thagh thu. (Ìre B) Thoir iomradh air dòighean sam bi daoine a’ cuimhneachadh agus a’ gleidheadh àm a dh’fhalbh (Ìre C) Smaoinich air eisimpleirean sìmplidh de dh’fhianais a dh’innseadh dhaibh mu dhuine/leasachadh/rud a thachair on àm a dh’fhalbh. (Ìre B) Cuir sreath de rudan a thachair agus na deitichean aca ann san òrdugh anns na thachair iad. (Ìre C) | Rùintean Cleachdaidh neach-ionnsachaidh soirbheachail sgilean litearrais is teicneòlais airson ionnsachadh is luachadh reusanta a dhèanamh. Comas aig com-pàirtiche èifeachdach smaoineachadh cnuasachail a chur an sàs ann an co-theacsa ùr. | Tha sgoilearan ag ionnsachadh òrdugh ùine le bhith a’ cleachdadh na fianais agus a’ clàradh seo mar shreath de naidheachdan air an suidheachadh aig an àm A bharrachd air a bhith a’ leasachadh grunn sgilean cànain tro èisteachd is labhairt, leughadh is sgrìobhadh, leasaichidh sgoilearan cuideachd na sgilean aca ann an corra raon teicneòlais. Gus piseach a thoirt air an dòigh seo air fianais a chur an cèill, faodaidh sgoilearan na sgilean a dh’ionnsaich iad ann an ealain chruthachail a chleachdadh gus, mar eisimpleir, cùl-raointean a dhèanamh dhan stiùidio far a bheil na naidheachdan gan clàradh, gliongan airson toiseach is deireadh nan aithrisean agus dealbhan-cluich de dhòigh-beatha is fiosrachaidhean nan daoine |
| Facal | Dè tha am facal a' ciallachadh | Far a bheil am facal a' nochdadh | |
| arceòlaiche | Cuideigin a tha ag obair, a' coimhead air rudan ag innse mu bhliadhnaichean air ais. | Fianais - bhidio | |
| arceòlaichean | Thòir sùil air arceòlaiche. | Fianais - bhidio | |
| fianais | Is e seo na nithean a tha ag innse do dhaoine an fhìrinn. Bidh arceòlaichean a' coimhead airson na fìrinn mu sheann dhaoine. | Fianais - bhidio | |
| Gnìomhan | Is e seo na rudan as urrainn dhut a dhèanamh air an làraich-lìn seo. | Flash - Gnìomhan | |
| tobhtaichean | Nuair a tha togalach a' tuiteam às a chèile, ‘s e tobhta an t-ainm ceart a th' air na tha air fhàgail dheth. | Fianais - bhidio | |
| cladhach | Nuair a tha thu a' dèanamh toll anns an talamh, tha thu a' cladhach. Bidh arceòlaichean a' cladhach tric. | Fianais - bhidio | |
| ruamhair | Nuair a tha daoine a' coimhead cruaidh airson rudan, uaireannan bidh iad a' ruamhar. | Fianais - bhidio | |
| taigh-tasgaidh | Togalach sònraichte far am bi seann rudan air an cumail. | Fianais - bhidio | |
| Bàgh Skaill | ‘S e seo àite ann am Mainland ann an Arcaibh. ‘S e seo far a bheil Skara Brae. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e? - bhidio 1 | |
| Mainland | An t-eilean as motha ann an Arcaibh. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e? - bhidio 1 | |
| Arcaibh | Na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e? - bhidio 1 | |
| letheach | Tha seo a' ciallachadh leth | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e? - bhidio 1 | |
| dùin-ghainmhich | Barrachd air dà dhùn-ghainmhich. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e? - bhidio 1 | |
| boillsgeadh | Bidh sèidean, sgàilean no meatailt glan a' boillsgeadh anns a' ghrèin. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 1 | |
| midden | ‘S e facal Beurla a tha seo. Tha e a' ciallachadh salchar. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| criathair | Nuair a tha cuideigin a' bèicearachd, bidh iad a cleachdadh inneal leis an t-ainm ‘criathair'. Bidh arceòlaichean a' cleachdadh criathair nas motha! | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| meatairean | Bidh daoine a' cleachdadh ‘meatair' airson tomhais cho fad ‘s a tha rudeigin (o bhòrd gu rathad, no dùthaich eile)! | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| loidhne-tìm | Bidh daoine a' cleachdadh loidhne-tìm airson sealltainn do dhaoine eile cuin a thachair rudan cudromach anns na làithean a dh' fhalbh. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 3 | |
| cèis | Nuair a tha dealbh brèagha agad, uaireannan bidh thu ga chur ann an cèis. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1 | |
| crùbadh | Nuair a tha thu a' falach fon deasca, tha thu a' crùbadh. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1 | |
| babht | ‘S e slat mhòr a tha seo, bidh daoine ga chleachdadh airson an doras a dhùnadh. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1 | |
| rèisgte | ‘S e sgadan rèisgte a th' ann an ciopair. Nuair a tha daoine a' cleachdadh ceò airson biadh a chumail gun ghrodadh, bidh am biadh rèisgte. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| crogan | Bidh daoine a' cumail silidh ann an crogan. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| thomadach | Tha seo a' ciallachadh rudan a tha gu math mòr! | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| sgeadachadh | Nuair a tha thu a' cur peanta air uighean aig àm na Càisge, tha thu a' sgeadachadh nan uighean. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| fiodh-cladaich | Is e seo fiodh a tha a' laighe air an tràigh. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| cabair | ‘S e seo an àite fo mullach an taighe. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| cnàmhan | Nuair a tha an t-acras air cù, bidh e ag ithe chnàmhan. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| mucan-mara | ‘S e biast gu math mòr a th'ann am muc-mara, tha iad a' fuireach anns a' mhuir. ‘B e muc-mara a bh'ann am Moby Dick. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| chladhach | Nuair a tha thu a' dèanamh tuill, tha thu a' cladhach. Bidh arceòlaichean a' cladhach tric. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| iasg | Na biastan a tha a' fuireach anns a' mhuir. Gu math tric, bidh daoine ag ithe iasg. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| maorach | Is e seo na beathaichean-mara beaga a tha a' fuireach anns a' mhuir. Tha sligean orra. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| dubhanan | Nuair a tha daoine a' glacadh iasg, bidh iad a' cleachdadh dubhan, ‘s e ainm eile a th' ann airson slat-iasgaich. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| sligean | Is e seo an còmhdach cruaidh a th' air maorach, no seilcheag. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| sòrn | ‘S e toll a tha seo anns a' bhalla airson ceò. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| chert | ‘S e facal Beurla a tha seo, ‘s e pìos cruaidh cloiche a th' ann. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| feamainn | Is e seo luibh a tha a' fàs faisg air a' mhuir. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| tuaman | Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| Maeshowe | ‘S e cearcall cloiche a th' ann am Maeshowe. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| diathan | Bidh daoine ag adhradh do dhiathan eadar-dhealaichte, a rèir a' chreideimh aca. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| dìg | ‘S e toll fada a tha seo mun chuairt rudan mòra. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2 | |
| an taca | Dè cho faisg a tha àiteachean a rèir àite eile. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- dealbh 1 | |
| muran | ‘S e seo feur a tha a' fàs faisg air a' mhuir. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| stairsneach | A' chlach fo doras. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| trannsaichean | Slighe fada. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| leacan | ‘S e clachan rèidh a tha seo. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 1 | |
| cuibhrigean | ‘S e facal eile a tha seo airson plangaid, no plaide. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 1 | |
| siotaichean | ‘S e seo an rud a tha a' dol fo plaide. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 1 | |
| àirneis | Is e seo am facal airson nithean mar sèithrichean, bùird, preasan is leapannan. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 2 | |
| teallach | ‘S e facal eile a tha seo airson àite-teine. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 3 | |
| leac | Clach rèidh | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4 | |
| babht | ‘S e slat mhòr a tha seo, bidh daoine ga chleachdadh airson an doras a dhùnadh. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4 | |
| craicinn bheathaichean | Is e seo an stuth a tha a' cumail nam beathaichean blàth. ‘S e craicinn bheathaichean a th' ann an leathair. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 1 | |
| bèin | Is e seo an stuth molach a tha a' cumail nam beathaichean blàth. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 1 | |
| seudan | Is e seo facal airson rudan prìseil mar paidearan, fàinneachan is bann-làimhe. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 2 | |
| grìogagan | Bidh daoine a' cleachdadh grìogagan airson pàidearan brèagha is bann-làimhe a dhèanamh. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 2 | |
| paidirean | Is e seo rud brèagha a tha a' dol mu chuairt d' amhaich. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 2 | |
| prìnichean | Bidh daoine a' cleachdadh prìnichean airson rudan eadar-dhealaichte mar cumail stuth ri chèile. Bha na daoine ann an Skara Brae a' cleachdadh prìnichean airson am falt a chumail sgiobalta. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 2 | |
| tuaman | Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3 | |
| spioradan | ‘S e ainm eile a tha seo airson taibhsean, no bòcan. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3 | |
| pàirtean | Pìosan | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3 | |
| lotan | Facal eile airson leònta, no àiteachan goirt. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 4 | |
| Fear Skaill | Is e seo tiotal a bh'air an uachdaran, Uilleam Watt. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - dealbh 1 | |
| àrainneachd | 'S e facal eile a tha seo airson an àite mun chuairt. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - dealbh 3 | |
| rèidiocàrboin | Is e seo an t-ainm airson seòrsa de charboin, bidh daoine a' cleachdadh rèidiocàrboin airson a' faighinn a-mach dè cho aosta ‘s a tha rudeigein. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - dealbh 3 | |
| gnìomhan | Is e seo na rudan as urrainn dhut a dhèanamh air an làraich-lìn seo. | Flash - Gnìomhan | |
| rèisgeadh | Nuair a tha daoine ag iarraidh ciopair, tha iad a' rèisgeadh sgadan. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| bobhstair | ‘S e am bobhstair an rud cofurtail a th' air do leabaidh. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| plaideachan | Nuair a tha thu anns an leabaidh, bidh do phlaidichean gad chumail blàth. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| feamainn | Is e seo luibh a tha a' fàs faisg air a' mhuir. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| prìseil | Nuair a tha rud agad a tha a'cosg mòran airgid, tha e gu math prìseil. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| seudan | Is e seo facal airson rudan mar paidearan, fàinneachan is bann-làimhe. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| grìogagan | Bidh daoine a' cleachdadh grìogagan airson pàidearan brèagha is bann-làimhe a dhèanamh. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| bàirneach | Seòrsa maoraich. Bidh e a' ceangal e fhèin gu teann ri creagan. | Flash - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| crogan | Bidh daoine a' cumail silidh ann an crogan. | Flash - Gnìomhan - Càit am bu chòir dha a dhol? | |
| deas-ghnàth | ‘S e seo pàrtaidh mòr airson là cudromach. | Flash - Gnìomhan - Dèan grìogag | |
| croganan òil | Bha daoine ag òl o chroganan òil. | Flash - Gnìomhan - Sgeadachadh crogan | |
| air fàire | Nuair a tha an t-adhar agus an talamh a' coinneachadh ri chèile. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| maorach | Na beathaichean beaga a tha a' fuireach anns a' mhuir. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| cnothan-challtainn | Seòrsa cnotha. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| dearcan | Measan beaga. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| todhar chruidh | Bidh gàirnealair a' cur seo air an talamh. Facal eile airson buachair. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| todhar chaorach | Bidh gàirnealair a' cur seo air an talamh. Facal eile airson buachair. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| fighe | ‘S e dòigh obrach a tha seo airson clò a chur ri chèile. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| pròtein | Feumaidh tu protein fhaighinn airson do bhodhaig. Cha bhi thu làidir às aonais protein. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| eisirean | Seòrsa maoraich. Bidh na h-eisirean a' fuireach am broinn nan sligean. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| crùbag | Facal eile airson partan. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| beòthaman | Feumaidh tu beòthaman fhaighinn airson do bhodhaig. Cha bhi thu làidir às aonais beòthaman. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| nàdarra | Rudan nach deach a chruthachadh le daoine. | Flash - Gnìomhan - An Geama Cruinneachaidh | |
| ceannardan | Daoine a tha os cionn coimhearsnachd. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| cearcall thursachan | Cearcall mòr air a dhèanamh le clachan a tha fìor mhòr. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| rèidh | Mìn | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| geinn | Inneal a tha coltach ri triantan. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| ùird | Innealan airson rudan a bhualadh. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| reultan | Facal eile airson rionnagan. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| tursachan | Clachan mòra a tha nan seasamh. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| diathan | Nuair a tha creideas aig daoine, tha creideamh aca ann an dia. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| adhradh | Bidh daoine le creideamhan eadar-dhealaichte ag adhradh do dhiathan eadar-dhealaichte. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| fèillean | Facal eile airson fèisean. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| Ìomhaighean | Facal eile airson dealbhan. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| innealan | Nithean a tha daoine a' cleachdadh airson rudan a chruthachadh. | Flash - Gnìomhan - Geama Nan Tursachan | |
| Air uachdar | Nuair a tha rud air a chur os cionn rudeigin eile. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| Sitig | Cnap sgudail is todhair. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| Seann shitig | Cnap sgudail is todhair a tha gu math sean. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| air uachdar an uisge | An stuth a tha air mullach an uisge | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| Air muin | Air mullach | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 2 | |
| A ghluaiseas cuimhne | Uaireannan, bidh seann dhealbhan a' gluasad cuimhne. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1 | |
| Na tuill | Barrachd air an “toll” | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 1 | |
| aoighean | Daoine a tha a' tighinn a chèilidh ort. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| cabair | ‘S e seo an àite fo mullach an taighe. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| tiodhlacadh | Nuair a tha rud fon thalamh. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| bàirneach | Seòrsa maoraich. Bidh e a' ceangal e fhèin gu teann ri creagan. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| bogadh | A' cur nithean ann an stuth fliuch. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 2 | |
| Bruaichean aibhnichean | An talamh a tha ri taobh na h-aibhne. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| An t-sruth | Uisge a tha a' dol don mhuir. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| Arcaibh | ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| ruamhair | Nuair a tha daoine a' coimhead airson rudan feumail, uaireannan bidh iad a' ruamhar. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| feamainn | Is e seo luibh a tha a' fàs anns a' mhuir. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| càilear | brèagha, cofhurtail no blasta | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| Seasgair | Blàth is cofhurtail | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - bhidio 3 | |
| ribe | Lìon, bidh iasgairean a' cleachdadh seo airson iasg a ghlacadh. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| Feòil mhairt | Is e seo an fheòil a tha a' tighinn o bhò. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| sitig | Cnap sgudail is todhair. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 1 | |
| Arcaibh | ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| Nas teotha | Bhon facal ‘teth' | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| Theasaich | Nuair a bha daoine a' cur teas air rudeigein. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| Creagan bholcànach | Creagan beaga a tha a' tighinn o bholcàno. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| bholcàno | ‘S e bholcàno an t-ainm a th'air beinn a tha a' spùtadh a-mach teine. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| sgealban | Pìosan beaga biodach | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 2 | |
| connadh | An stuth a tha daoine a' cleachdadh airson an cumail blàth. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3 | |
| Gual | Bidh daoine a' losgadh an stuth dubh cruaidh seo airson an cumail blàth. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3 | |
| Mòine | Bidh daoine a' losgadh an stuth bog seo airson an cumail blàth. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3 | |
| Todhar tioram | Nuair a tha daoine a' fàgail todhar agus tha an t-uisge a' tighinn aiste. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - bhidio 3 | |
| Na mairbh | Daoine nach eil beò. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| Tuaman | Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| Trannsa | Slighe fhada. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 1 | |
| Tursachan | Clachan mòra a tha nan seasamh. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2 | |
| sagartan | Daoine a tha a' searmonachadh mu chreideamh | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2 | |
| Domhainn | Anns an làraich seo, tha seo a' ciallachadh dè cho fad ‘s a tha rudeigin a' dol sìos. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2 | |
| cuaraidh | Is e seo an t-àite far an tèid clachan, àite làn chlachan. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - bhidio 2 | |
| A' tighinn gu crìche | Is e seo an t-àite far an tèid clachan, àite làn chlachan. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| spèis | Meas | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| meatailt | Stuth cruaidh a tha a' fàs bog nuair a tha e teth. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| Stuth marbhtach | Stuth a tha gu math cunnartach! Tha puinnsean marbhtach. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| Dùin-ghainmhich | Barrachd air 2 dhùn-gainmhich | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 2 | |
| Machair | Talamh rèidh a' tha faisg air a' mhuir. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| Fiodh-cladaich | Is e seo fiodh a tha a' laighe air an tràigh. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| malairt | Facal eile airson ‘reic' | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| Tursachan | Clachan mòra a tha nan seasamh. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 1 | |
| Sagartan | Daoine a tha a' searmonachadh mu chreideamh | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 2 | |
| Arcaibh | ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - bhidio 2 | |
| Eathraichean | bàtaichean | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- bhidio 3 | |
| Dùn-gainmhich | Tha dùin-ghainmhich gu math coltach ri cnuic mhòra a tha ri dhèanamh ri gainmhich. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- dealbh 3 | |
| Air an còmhdach | Rud a th'air mullach rud eile. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- dealbh 3 | |
| Feamainn | Is e seo luibh a tha a' fàs anns a' mhuir. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- dealbh 3 | |
| Cumhang | Caol | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- dealbh 4 | |
| Lùbach | Rud le lùb, rudeigin nach eil rèidh. | Fianais - Dè th' ann an Skara Brae agus càit a bheil e?- dealbh 4 | |
| Preasan | Nuair a tha thu a' sgioblachadh, bidh thu a' cur nithean ann am preas. Tha doras air. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4 | |
| cùil | Preas gun dhoras. | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4 | |
| Gur mathaid | ‘s docha | Fianais - Cò ris a bha na taighean coltach? - dealbh 4 | |
| A' caitheamh | Anns an làraich seo, tha sinn a' ciallachadh a' cosg. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 1 | |
| Arcaibh | ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 1 | |
| A' snaidheadh | A' sgrìobadh | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 2 | |
| Ga chaitheamh | Anns an làraich seo, tha sin a' ciallachadh a' cosg | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 2 | |
| Crogan | Rud mar botal anns an gabh rudan a chumail. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 3 | |
| Dearg-chrèadh | ‘S e dath a tha seo a tha eadar dearg, donn is orainds. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 3 | |
| Ochre | ‘S e facal Beurla a tha seo airson dath a tha eadar dearg, donn is orainds. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 3 | |
| Bhon sprèidh | Tha seo a' ciallachadh beathaichean a tha a' siubhal ann am buidhnean mòra. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 4 | |
| A' sealg | Nuair a tha daoine, no beathaichean, a' dol as dèidh beathaichean eile. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 5 | |
| Fèidh | Beathaich le ceithir chasan a tha a' ruith gu luath (Uaireannan, tha adharcan orra). | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 5 | |
| Tuirc | Beathaich le ceithir chasan a tha coltach ri muc molach. | Fianais - Cò ris a bha na daoine coltach? - dealbh 5 | |
| snaidheadh | Á' sgrìobadh | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 1 | |
| Deas-ghnàth | ‘S e seo pàrtaidh mòr airson là cudromach. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 1 | |
| Uaislean | Daoine le teaghlaichean cudromach. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 1 | |
| Arcaibh | ‘S e Arcaibh an t-ainm a th' air na h-eileanan a tha a' laighe far cost a-tuath na h-Alba. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 2 | |
| Na mairbh | Daoine nach eil beò. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 2 | |
| Ag adhradh | Bidh daoine le creideamhan eadar-dhealaichte ag adhradh do dhiathan eadar-dhealaichte. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 2 | |
| Fianais | Is e seo na nithean a tha ag innse do dhaoine an fhìrinn. Bidh arceòlaichean a' coimhead airson na fìrinn mu sheann dhaoine. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3 | |
| Stuth leighis | Nuair a tha thu tinn, bidh thu a' gabhail stuth leighis airson faireachdainn nas fheàrr. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3 | |
| Caochag | Seòrsa de bhalgan-buachair a tha coltach ri ball. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 3 | |
| Cearcall thursachan | Cearcall mhòr air a dhèanamh le clachan a tha fìor mhòr. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 4 | |
| tomadach | Mòr, Làidir, Tapaidh | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 4 | |
| Tuaman | Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5 | |
| ‘S mathaid | Dòigh eile a ràdh ‘s dòcha | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5 | |
| Tuam | Bidh daoine beairteach a' cur daoine marbh ann an tuam. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5 | |
| Adhlachadh | A' cur rud no duine fo thalamh. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5 | |
| Deas-ghnàthan | ‘S e seo pàrtaidh mòr airson là cudromach. | Fianais - Dè dh'innseas na h-àiteachan sònraichte dhuinn? - dealbh 5 | |
| Fianais | Is e seo na nithean a tha ag innse do dhaoine an fhìrinn. Bidh arceòlaichean a' coimhead airson na fìrinn mu sheann dhaoine. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - dealbh 1 | |
| Arceòlaiche | Cuideigin a tha ag obair, a' coimhead airson seann rudan o chionn ghoirid no fada air ais. Tha iad a' coimhead airson rudan anns an t-sitig a tha ag innse dhaibh mu sheann dhaoine o bhliadhnaichean air ais. | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - dealbh 2 | |
| dlùth | Dòigh eile air faisg a ràdh | Fianais - Dè thachair do Skara Brae? - dealbh 4 | |