Main content

Mairead Hamilton

Tha Mairead Hamilton, eòlaiche nan deochan air Gun Sgot.

Tha Mairead air tilleadh gu dachaigh ann an Slèite às dèidh còig bliadhna ag obair agus a’ faighinn oideachadh ann an Glaschu. Tha Mairead a-nise an-sàs ann an obair leasachaidh. B’ e Gun Sgot a’ chiad chothrom a fhuair i ann an obair lìbhrigidh phrògraman, agus chòrd an cothrom gu mòr rithe.

“’S e cothrom air leth inntinneach a bha anns gach taobh de Gun Sgot, eadar an obair a bha an-sàs anns an riochdachadh, tàlant nan còmhlain-ciùil, stòiridhean nan aoighean, cabadaich nan sgiobaidhean… agus gu dearbha m’ obair air cùl a’ bhàr cuideachd!”

Gun Sgot’s resident mixologist is Mairead Hamilton, who has recently returned home to Sleat, Skye having lived & studied in Glasgow for five years. She now works in Sleat as Development Executive. Gun Sgot was Mairead’s first foray into presenting, and she thoroughly enjoyed all aspects of the show.

“To hear the wealth of talent from the bands, the stories from the guests, the banter of the teams and to see the amount of work needed from the production team was a fantastic, eye opening opportunity… oh and I mustn't forget the cocktails!”