Bha Fionnlagh air a bhith ag èisteachd ri Mòr NicLeòid 's i a' bruidhinn air Latha Buidhe Bealltainn agus an dòchas a tha aig daoine gu bheil rud nas fheàrr romhpa na an rud a th'air an cùl.
Fionnlagh: 'S e àm eile tha sin - liath-ruisgean an earraich - dìreach iomnaidh air daoine a bheil annlan gu leòr ann agus a' chaoile air beathaichean 's air daoine 's air aois agus a' feitheamh ri toiseach an fhàis (tha mi smaoineachadh gur e àm mìorbhaileach eile tha sin) is toiseach blàiths a bhith tighinn air ais.
Gu sònraichte chaidh ainmeachadh rudan mar a' chuthag. Nise, bha daoine a bha a' feitheamh an uairsin 's a' leughadh na reultan 's a' faireachdainn dè mar a bha an tràigh a' dol. Bha tilleadh nan eun, bha e mìorbhaileach, 's a' chuthag a' tighinn agus eun eile a chaidh ainmeachadh, 's e an clacharan.
'S aithne dhomh fhìn mu dithis bhràithrean ann an Nis aig an robh ceàrdach ann an Dail bho Thuath. 'S bhiodh sgeulachd aig m' athair ga innse dhomh gun deachas a-steach innte aon latha agus 's e aon fhear aca a bha a-staigh 's bha fear eile shìos air a' chladach.
Nuair a thill e steach, thuirt am fear a bh' as a' cheàrdaich, "An d' thàinig e?" 'S thuirt am fear eile "Thàinig e." "Ma thàinig" ars esan, "faodaidh sinn tòiseachadh." Sin (a' ciallachadh) ma bha an clacharan air a thighinn gu faodadh an t-àiteach tòiseachadh.
Flòraidh: Sin an comharra a bh' aca?
Fionnlagh: 'S e, agus 's ann tearc dha-rìribh a gheibh thu àitichean far a bheil eòin a' tighinn nan comharra air gu bheil blàths air tilleadh chun ìre sin.
'S tha cuimhn' agam a bhith ag innse dhut ron a seo fear ag innse dhomh, bho chionn fhada, fear a bha as a' Chnoc Àrd, faisg air an teampall ann an Eòropaidh, air Teampall Mholuidh, agus 's e an t-ainm a bh' air Moglaidh Mò.
Iain: Tha cuimhn' a'm air a rud.
Fionnlagh: 'S tha e coltach gu robh fèileadh aodaich air. 'S bhiodh e ga thogail 's a' suidhe air an talamh agus a' faicinn an robh e a' faireachdainn blàths às an talamh. 'S e Ailean Fhionnlaigh às a' Chnoc Àrd a dh'innis dhomh sin. 'S ma tha ainm, Moglaidh Mò – chan eil fhios agam fon ghrian cò às a tha an t-ainm sin a' tighinn. Ach bha e aige 's bha e air a chluinntinn.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.