Cleachdaidhean Callainn ann an Nis, Càrlabhagh agus Uibhist a Deas
Fionnlagh: Às dèidh an dàrna cogaidh can, ann am bailtean nan eilean mar a bha Leòdhas, cha robh iormadh air Nollaig. Cha robh iormadh air. Cha robh idir ann ach a' Bhliadhna Ùr, 's ag ullachadh airson a dhol timcheall nan taighean ma bha thu na do bhalach, a' cruinneachadh sgillinnean, 's mar sin.
'S tha cuimhn' agam fhèin glè mhath a' chiad pàrtaidh Nollaig a chunnaic mi. 'S e teaghlach à Nis a bh' air tilleadh dhachaigh à Glaschu, 's a dh'iarr orm a thighinn còmhla ris a' bhalach aca.
'S bha e dìreach annasach dha-rìribh. Cha robh a' leithid a' rud nar saoghal idir. Gu tur eadar-dhealaichte.
Iain: Cha robh. Tha, cha robh mi airson fuireach aig a' seo, ach togail sgillinnean 's rudan dhen t-seòrsa sin airson, tha, partaidh na Callainn, Oidhche Challainn, an e?
Fionnlagh: 'S ann. Gu dearbha, 's ann. A' ruith air na taighean. Ag ullachadh a' bhucais a bhiodh agad, 's na balaich a' falbh nan taighean.
Iain: 'S am biodh craiceann oirbh?
Fionnlagh: Cha bhiodh no craiceann. Cha bhiodh. Cha robh sinne... bhiodh bucas againn. Bhiodh sinn a' poilisigeadh a' bhucais, a' dèanamh deiseil airson, tha, tha mi creids' gur e cut a bh' air a bhith ann, 's a' falbh timcheall a dh'fhaighinn beagan airgid.
Iain: A dhuine bochd. Nach sibh a bha spaideil. Bhiodh sinn a' cur craiceann laoigh oirnn, 's bha Rann na Callainn againn ri ghabhail as a h-uile dachaigh, 's mar sin, mus fhaigheadh sinn càil.
Flòraidh: 'S dè mu dheidhinn Caisean Callainn, Caisean Culaig, 's e chanadh sinne ris.
Iain: Seadh, nach inns thu dhuinn.
Flòraidh: Bhiodh tu ga lasadh agus bhiodh tu ga chur timcheall do cheann trì uairean, a h-uile duine a bh' as an teaghlach. Agus, 's e rud, eil fhios agad, nan rachadh e às, 's e droch, droch, fìor dhroch dhroch chomharra a bha sin. 'S bhiodh daoine air an sgràthachadh. Agus tha cuimhne agam fhìn air fiù 's.
Fionnlagh: 'S dè an caisean? Dè a bh' ann?
Flòraidh: Bha e air a dhèanamh le craiceann, tha, craiceann beathaich, is tha, e caran air a roileadh còmhla, mar...
Fionnlagh: 'S dè an t-ainm a bh' agad air?
Flòraidh: Caisean Culaig.
Fionnlagh: Seadh, gu dearbha.
Iain: Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur e an aon rud ris a' chaisean-uchd a bh' ann.
Fionnlagh: 'S dòcha gur e.
Iain: Fhios agad, pìos dhan a' bhroilleach.
Fionnlagh: Broilleach na caora.
Iain: 'S dòcha gur e.
Fionnlagh: Cha robh. O bha na dorchadasan dhan t-seòrsa sin, bhathas air cur às dha ann a' Nis na mo latha-sa. Cha robh againn ach soilleireachd air feadh an àite. Cha b' e. Cha robh, bha sin air falbh gu tur.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.