Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Màrt 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4

Co-cheangailte ri Òrduighean

Creag Hàstainn, Uibhist a Tuath

Bhite a' cumail seirbheisean nan òrduighean aig aon àm a-muigh aig Creag Hàstainn ann an Uibhist a Tuath.

Seid

Coltach ri leid, b' e seo àite-cadail a bhathar a' dèanamh le aodach air an ùrlar.

A' Chrìoch

Nuair a bha aig sianar no seachdnar ri cadal anns an aon leid no sheid bha dòigh shònraichte ann airson dèanamh cinnteach nach biodh duine a' gabhail droch bheachd air cùisean. Bhiodh na fir a' cadal air aon taobh agus na boireannaich air an taobh eile agus anns a' mheadhan eatorra bhiodh duine agus a bhean. 'S e a' chrìoch a chante riuthasan.

Disathairne Beag nan Òrduighean

B' e seo a chante ri Diciadain ro na h-òrduighean, an latha air am bite a' dèanamh tòrr ullachaidh airson nan òrduighean.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.