22mh Giblean 2008, Laura

Bha coinneamh agam fhìn 's aig Cathaidh còmhla ri Flora an-diugh. Bidh Flora a' dèanamh an aon seòrsa obrach riumsa, ach air an làraich Bheurla.
Sheall i dhuinn an obair a tha an dealbhadair, Del, air a dhèanamh gu ruige seo, agus cuid de na beachdan a bh' aice fhèin airson na làraich, mar craobh-teaghlaich an sgioba riochdachaidh. Dh'aontaich sinn gum biodh a h-uile càil air an robh sinn a' beachdachadh freagarrach don làraich Ghàidhlig - abair faochadh!
Faodaidh sinn a-nis tuilleadh smaoineachadh a dhèanamh a thaobh susbaint na làraich - tha e tòrr nas fhasa nuair a tha beachd agam co ris a bhios i coltach.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.