Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Samhain 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4

Mar a shailleas tu feòil a' gheamhraidh

A' sailleadh feòil

'S ann à Sgìre Ùig, Leòdhas, a tha cèilichean na seachdain-sa, Dòmhnall Dòmhnallach à Crabhlastadh, agus Iain MacAoidh, A' Riof. Agus an cuspair a bha fa-near dhaibh, sailleadh na feòla. Dè cho fada 's a bhite a' fàgail a' bheathaich mus tòiseacheadh iad ga gearradh?

Dòmhnall Dòmhnallach: Dh'fhàgadh faisg air seachain. Còrr air ceithir latha co-dhiù, gun a bhith na bu lugha na ceithir latha.

Iain: Crochte fo na sparran?

Dòmhnall Dòmhnallach: Seadh.

Iain: Agus ann a' fuachd?

Dòmhnall Dòmhnallach: Ann a' fuachd, seadh.

Iain: Gun deigheadh an fheòil an ìre mhath cruaidh.

Dòmhnall Dòmhnallach: Seadh, 's e.

Iain: Agus dè an uair sin an ath cheum? Cha robh àite ann as an deigheadh a reothadh ann, 's mar sin 's ann ga shailleadh a bhithist.

Dòmhnall Dòmhnallach: 'S ann.

Iain: Agus, tha, dè a' chiad rud a bha iad a' dèanamh?

Dòmhnall Dòmhnallach: Bha ga ghearradh, ga ghearradh sìos air a' chnaimh-droma, eil fhios agad.

Iain: Air fhad?

Dòmhnall Dòmhnallach: Air fhad. An uair sin ga ghearradh, a' toirt às chops mhath nan togradh tu agus gigots, 's pìos air a dhèanamh dhen a' chòrr mar a bha thu ag iarraidh. An uair sin ga shailleadh.

Iain: Mas ruig sinn sin, cuin a bhitear a' marbhadh a' chiad bheathach can?

Dòmhnall Dòmhnallach: Well, bhiodh ann a' September, deireadh September, chanainn.

Iain: Agus an fheadhainn bho dheireadh dhan a' bliadhna, ga marbhadh?

Dòmhnall Dòmhnallach: O, bhiodh ro na Bliadhn' Ùir. Bhiodh sinne ga marbhadh ro na Bliadhn' Ùir.

Iain: Seadh. Agus an ann do shalainn no do phicil a bhiodh sibh gan cur?

Dòmhnall Dòmhnallach: A' chiad bheathach, 's ann do phicil agus an còrr, 's ann dhan an t-salainn.

Iain: Seadh. Robh adhbhar air a' sin?

Dòmhnall Dòmhnallach: Well, bha. Bha a' chiad bheathach, dh'fhaodadh an t-sìde a bhith blàth agus cha robh e sàbhailt a chuir dhan t-salainn. Bha sinn a' dèanamh picil.

Iain: Seadh. Dè mar a bha sibh a' dèanamh a' phicil?

Dòmhnall Dòmhnallach: Well, bha sinn a' cur bùrn ann agus salainn. A' salainn a chuir dhan a' bhùrn gu seòladh buntàta innte.

Iain: Seadh.

Dòmhnall Dòmhnallach: Agus an uair a sheòladh am buntàta, bha a' phicil an uair sin làidir gu leòr dhut airson am beathach a chuir innte.

Iain: Seadh. 'S dè mar a bha sibh a' cur na feòla dhan a' phicil a-nis?

Dòmhnall Dòmhnallach: Bha feòil. Bha a' phicil a' dol dhan a' bharaille, eil fhios agad, 's bha an fheòil a-nise a' dol ann, 's bhiodh an fheòil, eil fhios agad, as a' phicil. Dh'fheumadh a' phicil a bhith a' coverigeadh na feòla.

Iain: Dh'fheumadh. Dh'fheumadh. A' dèanamh a' phicil fhèin. Dè mar a bha sibh ga dèanamh?

Iain MacAoidh: Well, tha mise ga dèanamh, tha mi a' cur dà ghallan bùrn, còig puinnd salainn agus punnd siùcar donn. Agus ga ghoil airson cairteal na h-uaireach.

Agus nuair a tha i a' fuarachadh, ga dòirteadh sìos air taobh na feòla 's a' bharaille. Agus tha i an uair sin, an fheòil a' dol a sheòladh an àrd agus feumadh tu mullach a' bharaille agus cuideam a chuir air airson an fheòil a chumail sìos.

Iain: 'Son a cumail as a' phicil?

Iain MacAoidh: A' cumail as a' phicil gus am bi a' phicil timcheall oirre gu lèir.

Iain: Seadh. Dè cho fada 's a dh'fhàgadh sibh an fheòil as a' phicil?

Iain MacAoidh: O well, faodaidh tu fàgail ann, ma thogras tu, faodadh tu an fheòil a thoirt às an ceann trì seachdainnean, pàirt dheth, agus ma thogras tu a tiormachadh, airson, tha, a h-ithe mar sin fhèin, a toirt as a' bharaille.

Ach faodadh tu picil glan a chuir orra a-rithist an ceann mìos. Agus chan eil mi a' cur càil an uair sin ach a' cur a' salainn agus am bùrn fhèin ann. Chan eil mi a' cur a' siùcar donn idir ann.

Iain: Chan eil. Ghabh mi rud beag de dh'annas dhan an t- siùcar dhonn. Dè an adhbhar, no an robh adhbhar sònraichte gu robh e ann?

Iain MacAoidh: Chan eil càil a dh'fhios agam. Cha b' urrainn dhomh sin innse dhut idir, ged a tha e ann.

Iain: Seadh. 'S dòcha gur ann dìreach airson blas.

Iain MacAoidh: Airson blas. Bhiodh iad ga chuir air feòil a' chruidh cuideachd, uaireigin. Agus bhiodh iad ga chuir air bradan uaireigin, tha fios agam cuideachd, nuair a bhiodh iad ga faighinn.

Iain: Seadh. Bradan deireadh na bliadhna, an e?

Iain MacAoidh: Seadh. Ach tha e glè mhath air an fheòil.

Iain: Robh eadar-dhealachadh sam bith, can, eadar feòil a bha air a' dèanamh ann am picil agus feòil ann a' salainn tioram a-mhàin?

Iain MacAoidh: Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil. Well, tha mise a'cur salainn gu leòr oirre an toiseach,'s ga fàgail làithean 's dòcha, mas cuir mi a' phicil oirre. Ach chan eil mise faicinn càil eadar-dhealachadh ann co-dhiù.

Iain: Chan eil. A-nise, ga tiormachadh?

Iain MacAoidh: Well, bidh mi a' toirt às, ga toirt às a'.. na h-uimhir dhith às a' bharaille, 's ga tioramachadh 's ga cuir...

Tha mi a' toirt dhith an t-salainn an toiseach fon a' bhùrn, càil ach a' ruith bhon tap, 's a' toirt an t-salainn timcheall air uachdar dhith, agus ga tiormachadh le pàipear agus an uair sin ga crochadh os cionn an teine, os cionn a' stòbha.

Iain: Seadh.

Iain MacAoidh: 'S thèid i ann a' sin cho cruaidh, 's gum bi i a' tòiseachadh a' dol buidhe.

Iain: Seadh. Sin feòil rèisg?

Iain MacAoidh: Sin agad an fheòil rèisg.

Iain: Ach chan eil i buileach man an fheòil rèisg, 's dòcha, a bhiodh as na taighean dubha?

Iain MacAoidh: Well, chan eil, chan eil i man an tè sin idir.

Iain: Bhon chan eil a' cheò a' dol innte.

Iain MacAoidh: Chan eil a' cheò a' dol innte, mar a bha i... Ach cuid a chòrdas iad rithe glè mhath co dhiù. Is tha cuid eile nach eil i a' còrdadh riutha. 'S fheàrr leotha às a' bharaille i.

Iain: Seadh. An dùil a-nise, an e gu bheil i nas buige as a' bharaille?

Iain MacAoidh: Chan eil càil a dh'fhios 'am. Gabhaidh mise air dòigh sam bith i. Tha feadhainn ann a ghabhas air dòigh sam bith i, ach tha feadhainn eile ann, cha dèan iad càil oirre. Tha iad ag ràdh gu bheil i ro làidir dhaibh air a rèisgeadh a-nise, agus 's ann as a' bharaille a tha iad ga cur.

Iain: 'S dòcha gur e obair na ceò a tha sin, tà?

Iain MacAoidh: Chan eil fhios 'am.

Iain: Chan eil. A' sailleadh, le salainn thioram, tha, dè dh'fheumadh daoine a bhith faiceallach mu dheidhinn nuair a bha e ga dhèanamh?

Dòmhnall Dòmhnallach: Well, 's e nach tèid bùrn an taobh a bhiodh i ach a' salainn fhèin. 'S e sin mar a bhithinn-sa ga dhèanamh co-dhiù. Bha mi ga cuir air poca, a bheil fhios agad, na pocannan a bhiodh a' tighinn leis a' mhin choirce uaireigin. Agus bhithinn a' rubaigeadh an t-salainn oirre le poca eile dhen aon seòrsa.

Agus gu leòr salainn a' rubaigeadh oirre, eil fhios agad. Agus bha mi an uair sin dhan cuir dhan a' leth-bharaille, a' cur a' salainn an toiseach air bonn a' leth-bharaille, 's an uair sin cuir tier sìos, agus a' coverigeadh a h-uile tier leis an t-salainn gun cuireadh tu ann gu lèir e, 's a bhith cinnteach às gum biodh salainn gu leòr ann.

'S dh'fhaodadh tu sin fhàgail, fhàgail as a' bharraille bliadhna, no cho fada 's a thogras tu, cho fada 's nach deigheadh bùrn an taobh a bhiodh i.

Iain: Seadh.

Dòmhnall Dòmhnallach: Ach ma bha am bùrn a' dol an taobh a bha i, 's e a chanadh na seann dhaoine, bha e a' gearradh na feòla.

Iain: Seadh, seadh. A' ciallachadh?

Dòmhnall Dòmhnallach: A' ciallachadh nach robh e, nach biodh an fheòil a' seasamh nuair a dheigheadh i, nach seasadh i cho math co-dhiù.

Iain: 'S robh a' salainn sin an uair sin sin a' dol na phicil?

Dòmhnall Dòmhnallach: Bha, bha. Bha a' salainn, 's gu robh an fheòil gu lèir fon a' phicil.

Iain: Is bha sin gun bùrn idir a chuir ann?

Dòmhnall Dòmhnallach: Bha sin gun bùrn idir a chuir oirre.

Iain: Nise, tha fios 'am nach eil duine ris an-diugh, agus, tha, nach sealladh duine ris, ach bha latha ann, bha cùisean air a' chaochladh agus feòil rùide ga h-ithe cumanta gu leòr?

Iain MacAoidh: O, bha uaireigin.

Iain: Bha.

Iain MacAoidh: Bha uaireigin, ach cha chreid mi gu bheil mòran an-diugh.

Iain: Tha mi creids'. An aithnicheadh daoine i?

Iain MacAoidh: O, dh'aithnicheadh. Dh'aithnicheadh tu as a' phrais a' goil i.

Iain: Seadh, ciamar?

Iain MacAoidh: Dh'fhairicheadh tu a' fàileadh aige, cuid co-dhiù, dh'fhairicheadh.

Iain: Fàileadh fiadhaich?

Iain MacAoidh: Fàileadh fiadhaich dhith.

Iain: 'S a robh dòigh sam bith as a' faigheadh duine, gheibheadh daoine cuidhteas sin?

Iain MacAoidh: Chan eil mi a' smaoineachadh gu robh.

Iain: Cha robh.

Iain MacAoidh: Chan eil mi a' smaoineachadh gu robh.

Iain: Dè mu dheidhinn feòil bhragsaidh a-nis?

Dòmhnall Dòmhnallach: O, tha cuimhn' agamsa air an fheòil bhragsaidh. Dh'fheumadh tu an fheòil bhragsaidh a chuir dhan a' phicil, mar a bha mi ag ràdh, agus a togail às, cha b' ann ann an trì seachdainean, 's a' cruadhachadh.

Iain: 'S an aithnicheadh duine a-nis, an aithnicheadh sibh bho fheòil eile i?

Dòmhnall Dòmhnallach: Chan eil mi a' smaoineachadh gun aithnicheadh. Bha a' phicil a' toirt às a h-uile càil. Bhiodh an aon bhlas oirre ri feòil eile a chuireadh tu dhan a' phicil. Cha robh càil de dh'eadar-dhealachadh ann.

Iain: Seadh. An e am beathach as dèidh dha bàsachadh leis a' bhragsaidh, no robhas ga mharbhadh ag aithneacheadh gu robh e tighinn gu ceann co-dhiù?

Dòmhnall Dòmhnallach: Well, bhithist ga mharbhadh nan aithnicheadh tu gu robh e tinn, eil fhios agad. Bhithist ga dhèanamh cuideachd nam bàsaicheadh iad, mar a biodh iad fada, na faigheadh tu i faidhir nuair a bhàsaicheadh e.

Iain: Nise, bha aon stuth eile ann a bhiodh sibh a' cleachdadh ann a' sailleadh cuideachd, nach biodh?

Iain MacAoidh: Well, bha saltpetre. Tha, chuir mi air feòil nan caorach e uair na dhà, agus chaidh iad cho dearg, eil fhios agad, gu math dearg. Agus, cha do dh'fheuch mi, cha dh' fheuch mi ach aon uair e, dà uair. Ach bha i gu math blasta.

Ach, a-nise, tha mi cluinntinn, nuair a bha iad a' dèanamh feòil a' chruidh uaireigin, ga sailleadh an seo, bha iad a' cur saltpetre oirre agus siùcar donn. Bha iad ga sailleadh as a' bharraile, chan ann, ro mo thìde-sa a bha sin.

Iain: Cò ris a bha e coltach, a' saltpetre?

Iain MacAoidh: Gràineanan beaga, geal, faidhir man salts.

Iain: 'S ca' faigheadh sibh e?

Iain MacAoidh: Aig a' chemist, a' chemist.

Iain: 'S bha sibh dìreach ga chuir dhan a' phicil, an ann?

Iain MacAoidh: Bha thu a' cur na h-uidhir dheth dhan a' phicil.

Iain: A robh tòrr dheth?

Iain MacAoidh: Cha robh. Cha robh.

Iain: Cha robh. 'S a robh e a' dèanamh mòran eadar-dhealachadh ris a' bhlas, a-nis?

Iain MacAoidh: Och, well, cha chanain-sa gu robh an t-uabhas, air feòil na caora co-dhiù.

Iain: Seadh.

Iain MacAoidh: Ach bha i a' dol cho dearg.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.