19mh Cèitean 2008, Gerald
Tha 偶 然 拉 普 air a bhith a' cleachdadh laptop 偶 然 seo gus 佛 日 调 和 色 a sgrìobhadh.
Aaaaaaaaaarghhhhh!
Bha còir aig sin a ràdh "Tha sinn air a bhith a' cleachdadh coimpiutair-uchd thuige seo gus naidheachdan a sgrìobhadh", ach tha an coimpiutair tha seo san taigh-òsta a' sgrìobhadh a h-uile càil ann am Mandarin. Co-dhiù, tha mi smaoineachadh gu bheil e ceart gu leòr a-nis.
Tha sinn dol a-mach ann am fichead mionaid eile gus tuilleadh filmean a dhèanamh (GVs timcheall Beijing - chan urrainn dhut cus a bhith agad) agus mar sin, feumaidh mi bhith luath.
Dh' fhilm sinn latha no dhà - dh' obraich e glè mhath ach nuair nach eil mòran Beurla aig daoine agus glè bheag Mandarin againne, tha e duilich. Tha sinn ag obair laithean fada agus ag ullachadh an leabhair-latha air an fheasgar. Tha an sgioba mìorbhaileach. Tha a h-uile duine cho snog. Chuir duine oifigeil stad oirnn aon latha bho bhith a' filmeadh. Thòisich an duine oifigeil agus an sgioba againne ag argamaid oir bha iad a faireachdainn gu robh seo mì-chothromach (choimhead sinne ris an làr)! Thog sinn film de dhotair - chaidh sin glè mhath.
Bha fàileadh làidir de lusan san ospadal. Latha dheth an-dè agus bha sinn toilichte air a shon. Cha robh mi tric na mo bheatha cho sgìth ri linn jet lag.
Feumaidh mi ruith. Tioraidh an-dràsta.
An deireadh.
19mh Cèitean 2008, Laura
Tha an dreach Ghàidhlig de làrach Sealladh air Sìona a-nis beò! Agus 's mi tha toilichte. Ach fuirich mionaid. Beò? Dè tha sin a' ciallachadh? Nach e facal àraidh a tha ann am "beò" airson a chleachdadh mu dhuilleagan-lìn?
Tha làrach-lìn a' dol "beò" a' ciallachadh gu bheil e ri fhaicinn air an eadar-lìon aig seòladh sònraichte, (an turas seo bbc.co.uk/siona).
Cho luath 's a tha còdar air duilleagan-lìn air an ùr dealbh fhaighinn bhon dealbhadair, tha e no i gan gearradh an-àird', gan ceangal ri chèile agus gan cur air server leasachaidh – no development server. 'S e na duilleagan fhaicinn air an server leasachaidh a' chiad chothrom a th' aig an sgioba-lìn na dh'ullaich iad fhaicinn air sgrion coimpiutair.
Tòisichidh an riochdaire an uairsin air na duilleagan a lìonadh le teacsa, dealbhan agus 's dòcha bhidio no fuaim.
Cumaidh an còdar a' sgrìobhadh còd air na duilleagan gus am bi iad uile ag obrachadh mar bu chòir – m.e. ga do thoirt chun duilleig cheart nuair a bhruthas tu air deit air a' mhìosachan.
Bidh an dealbhadair a' cumail sùil gheur air mar a tha an làrach a' coimhead agus 's mathaid gum feum e beagan ath-dhealbhachadh a dhèanamh an siud 's an seo m.e. ma tha teacsa a' toirt an-àirde barrachd rùim na bha dùil, no ma tha duilleag ro "throm" le dealbhan agus bhidio - a' ciallachadh gun toir e ro fhada an duilleag fhosgladh air an sgrion.
Bidh an còdar, an dealbhaiche agus an riochdaire a' bruidhinn ri chèile tric fhad 's a tha an làrach ga leasachadh. Ma tha pàirt den làraich a' dol a dh' atharrachadh 's dòcha gum bi feum air sgil sònraichte bho gach duine airson an t-atharrachadh a thoirt gu buil.
Nuair a tha gach duine san sgioba (agus an neach-deasachaidh a tha os an cionn) riaraichte le na th' air an làraich agus mar a tha e a' coimhead agus ag obrachadh, thèid na duilleagan tro dheuchainn teicnigeach.
Gus an làrach a chur beò, bidh an còdar a' gluasad gach pasgain, duilleig, dealbh, pìos bhidio agus eile a th' air an làraich bhon server leasachaidh chun server beò – sin bbc.co.uk. Bhon mhionaid a thèid e beò, chì duine sam bith an làrach air an eadar-lìon - dìreach mar a tha thusa ga fhaicinn an-dràsta.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
General View - Dealbhan a tha a' toirt sealladh farsaing air àite no cuspair.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.