Main content

Derek MacAoidh

Thogadh Derek MacAoidh ann an Leòdhas.

Thogadh Derek MacAoidh ann an Leòdhas. Chaidh a thàladh dhan bhaile mhòr as dèidh na sgoile, a' faighinn ceum sa Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Thòisich e aig a' BhBC san t-seòmar naidheachd aig Radio nan Gàidheal ann an Inbhir Nis, agus bha e an uair sin ag aithris air Eòrpa airson bliadhnaichean.

Air BBC ALBA, bidh Derek ag aithris air spòrs, chaidh e air eilthireachd gu Tìr nan Òg agus bha e a' rùraich Anns na Pàipearan. Agus ged a tha e a' gearan gun robhas a' feuchainn ri liathadh (fiùs barrachd!) sa chiad shreath de Gun Sgot, tha e a' tilleadh air cùl a’ bhàr airson ceistean eile a chur agus craic fhaighinn a-rithist leis na h-aoighean agus an luchd-ciùil. Ged a tha taic aige air cùl a’ bhàr an turas seo, tha e follaiseach gu bheil e fhathast air barrachd liathaidh a dhèanamh!

Derek MacKay

Derek MacKay was brought up in Lewis. He was drawn to the big city after leaving school to do a degree in Gaelic at the University of Glasgow. His work at the BBC began in the Radio nan Gàidheal newsroom in Inverness and he reported on Eòrpa for years.

On BBC ALBA, Derek commentates on the sport, he emigrated to Tìr nan Òg (Fantasy Island) and he presented Anns na Pàipearan (In the papers). He's back behind the bar in Gun Sgot, hoping for some sensible answers to his questions, but sure in the knowledge that the musicians and guests will all rise to the occasion. He's also hoping that his new bar staff might take some of the strain and save him from still greyer hair!