
Mo bhean agus mo chlann. Cha robh mi a-riamh air falbh bhon taigh cho fada. A bheil e ceàrr gun ionndrainn mi an electric giotàr cuideachd?
Coimpiutair-uchd gus am faigh sinn air aithrisean a chur air ais airson an leabhar-latha, an Nintendo DS agus inneal MP3.
Tha mi air a bhith gu math fortanach san t-seagh seo. Thog mi filmean de bhailtean “eco” anns an t-Suain, factaraidh chàraichean sa Ghearmailt, chaidh mi gu Nirribhigh agus b'e an turas a b' fheàrr nuair a bha mi ann an coilltean Bhrazil.
Spring roll gun feòil, tapadh leat!
Riochdaire / Stiùiriche
Tha e an urra riumsa dè an t-susbaint ris am bi sinn a' coimhead. Aon uair ‘s gum faigh mi mach dè tha sinn gu bhith dèanamh feumaidh mi obrachadh a-mach ciamar a nì sinn e. Tha sin a' ciallachadh a' cur sgioba-phròiseict ri chèile, a' cumail smachd air a' bhuidseat, cumail sùil air sàbhailteachd agus a' dèanamh cinnteach gu bheil fios aig a h-uile duine dè tha còir aca a bhith dèanamh.
Leabhar eadar-theangachaidh no rudeigin geeky mar sgàilean beag gus am faic mi dè na dealbhan a tha an neach-camara a' togail.
Tha mi air a bhith ag obair anns an Roinn Ionnsachaidh airson faisg air 9 bliadhna agus tha mi air tòrr phrògraman agus làraich-lìn a dhèanamh do dh' òigidh. Tha mi air a bhith fortanach gu leòr cothrom fhaighinn a dhol gu dùthchannan iongantach agus an dà chuid seallaidhean agus daoine fhaicinn nach bithinn air fhaicinn mur a biodh an obair seo. Fhuair mi cothrom fiù's cartùnaichean a dhèanamh – càil a b' fheàrr leam!
Mus do thòisich mi aig a' BhBC rinn mi beagan obrach do Seanail 4 air prògram mu dheidhinn comedians agus mar neach-taic aig companaidh beag, neo-eisimeileach, a' dèanamh teatha agus a' peantadh an stiùideo.
‘S e an rud as fhèarr mun obair agamsa gum faigh mi cothrom a bhith ag obair còmhla ris a h-uile duine bhon stiùiriche chun an duine tha dealbh na làraich-lìn.
(g. tasglann)
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.