Notaichean TidseirMòr-shealladh na làraichTha an làrach seo a’ toirt cothrom do sgoilearan nuadh-cheòl Alba a rannsachadh ann an dòigh a tha ùr agus eadar-ghnìomhach. Tha e a’ còrdadh ris a’ chloinn a bhith ag ionnsachadh san dòigh seo agus tha iad a’ leasachadh eòlas is tuigse agus sgilean rannsachaidh tro Theicneòlas Fiosrachaidh. Gheibh sgoilearan cothrom air fiosrachadh a chur ris an eòlas a th’ aca air dualchas ciùil agus dh’fhaodadh gun cuidich e iad gu bhith a’ leasachadh am beachdan air na cùisean sin nam fèin-aithne nàiseanta. Ged as ann air ceòl as motha a tha an làrach a’ bualadh, tha an comas ann taic a chumail ri ionnsachadh thar a’ churraicealam ann an grunnan chuspairean eile, agus amas air na ceithir comasachdan sa Churraicealam airson Sàr-mhathas. Tha am Plana a’ sealltainn nan ceanglaichean seo ach tha e cuideachd a’ toirt iomradh air curraicealam 5 – 14. Chaidh an làrach a dhealbh do sgoilearan ann an clas 6 agus 7 no aig ìre C/D ann an 5 - 14. Faodar an làrach seo a chleachdadh còmhla ri na 3 prògraman ciùil san sreath Air Ghleus, “Seann Òrain Ùra,” “Dòighean Eile” agus “Seall Seo”. Faodar an làrach a roinn na 5 raointean rannsachaidh:
Deasga a’ mheasgachaidh - Dè an obair a th’ ann?A’ sealltainn mar a bhios grunnan ionnsramaidean ciùil ag obair còmhla gus fuaim sònraichte gach pìos ciùil a chruthachadh. A’ nochdadh na tha gach ionnsramaid a’ cur ris an fhuaim san fharsaingeachd sa mheasgachadh le bhith a’ toirt cothrom gach ionnsramaid a chur ris, a thoirt air falbh no atharrachadh. A’ cur trì òrain à dualchas na h-Alba fa chomhair nan sgoilearan: “Alasdair Mhic Cholla Ghasta”, “Fareweel Tae Tarwathie” & “Ciad Turas Mhic Dhòmhnaill A Ghlaschu (When I Came to Glasgow First)”. A’ roinn “prìomh mheasgachadh” an riochdaire de gach òran. A’ mìneachadh ciamar agus carson a chaidh a mheasgachadh san dòigh seo. A’ toirt cothrom do sgoilearan am measgachadh a rannsachadh is atharrachadh a’ cleachdadh innealan-smachd sìmplidh. A’ toirt lorg dhan chloinn air am faod iad clàradh a dhèanamh agus a chluich air ais.
Ciamar a dh’fhaodainn seo a chleachdadh?An dèidh rannsachadh san raon seo, dh’fhaodaist iarraidh air a’ chloinn measgachadh a rinn iad de dh’ aon òran a riochdachadh ann an graf no diagram. Bu chòir gun sealladh an riochdachadh fradharcach gu soilleir dè na dh’fheumar de gach ionnsramaid airson a’ mheasgachaidh as fheàrr. Dh’fhaodaist seo a choimeas ri measgachadh an riochdaire agus measgachadh nan sgoilearan eile sa chlas. Brosnaich a’ chlann gu bhith a’ gabhail riochd “prìomh neach-measgachaidh” fhad ’s a bhios iad a’ cleachdadh a’ ghoireis seo. Thoir tìde dhaibh seo a dhèanamh ann an càraidean – beachdaich orra bho phìos air falbh mas urrainn dhut, agus na bris a-steach nas lugha na dh’fheumas tu no ma chì thu gu bheil obair a’ tighinn gu ìre a dh’fhaodadh a sealltainn do dhaoine eile – faodaidh na sgoilearan a dhol an riochd phearsachan “ainmeil, fasanta, teicnigeach bho na meadhanan” no a dhol an riochd nach eil na ghnàth-ìomhaigh cho mòr a nochdas riochd aig sàr ìre agus leasachadh caractair. Tha an obair seo a’ toirt cothrom dha na sgoilearan an t-eòlas a tha aca a chur an cèill ann an dòigh chruthachail is neo-fhoirmeil, agus cothrom dha na tidsearan a bhith a’ beachdachadh agus a’ measadh. ’S e an dòigh as fhasa seo a dhèanamh leigeil le na sgoilearan na measgachaidhean aca a roinn ram measg a chèile agus bruidhinn mu na rinn iad, carson a rinn iad e agus a’ bhuaidh a tha iad a’ smaoineachadh a bheir e air an neach-èisteachd. Bu chòir measadh chomhaoisean a dhèanamh gus gum faigh a’ chlann cothrom bruidhinn ri chèile agus am beachdan a thoirt air na roghainnean a chaidh a dhèanamh.
Sgeulachd an òrain - Dè an obair a th’ ann?A’ sealltainn ìomhaighean dhan chloinn de shianar luchd-ciùil à Alba. A’ cleachdadh phìosan èisteachd ach an cluinn a’ chlann an luchd-ciùil a’ bruidhinn mun cheòl aca. A’ mìneachadh sgeulachd gach òrain agus dè na rudan a thug buaidh air.
Ciamar a dh’fhaodainn seo a chleachdadh?Iarr air a’ chloinn an neach-ciùil no am pìos ciùil as fheàrr leotha a thaghadh agus aithisg ghoirid a sgrìobhadh. Sgrìobh WILF (what I am looking for) air a’ bhòrd airson a bhith cinnteach gu bheil structair cànain aig a’ chloinn leis an obraich iad agus a chleachdas iad airson taghadh is rian a chur air brìgh na h-aithisg. Faodaidh na sgoilearan an uair sin aithisgean a chèile a chomharrachadh a’ cleachdadh shlatan-tomhais agus sgeama ceartachaidh sìmplidh. Iarr air a’ chloinn am pìos ciùil Albannach as fheàrr leotha a thoirt a-steach dhan sgoil. Èist ri nas urrainn dhut dhiubh sin san ùine (no na thu a’ smaoineachadh a bhios feumail/iomchaidh) agus bruidhinn air beachdan nan sgoilearan air ceòl “Albannach.” Iarr air sgoilear slatan-tomhais a’ chlas a chlàradh airson seo gus gun tèid aca air còmhradh clas a dhèanamh air fèin-aithne nàiseanta, gnàth-bheachdan air ceòl dualchasach na h-Alba, msaa. No, obair cànain/èisteachd do bhuidheann beag agus iarr air na sgoilearan bruidhinn, agus tighinn gu co-dhùnadh, mun sgeulachd no na cuspairean air cùl gach pìos ciùil. Dh’fhaodadh na buidhnean gu lèir am beachdan air gach pìos ciùil a chur an cèill agus na beachdan sin a choimeas an uair sin, NO dh’fhaodadh gach buidheann beachdachadh air aon phìos ciùil agus an uair sin freagairt nas mionaidiche a chur an cèill air an aon phìos sin. ’S dòcha gum b’fheàrr leat do thaghadh fhèin de cheòl Albannach a chleachdadh airson obair mar seo.
Ciamar a dh’fhaodainn seo a chleachdadh?Gus sgoilearan a bhrosnachadh gu bhith a’ rannsachadh dè a’ bhuaidh agus dè na smuaintean a nochd sna pìosan èisteachd. Am biodh an riochdachadh fradharcach aca fhèin coltach ri na dealbhan/bhidio a chaidh a shealltainn no nach bitheadh? Thoir iomadh seòrsa stuth ealain dha na sgoilearan airson a bhith a’ riochdachadh na h-ìomhaigh as fheàrr a tha a’ maidseadh na h-earrainn èisteachd. Bhiodh dathan-uisge, peanta ola pàipear-siùcair dubh/cartraids geal freagarrach airson seo, agus cuideachd collage de phàipear reubte. Iarr air na sgoilearan “faidhle èisteachd/fradharcach” beag a dhèanamh leis a’ cheòl as fheàrr leotha fhèin agus na h-ìomhaighean a tha a’ smaoineachadh a tha a’ maidseadh gu math. Dh’fhaodadh nach biodh an seo ach cruinneachadh de CDan le clàr-amais de lorgan sònraichte airson gum biodh e furasta an roinn còmhla ri càch, no dh’fhaodadh e bhith na chruinneachadh beag air cluicheadair teip/MP3 no CD/faidhle coimpiutair. Dh’fhaodadh na sgoilearan dealbhan fìor no didsiotach a chur ann, no obair ealain a dhèanamh iad fhèin, mar phàirt de thaisbeanadh lèir-chlaistinneach dhan chlas no dhan bhuidheann aca no dhan caraid. ’S dòcha gum biodh an obair seo cho sìmplidh ri bhith a’ roinn an fheadhainn as fheàrr leotha, no dh’fhaodadh an obair a bhith a’ leantainn air adhart le atharrachadh sna cuspairean no na seòrsachan ris am feum na sgoilearan ceangal a dhèanamh. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh tu iarraidh air a’ chlas aon phìos ciùil agus aon ìomhaigh, a tha iad dhen bheachd a tha dha-rìribh Albannach, a chruinneachadh. Dh’fhaodadh seisean de sgoilearan fa leth a’ sealltainn agus ag innse a bhith air a leasachadh gu bhith na thaisbeanadh clas do chàch, taisbeanadh, no clàradh de na cruinneachaidhean a’ cleachdadh powerpoint agus gan stòradh sin ann an cruth didsiotach airson gum faigh feadhainn eile cothrom orra – ’s dòcha gu bheil sgàilean ann an talla na sgoile air am faodadh tu an taisbeanadh a ruith air lùb?
Ionnsramaidean ciùil - Dè an obair a th’ ann?A’ sealltainn dhealbhan de dh’ ionnsramaidean a th’ air an cleachdadh ann an ceòl dualchasach na h-Alba. A’ cluich sampall de gach ionnsramaid Stuth airson ceisteachan a’ ceangal coltas nan ionnsramaidean ri na fuaimean aca.
Ciamar a dh’fhaodainn seo a chleachdadh?Ann an seòmar IT no clas – bhiodh cuid de sgoilearan ag obair leis a’ chuid seo dhen làraich fhad ’s a bhiodh cuid eile a’ dèanamh tarraing le peansail de dh’ eisimpleirean fìor de na h-ionnsramaidean no dh’fhaodadh iad dìreach a bhith ag obair agus a’ feuchainn a-mach nam fuaimean aca. Dh’fhaodadh sgilean ciùil a bhith air an leasachadh le bhith a’ feuchainn ri na fuaimean a chuala iad a dhèanamh iad fhèin. Sa chlas, an dèidh dha na sgoilearan a’ chuid seo làraich a chleachdadh, dh’fhaodadh iad barrachd rannsachaidh a dhèanamh air na h-ionnsramaidean seo, agus, an uair sin, modail de dh’ fhear a dhèanamh le cairt, siosar, sreang agus glaodh PVA.
Am mapa ciùil - Dè an obair a th’ ann?Tha 15 pìosan èisteachd ann de nuadh-cheòl à Alba. A’ nochdadh na tha sheòrsaichean cùil is òrain gan dèanamh air feadh Alba. A’ sealltainn eadar-dhealachaidhean eadar pìosan ciùil. A’ nochdadh eadar-dhealachaidhean ann an stoidhle eadar na pìosan ciùil à Alba.
Ciamar a dh’fhaodainn seo a chleachdadh?1. Leasan leis a’ chlas gu lèir no measgachadh de dh’ obair bhuidhnean agus, an uair sin, an clas a’ tighinn còmhla a chòmhradh – a’ cleachdadh bòrd geal eadar-ghìomhail airson èisteachd ri na pìosan ciùil agus a’ toirt beachd phearsanta air a’ cheòl. Cò leis as toigh e? Cò leis nach toigh? Carson? 2. An aon rud ’s a bha gu h-àrd ach a’ beachdachadh air na h-ionnsramaidean – ceistean – Dè an seòrsa ionnsramaid a th’ ann? Dè an seòrsa fuaim a tha i a’ dèanamh? Carson a thaghadh tu an ionnsramaid seo airson an fhuinn seo? 3. Cuir air dòigh obair chàraidean no obair neach fa leth an dèidh am map a rannsachadh. Iarr air an sgoilear aon phìos ciùil a thaghadh, èisteachd ris agus an uair sin beachd a thoirt air a’ cheòl tro dhealbhan a dhèanamh le pastailean air pàipear-siùcair dubh no ann am bàrdachd. 4. Tha a’ mhòr-chuid dhen cheòl san earrainn seo cuideachd freagarrach airson rannsachadh tro dhannsa is gluasad. Ma tha bòrd geal eadar-ghnìomhail sa chlas, ’s dòcha gum biodh tu airson àite farsaing, fosgailte ullachadh airson gum faigheadh na sgoilearan air gluasad mun cuairt. Dh’fhaodadh gum biodh an seòmar IT mòr gu leòr (le cuid dhen àirneis a ghluasad) airson dannsa fìor. No, iarr air na sgoilearan bruidhinn air am beachdan airson gluasadan dannsa freagarrach/seòrsachan/sunnd fhad ’s a tha iad ag èisteachd. An uair sin, iarr orra dannsa “maidsidh” a phlanadh/a sgrioptadh/a chur an òrdugh a’ cleachdadh Microsoft Word/Talking First Word/prògram teacsa eile no ’s dòcha Colour Magic no prògram tarraing eile far am faodadh iad cruthan, loidhnichean, dathan agus teacsa a chleachdadh gus an smuaintean a chur an cèill agus a chlàradh. Cuir na sgoilearan ann an càraidean no buidhnean de thriùir agus iarr orra gluasad a rèir ’s faireachdainn a’ chiùil. Feuch ris an obair a dhèanamh aotrom is spòrsail agus brosnaich freagairtean pearsanta agus cruthachail. Dh’fhaodadh na buidhnean gu lèir obrachadh air dannsa airson an aon phìos ciùil aig an aon àm (a’ cleachdadh na làraich mar a chaidh a nochdadh no a’ cleachdadh CD/luchdachadh a-nuas dhen aon phìos ciùil. No dh’fhaodadh tu obair a chur air dòigh far am bi gach buidheann a’ tadhal na làraich uaireigin agus ga cleachdadh gus an dannsa a bhrosnachadh is ullachadh. Dh’fheumadh uair a bhith air a chur air dòigh nas fhaide dhen t-seachdain airson ceòl agus dannsan a shealltainn dha chèile.
Plana / Ceangalaichean ris a' churraicealam
| Feartan na Làraich | Obair | Ealain Ghluasadach 5-14 Ìre C/D - Cuspair & Buil Coileanaidh | Curraicealam airson sàr-mhathais - An Dara Ìre - Comasachd | Eileamaidean Tar-churraicealam | Cothroman Eile | | Deasg a' mheasgachaidh | A' tòiseachadh air na h-òrainagus "prìomh mheasgachadh" an riochdaire de gach òran. Rannsachadh is ath-mhìneachadh air a' mheasgachadh. Sgoilearan a' cur ris, a' clàradh agus ga chluich air ais. | A' cleachdadh stuthan, modhan-obrach agus meadhanan. A' cur an cèill faireachdainn, smuaintean, beachdan is fuasglaidhean. A' measadh & a' luachadh. Teicneòlas fiosrachaidh. A' cleachdadh an teicneòlais. A' cruthachadh agus a' taisbeanadh. | Daoine misneachail. Luchd-ionnsachaidh soirbheachail. Luchd-pàirteachaidh èifeachdach. Saoranaich chiallach. | Coimeas air càileachd agus na chaidh a dhèanamh - comas ceanglaichean ri matamataig agus obair cànain phearsanta. A' leasachadh sgilean IT ann an co-theacsa chruthachail. | A' cleachdadh iomadh clàradh de phìosan ciùil eile à Alba gus coimeas is sgilean luachaidh ciùil air a bheil an targaid seo ag amas a leasachadh. Mar seo, dh'fhaodadh sgoilearan cumail a' leasachadh am mothachaidh air taobh cruthachail riochdachadh ciùil agus a' bhuaidh a th' aige air càileachd fuaim a' phìos ciùil. | | Sgeulachd an òrain | A' coimhead air dealbh de shianar luchd-ciùil à Alba. Ag èisteachd ri pìosan ciùil & ri mìneachadh mun sgeulachd air cùl nan òran agus na rudan a thug buaidh air a' cheòl. | A' measadh & a' luachadh. Cànan. Sgilean èisteachd. Eòlas àrainneachd - Cuspairean sòisealta. A' leasachadh bheachdan stèidhte air fiosrachadh. | Luchd-ionnsachaidh soirbheachail. Saoranaich chiallach. | A' leasachadh sgilean saoranachd agus eòlas air coimhearsnachd is cultar na dùthcha. | Faodar an taisbeanadh seo air mar a bheir smuaintean is cultar air cluiche dhaoine fa leth atharrachadh agus a chleachdadh ann an cànan, ceòl, ealan & dealbhadh agus obair iomairt. | | Fios is fealla-dhà | Ag èisteachd ri pìosan ciùil & a' coimhead bhidio is dealbhan airson am maidseadh riutha. Stuthan a' cheisteachain. | Ceòl & Ealan & Dealbhadh. A' measadh & a' luachadh. Eòlas àrainneachd - Cuspairean sòisealta. A' leasachadh bheachdan stèidhte air fiosrachadh. | Daoine misneachail. Luchd-ionnsachaidh soirbheachail. Luchd-pàirteachaidh èifeachdach. | A' leudachadh fiosrachadh san fharsaingeachd. A' leasachadh mothachadh air cultar is maise. Comas 's dòcha leasachadh a dhèanamh air sgilean smaoineachaidh agus comas ceangal a dhèanamh eadar eòlas a th' aca mar-thà agus fiosrachadh ùr. | A' cruthachadh dreach sgoileir (agus tidseir) dhen "stòr-dàta" seo - cruinneachadh fìor no didsiotach de na fuaimean is na dealbhan as fheàrr leotha. Dh'fhaodaist seo a cheangal ri agallamhan no fiosrachadh sgrìobhte mu na h-adhbharan air cùl a' chiùil is na deilbh a thagh iad agus airson iad sin a mhaidseadh san dòigh seo. | | Ionnsramaidean ciùil | A' coimhead air dealbhan de dh' ionnsramaidean ann an ceòl dualchasach na h-Alba & a' cluich phìosan de cheòl gach ionnsramaid | A' cleachdadh stuthan, modhan-obrach agus meadhanan. Eòlas àrainneachd - Cuspairean sòisealta. A' leasachadh bheachdan stèidhte air fiosrachadh. Eòlas àrainneachd - Saidheans. Eòlas agus fiosrachadh. | Daoine misneachail. Luchd-ionnsachaidh soirbheachail. | Saidheans, teicneòlas agus dealbhadh ionnsramaidean ciùil. Sgrùdadh eachdraidheil air leasachadh gach ionnsramaid ciùil tro na linntean. Sgrùdadh air càite air an t-saoghal an lorgar gach ionnsramaid agus na ceanglaichean eatorra. A' sgrùdadh ionnsramaidean ciùil mar a tha iad a' nochdadh ann an obair luchd-ealain. A' leasachadh sgilean teicneòlais agus eòlas agus fiosrachadh mu stuthan tro bhith a' togail mac-samhail ionnsramaidean. | Ath-obair air structair orcastra thraidiseanta agus còmhradh mu
gach earrainn, me fiodh, teudan, msaa. Obair far a bheil na h-ionnsramaidean an seo air am maidseadh (no 's dòcha nach eil) ris an earrainn aca agus air an coimeas ri ionnsramaidean eile dhen aon seòrsa. Rannsachadh ciùil air mar a than a fuaimean gan dèanamh, an dòigh a chaidh an ionnsramaid a dhèanamh agus na stuthan a th' innte. A' beachdachadh air fiaradh ann an ionnsramaidean agus mar a bhios luchd-ciùil a' cleachdadh an fhuaim, me Martyn Bennett, Mike Oldfield. | | Map eadar-ghnìomhail | Ag èisteachd agus a' rannsachadh iomadh seòrsa ciùil à Alba. | A' cleachdadh stuthan, modhan-obrach agus meadhanan. A' measadh & a' luachadh. Teicneòlas fiosrachaidh. A' cleachdadh an teicneòlais. Cànan. Èisteachd & leughadh. | Daoine misneachail. Luchd-ionnsachaidh soirbheachail. Luchd-pàirteachaidh èifeachdach. | Feartan eadar-ghnìomhail èifeachdach a' brosnachadh nan sgoilearan gu bhith a' rannsachadh ceòl tro theicneòlas fiosrachaidh. Dh'fhaodaist a chleachdadh gus cànan a leasachadh tro chòmhradh no obair luachaidh shònraichte. Dh'fhaodaist ceangal ri dannsa cruthachail, no sgrùdadh air na ceanglaichean eadar iomadh seòrsa dannsa agus an ceòl a th' air a chleachdadh air an son. | >Dh'fhaodadh a' chlann Ceisteachan Ciùil co-cheangailte ris a' ghoireas seo a dhealbh dhan comhaoisean - dh'fhaodadh iad an obair fhèin a chruthachadh agus iarraidh air an comhaoisean gach ceisteachan a luachadh agus co-dhùnadh dè am fear as fheàrr a tha a' tighinn a rèir na tha iad airson ionnsachadh (a' chlann a' co-dhùnadh mu WILF/WALT). |
Taing| Riochdaire: | Gerald Strother | |
| Riochdaire Lìn: | Johanna Hall | | Leas Riochdaire: | Laura NicRisnidh | | Neach-taic Lìn: | David Meikle | | Dealbhadairean: | Derek Horne agus Kevin Bain | | Còd: | Abrar Khan agus Cris Walsh | | Comhairlichean Foghlaim: | Marie Fielding agus Cathaidh Nicleòid | | Notaichean Tidseir: | Yvonne McBlain agus Catrìona Mhoireach | | Cartùnaichean: | CartoonStock.com |
|