BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Saoranachd: A' cleachdadh Deamocrasaidh

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Saoranachd

Deamocrasaidh
Earrann 1
Caibideil 1
Caibideil 2

Earrann 2
Caibideil 1
Caibideil 2

Bòrd-brath
Ceanglaichean
Tidsearan


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!


A' cleachdadh notaichean tidseir Saoranachd - A' cleachdadh Deamocrasaidh

Clò-bhuailSgrìobhte le Niall Scott, Tidsear Prìomh 7, Bunsgoil Hills Trust Glaschu

Ro-ràdh


Fàilte gu Ionad Coimhearsnachd Inbhir Chlàir! 'S e deagh dhòigh air a' chuspair cho-fhillte, deamocrasaidh, a thoirt a-steach a th' anns an làraich seo. Faodar a cleachdadh mar cheum gu leasanan mu Pàrlamaid na h-Alba agus gu eisimpleirean eile de dheamocrasaidh.

Chaidh, Saoranachd - A' Cleachdadh Deamocrasaidh a dhealbh gus cuideachadh le teagasg ìrean C is D, Eòlas Àrainneachd, Comann-sòisealta, Saidheans is Teicneòlas le fòcas sònraichte air Eòlas is Tuigse - Daoine anns A' chomann-shòisealta. Faicibh duilleagan 35-37 de Stiùireadh Nàiseanta Eòlas Àrainneachd airson tuilleadh fiosrachaidh:
http://www.ltscotland.org.uk/5to14/files/guidelinesenvironmental.pdf


Tha dà phrìomh earrann air an làraich seo:

a' tighinn gu co-dhùnadh cothromach
a' bhòtadh.

Tha e cudthromach gun tèid innse dhan chloinn nuair a tha iad a' rannsachadh nan earrann eadar-dhealaichte is charactaran gum feum iad a h-uile càil a leughadh. Cuidichidh càraideachadh is a bhith ag iarraidh orra òraidean caractaran eadar-dhealaichte a leughadh len tuigse. Cuidichidh co-leughadh leughadairean nach eil cho èasgaidh.

Choilean an clas P7(B6) agam na h-eacarsaichean air an làraich seo gu soirbheachail.


Ro-phlana

Tha an làrach seo ag amas air ìrean C is D. Faodaidh atharrachadh a bhith anns na leasanan-taice a rèir dè cho domhainn 's a tha an tidsear airson a dhol. Uaireannan bha an clas P7 agam a' dol thairis gu ìrean E is F agus, mar a shaoileadh, gu earrainnean eile den churraicealam.

Eòlas is Tuigse - Daoine ann an Comann-sòisealta


GnìomhanDaoine is feumalachdan ann an
comann-sòisealta
Riaghailtean, còirichean is dleastanasan ann an
comann-sòisealta
Strì agus co-dhùnadh ann an
comann-sòisealta
12341231234
Duais
gnìomh airgid
A' taghadh ceannard
Comhairle sgoile (gnìomh a dh'fhaodar dèanamh)
A' cur fios gu BP mu chùis ionadail (gnìomh a dh'fhaodar dèanamh)
A' tadhal air Pàrlamaid na h-Alba (gnìomh a dh'fhaodar dèanamh)

Iall
Daoine is feumalachdan ann an comann-sòisealta


A' faighinn tuigse air feumalachdan pearsanta is sòisealta agus an ceangal ri cùisean eaconomach.


Ìre C
1. Innis an diofar eadar feumalachdan is dìth.
2. Mol dòighean anns a bheil daoine fa leth, teaghlaichean is coimhearsnachdan a' cuideachadh le bhith a' coinneachadh feumalachdan is ri cuideachadh chàich m.e. buidhnean cùram slàinte, teaghlaichean leudaichte, etc.

Ìre D
3. Mìnich mar a tha feumalachdan eadar-dhealaichte aig buidhnean is cultaran eadar-dhealaichte m.e. seann daoine, daoine gun obair.
4. Thoir cunntas sìmplidh air mar a tha cuid de sheirbheisean poblach air am maoineachadh, m.e. amar-snàimh, cruinneachadh sgudal.

Iall
Riaghailtean, còirichean is dleastanasan ann an comann-sòisealta


A' faighinn tuigse air còirichean is dleastanasan dhaoine fa leth is bhuidhnean ann an comann-sòisealta dheamocraiteach.


Ìre C
1. Thoir cunntas air riaghailtean eadar-dhealaichte an co-cheangal ri suidheachaidhean eadar-dhealaichte, m.e. riaghailtean foirmeil/neo-fhoirmeil airson sàbhailteachd phearsanta, etc.
2. Mol dòighean anns am faod iad cur ri cùram chàich is meas a bhith aca dhe na faireachdainnean/beachdan.

Ìre D
3. Mol cuid de na còirichean is dleastanasan a th' aig saoranach ann an deamocrasaidh.


Iall
Strì is co-dhùnadh ann an comann-sòisealta


A' faighinn tuigse air strì is air dòighean co-dhùnaidhean, a' gabhail a-steach buaidh nam meadhanan.


Ìre C
1. Thoir cunntas air na dòighean anns am faod daoine pàirt a ghabhail ann a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte - sa sgoil, ann an obair, sa choimhearsnachd.
2. Sònraich prìomh thaobhan taghaidh aig ìrean ionadail is nàiseanta, m.e. luchd-bhòtaidh, iomairt, tagraichean, bogsa-baileit, etc.
Ìre D
3. Thoir cunntas sìmplidh air mar a tha riochdairean air an taghadh is air an seòrsa obrach a tha iad a' dèanamh, m.e. comhairlichean ionadail, buill pàrlamaidean na h-Alba, Bhreatainn agus Eòrpach.
4. Thoir cunntas air na dòighean anns am faod na meadhanan buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean pearsanta.



Na th' air an làraich

Earrann 1Earrann1

Rè gnìomh "duais airgid" bidh a' chlann a' gabhail pàirt ceannaird an ionaid coimhearsnachd agus feumaidh iad a thighinn gu co-dhùnadh mu cò a gheibh an sochair. Tha ceistean a' charactair seo anns na builgeanan còmhraidh glasa. Dh'fhaodadh aon sgoilear seo a leughadh fhad 's a bhios an sgoilear eile a' leughadh facail riochdaire a' chluba. Tha na co-dhùnaidhean doirbh a dh'aona ghnothaich. An dèidh dhan chloinn riochdairean a' chluba gu lèir a choinneachadh faodaidh iad tilleadh don chlas is deasbad a dhèanamh mu càit am bu chòir dhan airgead a dhol air neo dh'fhaodadh iarraidh orra an co-dhùnaidhean a ruighinn is tilleadh dhan chlas a dh'innse toradh an co-dhùnaidh. Faicibh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba airson notaichean air mar bu chòir deasbad a chumail - tha na stuthan clò-bhuailte air an làraich sònraichte feumail cuideachd http://www.scottish.parliament.uk/educationservice/enviro-studies.html.
Mar a thadhalas iad air gach riochdaire tha notaichean ann dhaibh ris am faod iad sealltainn nuair a tha iad a' tighinn gu co-dhùnadh. Nuair a thig iad mu dheireadh gu co-dhùnadh faodaidh iad beachdan buntainneach nan clubaichean a leughadh. Bidh cuid de na beachdan sin dearbhach is cuid àicheach.


Earrann 2Earrann 2

Tha seo mu bhith a' taghadh ceannard airson Club a chiùil Roc, Rap agus Sgraids. Tha triùir thagraichean ann agus, gus faighinn fiosrachadh mun deidhinn, feumaidh a' chlann bruthadh orra. Nuair a nì iad seo nochdaidh trì bogsaichean ri taobh a' charactair; 's e dealbhan beò a th' ann an aon dhiubh a' sealltainn rudeigin buntainneach mun charactar; 's e Cunntas-beatha a th' ann an aon dhiubh (feumar innse do cuid den chloinn dè a th' ann an cunntas-beatha) agus 's i òraid bheag a th' anns an treas bogsa far a bheil an tagraiche ag innse na nì e gus an club a dhèanamh nas fheàrr. 'S e "Manifesto", a dh'fhaodas a bhith air fhoillseachadh nuair a tha leasanan a' chlas a' dèiligeadh ri taghaidhean Pàrlamaideach, a th' anns an ath dhà bhogsa. Dh'fhaodadh an earrann seo deasbad adhbhrachadh sa chlas air neo dh'fhaodadh a' chlann aithris don chlas le co-dhùnaidhean dèante. Nuair a tha iad air ceannard a thaghadh faodadh iad sealltainn ri "buileachadh" beag a tha a' comharrachadh nithean matha is dona mun cho-dhùnadh aca.

Ann an Earrainn 1 is Earrainn 2 tha notaichean sam bith a dh'fheumar airson a thighinn gu co-dhùnadh anns an leabhar-aithris. Gheibhear thuca sin dìreach bhon phrìomh dhuilleig le bruthadh air uinneig na h-"oifis" air neo tha iad ri faotainn taobh a-staigh gach gnìomha. Gabhaidh iad an clò-bhualadh is an cleachdadh sa chlas.


A thuilleadh air an dà phrìomh ghnìomh tha trì bheag-earrannan eile ann:



Bòrd brath
Bòrd-brath far am faod clann notaichean a phostadh mu gnìomhan saoranachd sam bith a chuir iad air dòigh no anns an do ghabh iad pàirt. Dh'fhaodar seo a chleachdadh airson toraidhean conaltraidh ri BPA, BP etc (faicibh gu h-ìosal) fhoillseachadh. 'S e roinn fìor-mhath a th' ann airson foillseachadh mar a rinn an clas diofar san sgoil no a-muigh sa choimhearsnachd! Tha e cudthromach, ann a bhith a' teagasg Saoranachd, sealltainn gu bheil iad nam pàirt de choimhearsnachd nas fharsainge agus gu bheil na beachdan aca a' faighinn èisteachd is gan gnìomhachadh.

Cuimhnichibh nach eil am bòrd-brath a' cleachdadh post-dealain is nach eilear ag iarraidh ainmean is seòlaidhean mionaideach. A thuilleadh air sin thathas a' leughadh nam beachdan a thig a-steach, gan deasachadh ma dh'fheumar is mu dheireadh gam postadh air an làraich leis a' BhBC.





cheanglaichean
Ceanglaichean gu làraich saoranachd iomchaidh eile. Tha cuid dhiubh leis a' BhBC, cuid nach eil.


Tha an earrann mu dheireadh ag iarraidh air a' chloinn deasbad is bhòtadh a dhèanamh air cuspair. Nuair a tha iad air co-dhùnadh a ruighinn faodaidh iad am beachdan a chur a-steach gun bhòrd-brath. Tha an cuspair ag atharrachadh gu tric is chithear e a' cur char air bratach a' phlèana air an duilleig-dachaigh.


Gnìomhan a bharrachd

Seachdain Comhairle na Sgoile


1. Tha balach is nighean bho gach clas mar as tric air Comhairlean Sgoile, a' dèanamh an-àirde "Buidheann Gnìomhachais" a dh'fhaodas coinneachadh gach seachdain, cola-deug no mìos.

Dh'fhaodadh ullachadh airson taghaidhean seachdain a thoirt - 's e deagh "ro-ghnìomh" a th' ann aig toiseach bliadhna sgoile.

Bu chòir bhòtadh airson buill clasa a bhith a rèir Taghadh Albannach, m.e. bu chòir do thagraichean iomairtean a chur air bhog le cuideachadh bho luchd-taice taghte (an fheadhainn sa chlas nach robh airson seasamh mar thagraichean). Rè nan iomairtean faodaidh na tagraichean postairean is ròsan-broillich a dhèanamh.

Faodar manifesto a dhèanamh - faodaidh iad sin a bhith cho sìmplidh is cho iom-fhillte 's a thogras an tidsear. Tha pàrtaidhean poileataigeach Riaghaltas na h-Alba gu lèir deònach eisimpleirean de an manifestos a chur a-mach - tha dreachan sìmplidh cloinne aig cuid dhiubh.

Faodar sgrìobhadh ìmpidheach a thoirt a-steach rè a' phàirt seo dhen iomairt, gus cuideachadh le òraidean is manifestos.

Faodar "Hustings" clasa a chumail air an latha ron taghadh, far an lìbhrig gach tagraiche òraid is dh'fhaodadh ceist (dhearbhte) a bhith aig gach ball sa chlas airson a chur orra.

Bu chòir na taghaidhean fhèin a dhèanamh cho fìor 's a ghabhas. Bu chòir bileag bhòtaidh stampte a thoirt dhan luchd-bhòtaidh le ainmean nan tagraichean (bhon chlas aca fhèin) Bu chòir innse carson a tha na bileagan-bhòtaidh stampte (m.e. airson tèarantainteachd) agus bu chòir bothag-bhòtaidh a bhith aca airson na bhòt dhìomhair aca. Nuair a tha an t-oifigear-bhòtaidh a' gairm nam buannaichean bu chòir an àireamh bhòtaichean an urra a chumail dìomhair gus nach tèid feadhainn a ghoirteachadh.


2. Mur eil comhairle anns an sgoil dh'fhaodar na h-aon dhòighean a chleachdadh gus comataidh clasa a stèidheachadh. Dh'fhaodadh fiosrachadh a thoirt don chomataidh seo mu bhith a' dèanamh a' chlas rum na àite nas fheàrr is dh'fhaodadh iad an leabharlann a chur air dòigh, cuairtean a stèidheachadh airson gnìomhan-clasa is teachdaireachdan gun Cheann-sgoile, le molaidhean airson na sgoile, a chur air dòigh.

3. 'S e gnìomh glè fheumail a th' ann cùis mun sgoil a thogail le ball de Phàrlamaid na h-Alba. Faodaidh a' chlann bhòtadh air cò am BPA ris a bheil iad airson dèiligeadh is faodadh iad sgrìobhadh no post-dealain a chur thuca le na h-uallaichean a th' orra. Dh'fhaodadh uallaichean gabhail a-steach, ceàrnaidhean-cluiche, dìth amair-snàimh, sàbhailteachd rathaidean, gannrachadh chon, sgudal, biadh-sgoile. Aon uair 's gu bheil iad air sgrìobhadh gun BPA dh'fhaodadh iad coimhead ciamar a ghabhadh cuairt chun Phàrlamaid a chur air dòigh. Aon uair 's gun tèid fios a chur thuca faodaidh BPA tursan clasa a chur air dòigh is tha cuid dhiubh deònach a' chlann a thoirt timcheall. Bidh iad cuideachd a' cur goireasan air dòigh airson lòin-pacte agus cuiridh a' mhòr-chuid seiseanan cheistean/freagairtean air chois. (faodadh clann ceistean a chur orra mu an uallaichean sònraichte aca fhèin agus/no uallaichean mun sgìre aca fhèin air neo dh'fhaodadh iad dìreach faighneachd mu bheatha thrang BPA!)

Cuimhnichibh-tha an Seòmar Deasbaid dùinte dhan t-sluagh aig amannan sònraichte. Rannsaichibh ro làimh mu cuin a tha e fosgailte.

Gheibhear mòran fiosrachaidh mu phlanadh thursan air:
http://www.scottish.parliament.uk/visitor/index.htm


4. Faodaidh clann taisbeanadh balla a dhèanamh cuideachd a' sealltainn nan diofar riochdairean a tha san sgìre aca, m.e. BPA, MP, Comhairlichean is Comhairlichean Sgoile. Faodaidh iad leughadh mun deidhinn uile. Faodar geàrr-chunntasan air manifesto nan riochdairean-clasa a chur còmhla ri na dealbhan dhiubh. Faodaidh iad cuideachd deasbadan anns an robh am BP/BPA an sàs a lorg le sealltainn ri làraich-lìn na Pàrlamaid.
Seallaibh ri:

http://www.scottish.parliament.uk/msps/index.htm
airson liosta BPA

http://www.parliament.uk/directories/directories.cfm
airson liosta BP

http://wwwdb.europarl.eu.int/ep5/owa/p_meps.short_list?ilg=EN&ictry=GB&ipolgrp=&iorig
airson liosta BPA

http://directory.google.com/Top/Regional/Europe/United_Kingdom/Scotland/Government/Local_Councils/
airson liosta de chomhairlean ionadail is an làraich-lìn.


Mar a gheibhear an fheum as fheàrr às an làraich seo

Gabhaidh fuaim na làraich seo air fad a chur air is dheth le bruthadh air ìomhaigh air/dheth.


Feumaidh tu Flash player ùr airson eileamaidean eadar-ghnìomhail is beòthail na làraich seo fhaicinn. Tha am bathar-bog seo air a' mhòr-chuid de choimpiutairean ùra. Ach ma tha thu ag obair air seann choimpitair dh'fhaodadh gum feumadh tu do Flash player ùrachadh. Gabhaidh seo a dhèanamh gu sìmplidh, gu sàbhailte is saor 's an-asgaidh bhon cheangal seo:

http://www.bbc.co.uk/webwise/askbruce/articles/download/howdoidownloadflashplayer_1.shtml


Mur faigh thu air Flash player ùr a thoirt a-nuas na gabh dragh. Tha an dreach HTML den làraich seo a' còmhdach an ionnsachaidh gu lèir. Ann a bhith a' cleachdadh an dreach HTML tha thu a' call nam beothantachdan, nam fuaimean agus nan eileamaidean eadar-ghnìomhail eile ach gheibh a' chlann fèin-fhiosrachadh beartach, duaiseil tro "Saoranachd - A' cleachdadh Deamocrasaidh".



Airson tuilleadh fiosrachaidh mu toirt a-nuas is mu roinnean-lìn co-cheangailte eile rachaibh gu :

http://www.bbc.co.uk/webwise/askbruce/


SEÒRSA RIAGHALTAIS
Dè am prògram TBh air an coimhead do theaghlach a-nochd.
Deamocrasaidh Dìreach
Mar a tha sgioba ball-coise eadar-nàiseanta na h-Alba air a ruith.
Deachdaireachd ('s e facal a' mhanaidseir tha cunntadh!)
Turas na sgoile.
Iar-fhlaitheas (tha tidsearan, luchd-cuideachaidh is pàrantan ag innse far an tèid thu is dè a nì thu!)
Alba.
Deamocrasaidh Riochdail


Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy