| GNÌOMHAN DUILLEAG-LÌN | IALLAN | CUIMSEAN COILEANAIDH | BUILEAN IONNSACHAIDH | MEASADH |
| LOIDHNE-TÌM | Daoine san àm a dh'fhalbh-Tìm is ruith eachdraidheil Ìre C | Cuir sreath thachartasan len cinn-là ann an òrdugh eachdraidheach. Cleachd na facail "deichead" is Mìle bliadhna" sna dòighean ceart. | Thèid aig sgoilearan air cinn-là prìomh thachartasan Fuadach nan Gaidheal a chur air loidhne-tìm.. | A' cur thachartasan gu ceart air loidhne-tìm. |
| CINNIDHEAN | Daoine san àm a dh'fhalbh-Daoine, tachartasan is comainn cudthromach san àm a dh'fhalbh.Ìre D | Thoir cunntas air iomadachd dhòighean-beatha dhaoine san àm a dh'fhalbh. | Tuigidh sgoilearan structar nan cinnidhean Gaidhealach. | Amhairc air a' chloinn fhad 's a tha iad a' beachdachadh. |
 | Daoine san àm a dh'fhalbh - Daoine, tachartasan is comainn cudthromah san àm a dh'fhalbh - Ìre D | Thoir cunntas air nithean mu dheidhinn chomainn, dhaoine is thachartasan bhon àm a dh'fhalbh is innis carson, 's dòcha, a dh'fhaodadh iad a bhith air am meas cudthromach. | | |
| COINNICH AN CINNEADH | - Daoine san àm a dh'fhalbh - Daoine, tachartasan is comainn cudthromah san àm a dh'fhalbh Ìre C | Thoir cunntas air iomadachd dhòighean-beatha dhaoine san àm a dh'fhalbh. | Cuiridh sgoilearan aithne air daoine ficseanach a bha beò aig àm Fuadach nan Gaidheal. | 1 Amhairc air sgoilearan 's iad a' cur aithne air caractaran eadar-dhealaichte. 2 Cuir ceistean air na sgoilearan mu na caractaran eadar-dhealaichte sin. |
| BAILE GAIDHEALACH 1800 1 Am broinn taigh-croite 2 Air taobh a-muigh taigh-croite 3 Caisteal 4 Eaglais 5 Feannagan | - Daoine san àm a dh'fhalbh - Daoine, tachartasan is comainn cudthromach san àm a dh'fhalbh Ìre C | Thoir cunntas air iomadachd dhòighean-beatha dhaoine san àm a dh'fhalbh | Bidh sgoilearan air an dèanamh mothachail air na diofar dhòighean anns an robh daoine beò, mar eisimpleir taighean is obair. Ionnsaichidh iad mu chaochladh nithean bhon àm, mar eisimpleir àirneis, stuthan is biadh. | 1 Gèam Brùth is Tarraing-feumaidh a' chlann na buill, aodach is biadh a mhaidseadh ris an uachdaran bheartach no ris an tuathanach màil.2 Tòimhseachan a' bhaile Ghaidhealaich (Ìrean1 - 3), - feumaidh a' chlann 3 ceistean ioma-roghainneach air fiosrachadh bhon làraich-lìn a fhreagairt airson gluasad chun ath ìre.Faodaidh a chlann teisteanas a chlò-bhualadh ma chuireas iad crìoch cheart air an tòimhseachan. |
 | Daoine ann an Comann-Daoine is feumalachdan ann an comann.Ìre C | A' leasachadh tuigse air feumalachdan fa leth is feumalachdan sòisealta agus an dàimh ri cùisean eaconomach. | | |
| UACHDARAIN | Daoine san àm a dh'fhalbh -daoine, tachartasan is comainn chudthromach san àm a dh'fhalbh.Ìre D | Thoir cunntas air cuid de nithean mu chomainn, dhaoine is thachartasan bhon àm a dh'fhalbh agus thoir beachd air carson a bhathas gam meas cudthromach.. | Gheibh sgoilearan tuigse air seallaidhean is beachdan chaochladh dhaoine rè àm nam Fuadaichean. | Amhairc is èist ri seallaidhean is beachdan na cloinne. |
 | Daoine san àm a dh'fhalbh -daoine, tachartasan is comainn chudthromach san àm a dh'fhalbhÌre E | 1 Mìnich adhbharan is gnìomhan dhaoine ann an suidheachaidhean sònraichte eachdraidheil.2 Mìnich na beusan no na beachdan a bha a' comharrachadh chaochladh chomann san àm a dh'fhalbh. | | |
 | Daoine ann an Comann-Daoine is feumalachdan ann an comann.Ìre C | A' leasachadh tuigse air feumalachdan fa leth is sòisealta. | | |
| CUID | Daoine ann an Comann-Daoine is feumalachdan ann an comann. Ìre C | A' leasachadh tuigse air feumalachdan fa leth is sòisealta. | Tro chòmhradh tha a' chlann a' taghadh 5 nithean a bheireadh iad leotha nam b' e is gun robhas gam fuadach san là an-diugh. | Amhairc is èist ri seallaidhean is beachdan na cloinne.An urrainn dhaibh na nithean a tha iad airson a thoirt leotha fhìreanachadh? |
| FUADAICHEAN 1814 | Daoine san àm a dh'fhalbh -daoine, tachartasan is comainn chudthromach san àm a dh'fhalbh. Ìre D | Thoir cunntas air cuid de nithean mu chomainn, dhaoine is thachartasan bhon àm a dh'fhalbh agus thoir beachd seachad air carson a bhathas gam meas cudthromach. | 1 Leasaichidh sgoilearan an tuigse air seallaidhean is beachdan chaochladh dhaoine rè àm nam fuadaichean. 2 Sgrìobhaidh sgoilearan cunntas pàipeir-naidheachd stèidhicht' air an fhiosrachadh a chaidh a thoirt dhaibh mu na fuadaichean. Faodar seo a chlò-bhualadh.3 Leasaichidh sgoilearan tuigse air còirichean is uallaichean sònraichte is coitcheann ann an comann deamocraitigeach. | 1Gèam "Lorg -Slighe" feumaidh a' chlann crìoch cheart a chur air gèam, a' cruinneachadh cuid an teaghlaich a chaidh fhuadach. 2 Tòimhseachan nam Fuadach, (Ìrean 1 - 3), -feumaidh a' chlann 3 ceistean ioma-roghainneach air fiosrachadh bhon làraich-lìn a fhreagairt airson gluasad chun ath ìre.Faodaidh a' chlann teisteanas a chlò-bhualadh ma chrìochnaicheas iad an tòimhseachan gu ceart. |
 | Daoine san àm a dh'fhalbh -daoine, tachartasan is comainn chudthromach san àm a dh'fhalbh Ìre E | 1 Mìnich adhbharan is gnìomhan dhaoine ann an suidheachaidhean sònraichte eachdraidheil. 2 Mìnich na beusan no na beachdan a bha a' comharrachadh chaochladh chomann san àm a dh'fhalbh. . | | |
 | Daoine ann an Comann-Daoine is feumalachdan ann an comann. Ìre C | Leasaich tuigse air feumalachdan fa leth is feumalachdan sòisealta agus an dàimh ri cùisean eaconomach. | | |
 | Daoine ann an Comann- Riaghailtean, còirichean is uallaichean ann an comann. Ìre C | 1 Thoir cunntas air riaghailtean eadar-dhealaichte a tha a' dèiligeadh ri suidheachaidhean eadar-dhealaichte. 2 Tabhann cuid de chòirichean is uallaichean neach ann an deamocrasaidh. | | |
 | Daoine ann an Comann- Riaghailtean, còirichean is uallaichean ann an comann. Ìre D | 1 Mìnich carson a thathas a' dèanamh riaghailtean ann an comann. 2 Tabhann cuid de chòirichean is uallaichean neach ann an deamocrasaidh. | | |
| MAPA AN T-SAOGHAIL | Daoine is Àite-A' cleachdadh mhapaichean. Ìre C | Leudaich am mapa inntinneil nas fhaide le bhith a' comharrachadh àiteachan san t-saoghal air mapa no cruinne. | Bidh sgoilearan comasach air àiteachan don deach na fògarraich a chomharrachadh air mapa den t-saoghal, gu h-àraidh Canada, bailtean mòra na h-Alba, na h-Innsean, Astràilia, Sealainn Nuadh agus Afraga a Deas . | Comharraich mapa den t-saoghal gu ceart. |
| BEATHA ÙR 1821 1 Beatha air a' chost 2 Beatha sa bhaile mhòr 3 Beatha ann an Canada 4 Beatha air Ghaidhealtachd | Daoine san àm a dh'fhalbh - Caochladh is leantaileachd, adhbhar is buaidh Ìre C/D | Leasaich tuigse air adhbhar is buaidh shuidheachaidhean eachdraidheil. | 1 Gheibh sgoilearan tuigse air seallaidhean is faireachdainnean chaochladh dhaoine an dèidh nam fuadaichean - sgrìobhaidh sgoilearan caochladh litrichean, mar aon de na fògarraich, ag innse co ris a tha a' bheatha ùir aca coltach. | 3 Gèam clèithe-feumaidh a' chlann soitheach a sheòladh gu sàbhailte thar a' chuain à Alba gu Aimeireaga, a' freagairt cheistean "ceart no ceàrr" air an t-slighe. 1 Tòimhseachan Ùr 2 Beatha Ùr,(Ìrean 1 - 3). feumaidh a' chlann 3 ceistean ioma-roghainneach air fiosrachadh bhon làraich-lìn a fhreagairt airson gluasad chun ath ìre.Faodaidh a' chlann teisteanas a chlò-bhualadh ma chuireas iad crìoch cheart air an tòimhseachan. |
 | Daoine san àm a dh'fhalbh -daoine, tachartasan is comainn chudthromach san àm a dh'fhalbh Ìre D | Thoir cunntas air nithean co-cheangailte ri comainn, daoine is tachartasan bhon àm a dh'fhalbh agus thoir beachd air carson a dh'fhaodadh iad a bhith air am meas cudthromach. | | |
 | Daoine ann an Comann-Daoine is feumalachdan ann an comann.Ìre C | Leasaich tuigse air feumalachdan sònraichte is coitcheann is air an dàimh ri cùisean eaconomach. | | |