
Ged is ann às a' Charibbean a tha iad seo, tha iad rin lorg corra uair air tràighean an taobh an iar, gu h-àraid an dèidh stoirm. Gheibhear feadhainn aca cho beag ri leth-òirleach ach feadhainn eile suas gu dà òirleach a leud.
'S e coltas cnò shleamhainn dhorch phurpaidh a th' orra, ach gheibhear iad le cumaidhean eadar-dhealaichte. Bhiodh iad aig boireannaich nan làimh nuair a bhiodh iad a' faighinn pàiste oir bhathas a' creidsinn gun toireadh iad neart dhaibh airson am pàiste a thoirt don t-saoghal.
Bhite a' leigeadh airgead annta, croisichean airgid, agus gan ceangal mun amhaich. Bha 'd mar amulets, gu h-àraidh dha boireannaich, dìreach mar a bha a' mhaighdealag, slige bhrèagha, cowrie. Bidh boireannaich air feadh an t-saoghail a' cleachdadh na slige tha seo timcheall air an amhaich, mar paidirean, agus tha an t-ainm Gàidhlig a' dol air ais gu pàirt dìomhair de chorp boireannaich.
Bha an t-slige air a cleachdadh airson cuideachadh le boireannach clann a thoirt dhan t-saoghal.

Nuair a bha màthair Fhionnlaigh nan nighinn bhig bha i le teasach an t-siataig agus bha ceàrd ann am Barabhas air an robh Seonaidh.
Chaidh seanair Fhionnlaigh, athair a' nighean, a shealltainn air Seonaidh agus thuirt e feuchainn oirre pigean sàile bho sruth an lìn-mhòir agus sin air a mheasgachadh le botal uisge-bheatha gun a thruailleadh.
Chaidh sin mar uisge-beatha ruspaig a chuir air corp na tè a bha a' fulang le teasach an t-siataig. Fhuair i seachad air.
Bho Fhionnlagh MacLeòid
Ma tha foinne air do làimh, se deagh rud a tha sin mas e gille a th' annad agus mas e caileag a th' annad 's e deagh rud a tha ann foinne a bhith air do chois, air a falach leis a' bhròig.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.