Tha measgachadh de sgilean agam a tha a' ciallachadh gum bithinn freagarrach airson dreuchd neach-stiùiridh Roc, Rap agus Sgraids. Tha mi uabhasach math air a bhith ag èisteachd ri daoine. Chan eil eagal orm ro obair chruaidh agus tha mi earbsach.
Tha mi an-dràsta ag obair pàirt-ùine aig taigh-dealbh. Tha e an urra riumsa tiocaidean a thional, taisbeanaidhean a chur air dòigh agus daoine a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh an slighe mun chuairt. Bidh mi cuideachd a' toirt taic don mhanaidsear le clàran-obrach. Tha mi a' smaoineachadh gum biodh seo feumail ann an dreuchd neach-stiùiridh a' chlub.