Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Samhain 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4

Croitearachd

A' cur an t-sìl

Bha Fionnlagh a' cur às leth Iain gu robh e a' cruinneachadh chailleachan!

Fionnlagh: Cailleach-bhuana agus cailleach-uisge is cailleach na cruaich. Chruinnich thu tòrr chailleachan.

Iain: Chruinnich, agus mas math mo chuimhne-sa, bhruidhinn sinn air a' chailleach-uisge, 's cha tug sinn ise gu ceann. Tha, dh'fhàg mi a' cheist a bha sin.

Fionnlagh: O, an e ceist a bha as an tè sin, 's e.

Iain: 'S e. Dè bh' as a' chailleach uisge?

Fionnlagh: 'S a robh freagairt agad fhèin dhith?

Iain: Tha mi air fhaighinn.

Fionnlagh: Siuthad ma tha.

Iain: Agus tha mi a' smaoineachadh nuair a chluinneas tu dè a th' ann, gum bi beachd gu math annasach agad. Tha e gar toirt air ais gu buntàta.

Fionnlagh: Cha ghabhainn iongantas!

Iain: Well, bha mi a' smaoineachadh gun canadh tu rudeigin mar sin!

Eil fhios agad, nuair a chuireadh tu am buntàta, bha thu a' cur an t-sìol aige ann a' shin. 'S bha am buntàta an uair sin a' fàs.

'S nuair a thogadh tu am buntàta, gheibheadh tu uaireannan còrr a' rud a bha thu air a chur. Agus cha bhiodh càil ann dìreach ach a' rùsg, agus, mar gum biodh, tha, bùrn na bhroinn.

Sin agad, ma tha, a' chailleach uisge.

Fionnlagh: O well, tha mi far an cuala mi e. Tha.

Cruachan

Bile na cruaich

Bha thu a' togail na cruaich an àrda dìreach gu àrd forc-fheòir. 'S an uair sin bha thu a' tòiseachadh ga toirt a-steach. Ach bha thu a' fàgail a' chiad chuairt de na badan timcheall na cruaich a-mach rud beag, dìreach mar eaves air taigh. B'e seo bile na cruaich agus bha e airson gun cuireadh i dhith an t-uisge.

Feadan na cruaich

Bha feadan na cruaich ga stopadh dìreach mu àrd a' bhile. Cha robh e idir a' dol suas gu mullach na cruaich.

Rann

'S am buileachadh a nì an cruinneachadh
'S e an cruinneachadh a nì sguaban
'S e sguaban a nì na muileannan
'S na muileannan na cruachan.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.