Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Litir do Luchd-ionnsachaidh

Clip

Litir 1: Miann

Tha seanfhacal againn ann an Gàidhlig a tha cur nar cuimhne mar a bhios daoine an-còmhnaidh a' coimhead a-mach - le farmad - air na rudan a th' aig daoine eile. "'S e miann na lacha an loch air nach bi i."

Tha sin a' ciallachadh gum b.fheàrr leis an lach a bhith ann an àite eile - loch eile - air falbh bhon àite anns a bheil i an-dràsta eadhon ged a bhiodh an loch sin math dhi anns a h-uile dòigh. "'S e miann na lacha an loch air nach bi i." Ach, mar a tha fios againn uile, 's ann air daoine agus smuaintean dhaoine a bhios seanfhaclan a-mach, mar is trice. Tha an seanfhacal seo ag innse dhuinn gum b' fheàrr le daoine a bhith ann an àite far nach eil iad an-dràsta. Mar a th'aig muinntir na Beurla - "the grass is greener on the other side of the fence."

Tha e furasda tuigsinn carson a bhiodh beachd mar sin aig mòran ann an Alba bho àm gu àm, gu h-àraidh ann am meadhan a' gheamhraidh nuair a tha na h-oidhcheannan fliuch, fuar, dorch agus fada; agus nuair a tha na làithean fliuch, fuar, dorch agus goirid. Aig an àm sin, b' fheàrr le mòran, 's dòcha, a bhith anns a' Charibbean seach ann an Càirinis. Neo ann am Morocco seach Moireabh. Neo Rhodes an àite Roghadal.

Ach gabhaibh mo lethsgeul ma bheir mi-fhìn beachd làidir an aghaidh gliocas an t-seanfhacail seo - aig an àm seo dhen bhliadhna co-dhiù. Ann am mìos a' Chèitein - mìos cho brèagha 's a th'againn - nuair a tha lusan de ghach seòrsa a' nochdadh ann an coilltean is pàircean is monaidhean na Gàidhealtachd. Mìos na Bealltainne, nuair a tha an saoghal a' tighinn beò a-rithist an dèidh a' gheamhraidh fhada. Mìos seinn na cuthaige ann an coilltean is doireachan na h-Alba. Cò dh' iarradh a bhith ann an àite sam bith eile air an t-saoghal ach air a' Ghàidhealtachd anns a' Chèitean?

'S toil leam a bhith a' sreap gu coireachan nam beann aig an àm seo dhen bhliadhna. Chì mi sneachd air na mullaichean, a tha fhathast fuar is gaothach, ach faodaidh e bhith blàth agus ciùin anns na coireachan. Uaireannan bidh e cho blàth 's gum faod mi mo chuid aodaich a thilgeil dhiom airson a dhol a shnàmh ann an loch. Uill, airson diog neo dhà co-dhiù! 'S dòcha gur ann glic a bhios an lach a theicheas gu loch eile nuair a nochdas mise!

Tha an Cèitean brèagha gu cinnteach. Ach tha aon rud eile ann a tha a' toirt toil-inntinn dhomh anns a' mhìos seo. 'S e sin gu bheil grunnan mhìosan a-nise air thoiseach oirnn anns am bi a' ghrian a' deàrrsadh, anns am bi mòran mar a bhios mi-fhìn - a' deanamh air na beanntan airson toileachas fhaighinn am measg bòidhchead nàdarrach na h-Alba. Ach gu mi-fhortanach cha mhair an toil-inntinn fada. Goirid an dèidh dhomh tilleadh dhachaigh gach turas, bidh mi a' coimhead air a' mhap a-rithist, a' lorg àite eile far an tèid mi a choiseachd. Cha bhi mi toilichte dìreach a bhith a' dol don aon àite. Bidh mi an-còmhnaidh a' coimhead airson beanntan ùra.

A dh' andeoin de chanas mi, ma tha, 's dòcha gu bheil mi car coltach ris na lachan a chì mi air sgèith thairis air an t-samhradh, eadhon anns a' mhìos seo fhèin, a' coimhead airson lochan ùra. 'S e miann Ruairidh a' bheinn air nach bi e. Mmm. 'S dòcha gu bheil an seanfhacal mun lach nas glice na bha mi a' deanamh a-mach aig toiseach na litreach-sa.

Faclan na seachdainne

farmad: envy; miann: desire; seanfhacal: proverb; toil-inntinn: mental pleasure, satisfaction

Abairt na seachdainne

cò dh'iarradh a bhith...? : who would wish to be...?

Gnàths-cainnt/seanfhacal na seachdainne:

'S e miann na lacha an loch air nach bi i: the desire of the duck is [to be on] the loch where she is not.Thefuture tense is used here (rather than "an loch air nach eil i") to denote thegeneralized, habitual nature of the observation. This is a common use of the future tense in Gaelic: cf Bidh mi ann an Inbhir Nis a h-uile latha: I am inInverness every day.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast