Bha na boireannaich a cheart cho trang ri na fir le an uallaichean fhèin, 's mun àm seo bhite a' dol chun na h-aibhne airson plaideachan is cuibhrigean ùrachadh an dèidh a' gheamhraidh. Bha Seonag NicLeòid a' fuireach ann an Àrd Àsaig, Na Hearadh, ach b' ann air a h-òige san Eilean Sgitheanach a bha ì a' cuimhneachadh.
Seonag: 'S e aon uair sa bhliadhna a bhiodh na plangaidean gan nighe cho fad 's is cuimhneach leamsa. Agus 's ann dìreach mun àm seo fhèin dhen bhliadhna nuair a bhiodh sìde mhath ann, 's tha grian is gaoth... dìreach latha dhen t-seòrsa seo, bhiodh e sgoinneil airson nighe phlangaidean. Cha robhar a' dol ann airson dad sam bith eile ach dìreach airson nighe nam plangaidean.
Flòraidh: Chan eil aon sgòth ri fhaicinn as an adhar an-diugh agus tha a' ghrian a' deàrrsadh, beagan blàiths innte, ach tha sgal gaoithe ann, 's bhiodh sin math?
Seonag: O bhiodh.
Flòraidh: Dè mu dheidhinn ag ullachadh airson falbh chun na h-aibhne?
Seonag: Nuair a bha thu a' falbh chun na h-aibhne, bha ullachadh agad ri dhèanamh ceart gu leòr. Bha sòrnach ann. Agus bha i ann bho chionn fhada tha mi cinnteach, ach bhiodh iad ga cuir air dòigh mun d'rachadh iad sìos a' nighe nam plangaidean.
Agus bha triùir bhoireannach, mo mhàthair 's dithis, duine air gach taobh dhith, agus bhiodh a' chiad duine a dh'fhalbhadh a' toirt leis, tha, tuba is tha... bath zinc agus poit mhòr thrì-chasach as am biodh iad a' teasachadh an uisge.
Flòraidh: Dè bhiodh iad a' losgadh?
Seonag: Mòine! O aidh.
Flòraidh: 'S am biodh sibh a' toirt libh a' mhòine a-mach?
Seonag: O gu fìrinneach, tha mi cinnteach gum biodh, mur a tachradh gum biodh mòine aig cuideigineach faisg air làimh.
Flòraidh: 'S bhiodh ullachadh ri dhèanamh a-staigh tha mi cinnteach cuideachd? 'S e latha mòr a bhiodh ann.
Seonag: Bha biadh a' falbh na do chois. Agus treat air choireigineach, eil fhios agad? Corned beef, na rudeigin dhen t-seòrsa sin air nach biodh tu eòlach, gu bitheanta a' falbh na do chois.
Flòraidh: Bhiodh sibh a' fàgail an taighe leis na bha sin de dh'ultaichean?
Seonag: O bhiodh. Bhiodh.
Flòraidh: 'S a' coiseachd na trì mìle?
Seonag: A' coiseachd mu leth-mhìle, chanainn. Och, cha robh e glè fhada idir.
Flòraidh: Dè nis a bhiodh iad a' dèanamh nuair a ruigeadh iad sìos leis an aodach?
Seonag: A' cur air teine, 's a' cur uisge a theasachadh agus bhiodh iad an uairsin... chan eil cuimhn' agam am biodh iad... 's e siabann a bha dol an uair ud, cha robh guth air powders de sheòrsa sam bith.
Flòraidh: Sunlight an e?
Seonag: Sunlight. Chan eil cuimhn' agam... co-dhiù bha iad ga leaghadh gus nach robh ach...
Flòraidh: Ciamar a bha e a' tighinn?
Seonag: Bars. Na can rium nach bi thu a' faicinn Sunlight Soap!
Flòraidh: Feumaidh mi a ràdh nach fhaca mi e.
Seonag: Bidh mise ga fhaighinn. Bidh e agam uaireannan, nuair a bhios mi ag iarraidh... ga shuathadh ri rud a bhios mi nighe mas cuirinn e...
Flòraidh: Tron mhachine?
Seonag: Tron mhachine.
Flòraidh: Bha siabann eile ann ris an canadh iad carbolic. Am biodh...
Seonag: O bhiodh. Ach, well, chan fhaca mise mo mhàthair riamh a' cur carbolic gu feum a' nigheadaireachd.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.