22mh Ògmhios 2008, Gerald
Choinich sinn ri Xiao an toiseach. Tha ise a' dol a chumail sùil air ar filmichean anns an t-seòmar-gearraidh airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' gearradh na tha daoine ag ràdh ceart. Mar a tha fios agad, chan eil Mandarin aig Maria no agam fhìn, agus bhiodh e duilich dhuinne dèanamh a-mach gun robh sinn a' gearradh a' phìos cheàrr a-mach às an agallamh.
Tha na h-agallamhan gu lèir air an eadar-theangachadh agus tha iad againn ri làimh an-còmhnaidh ach chan eil Mandarin daonnan ga fhuaimneachadh mar a shaoiladh sinn bhon na tha sgrìobhte. Mar sin, tha e duilich a leantainn, fiù 's ma tha an t-eadar-theangachadh sgrìobhte ann am PinYin (Mandarin sgrìobhte anns an aibidil Bheurla). Air an adhbhar sin, tha Xiao a' dol a dh'eadar-theangachadh dhuinn anns an t-seòmar-gearraidh. Tha am pròiseact a' còrdadh rithe agus tha i gu bhith còmhla rinn gach dàrnach latha airson ar cumail ceart.
Feasgar, choinnich Maria agus mi fhìn ri Trudy a tha ag obair air grafaicean nam prògram. Tha i air a bhith ag obair air rud a thàinig à beachd a bh' agamsa mus deach sinn a Shìona. Tha e a' coimhead math agus tha sinn toilichte dha-rìribh leis. Bhruidhinn sinn air mar a b' urrainn am beachd sin a sgaoileadh tarsainn air na filmichean gu lèir. Tha e a-nis an urra ri Trudy obrachadh orra sin. Tha i an dòchas dreach deireannach airson aon de na filmichean a bhith aice Dihaoine.


An uairsin, bha coinneamh eile agam, bha e mu ciamar as urrainn dhuinn ar pròiseact a shanasachadh. Tha e dìomhair an-dràsta - innsidh mi barrachd dhuibh nuair as urrainn dhomh. Shhhh!
Mu dheireadh, air ais chun an deasga gus cumail orm a' logadh. 'S e Maria agus mi fhìn na h-aon daoine a bh' air fhàgail san oifis, nar suidhe ann an sàmhchair le fònaichean-cluaise ag èisteachd ri Mandarin agus a' taipeadh aig peilear ur beatha. Sin là eile san oifis.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.