Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 13 Faoilleach 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
Arbhar

Latha Fèill Eòin

A' chiad dias air Latha Fhèill Eòin
Mìos bho aon dias gu làn dèis
Mìos bho làn dèis gu crìon dèis.

B' e Latha Fèill Eòin latha meadhan an t-samhraidh 's bha na seann daoine an dòchas gum biodh a' chiad diasan a' nochdadh an uairsin. Mìos an dèidh sin bha iad an dòchas gum biodh an t-arbhar làn dhiasan agus, na fàgadh tu e mìos an dèidh dha a bhith abaich, bhiodh e a' tòiseachadh a' crìonadh.

Casan-cailbein

Comharran-sìde

Casan-cailbein fon ghrèin, uisge a-màireach

'S e na casan-cailbein gathan na grèine a chì thu tric mar gum biodh iad a' dol à fianais dhan fhairge. Na faiceadh tu iad ro thric, no ro làidir, bhiodh iad a' gealltainn uisge a-màireach. Canar cuideachd casan-cairbre no casan-cainbe riutha.

'S e Fir Chlis san àird a tuath a chumas thugainn reothadh cruaidh

Gealach air Disathairne, chan fhacas athadh riamh oirre

Bha seo ag ràdh gur e droch shìde a bha a' dol a thighinn às a dèidh.

Am facal fàman

Seo oiteag bheag, shocair, bhlath de ghaoith.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.