Flòraidh

Dà rud ùr

13mh Cèitean 2008 15:00, Flòraidh

Tha Del ag obair air 2 rud ùr airson na làraich. 'S e aon dhiubh seòrsa de chraobh-teaghlaich a sheallas an t-àite a th' aig gach ball san sgioba – cò tha ag obair air TBh, rèidio no an eadar-lìon agus cò tha dol à Shìona.

Feasgar an-diugh tha dùil 'am a dhol do na bùthan a dh' fhaighinn "ìomhaighean Albannach"! Tha G & M ag iarraidh rudan a thoirt leotha a sheallas do chlann-sgoile ann an Sìona co ris a tha Alba coltach. Dìreach rudan mar tablet, dealbhan de chrodh Ghàidhealach agus caistealan agus CDs de cheòl traidiseanta agus ùr.

Gerald

Fhuair sinn iad!

13mh Cèitean 2008 15:00, Gerald

Na bhìosan, tha mi a' ciallachadh.

Wow. Abair gu robh siud teann!

Ràinig mi na Consalachd ann an Dun Èideann gus na bhìosan a thogail nuair a dh' fhosgladh i aig naoi uairean sa mhadainn. Thuirt iad rium tilleadh aig 11.50 gus an togail. Ceart gu leòr.

Thill mi aig 11.30, dìreach airson a bhith cinnteach, oir tha an Consalachd a' dùnadh aig meadhan-là, a' fàgail 11.50 rudeigin teann. Nuair a ràinig mi aig 11.30, thuirt iad rium feitheamh mionaid no dhà eile. Bha sin ceart gu leòr, oir bha mi beagan tràth. Thàinig agus dh' fhalbh 11.30. Agus 11.45. Agus 11.50. Agus 12.

Chaidh èigheach orm mu dheireadh thall aig 12.10 agus dh' iarr iad an t-airgead orm. Ceart. Ach fuirich. Bha iad ag iarraidh £5 a bharrachd air na bh' agam nam phòcaid! Cha ghabhadh iad cairtean-creideis ach thuirt iad, nam bithinn luath, gum fuiricheadh iad fosgailte fhad' s a dheidhinn chun a' bhanca “faisg air làimh”. Faisg air làimh? Bha e co-dhiù mìle air falbh. Cha robh mi tric cho sgìth 's a bha mi a' tilleadh don Chonsalachd an latha sin 's mi feuchainn ri anail a tharraing agus an luchd-obrach a' fanaid orm. 'S beag an t-iongnadh, bha mi nam bhùrach! An teachdaireachd? Cùm falainn agus seachain na criosps agus na DVDs!

Co-dhiù, tha na bhiosan againn, tha stampa snasail ùr san cead-siubhail agam agus bidh mi dèanamh air Sìona a-màireach! Hurrah!

Laura

Stràcan bun-os-cionn

13mh Cèitean 2008 16:30, Laura

Tha trioblaidean mòra air a bhith agam le na stràcan san teacsa Ghàidhlig. Cha robh iad a-nochdadh air an sgrion mar bu chòir. Ach abair gu robh Sean na chuideachadh - 's e abair gu robh e foighidneach! Co-dhiù, fhuair sinn air a cheartachadh 's tha an teacsa a' coimhead gu math snasail a-nis. Dealbhan gleansach is bhidio no dhà agus bidh sinn an ìre mhath deiseil airson a dhol beò. Tha fadachd mhòr orm a-nis.

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Bhìosa

Cead a dhol a-steach a dhùthaich air a thoirt seachad le riaghaltas na dùthcha, air a shealltainn le duilleag nad chead-siubhail.

Consalachd

Oifis dùthcha a tha stèidhichte ann an dùthaich eile.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.