Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 22: Tsunami ann an Alba

Tha a’ bhliadhna seo air a bhith gu math dona airson crithean-talmhainn. Anns an Turc agus ann an Taiwan – chaill na mìltean am beatha nuair a thuit togalaichean àrd’ orra. Ach nuair a tha crith-thalmhainn ann, chan ann dìreach anns na bailtean mòra, far a bheil togalaichean àrda, a tha an cunnart. Faodaidh e bhith gu math cunnartach air a’ chladach cuideachd. ‘S e is coireach airson sin rud ris an canar tsunami.

‘S e facal Iapanach a th’ann an tsunami, agus ’s e am facal as fheàrr a th’ann airson a leithid. Ann am Beurla bithear a’ bruidhinn air tidal wave, ach chan eil gnothach sam bith aig an tìde-mhàra ri tsunami. ‘S e crith-thalmhainn a tha ag adhbharachadh tsunami, ach crith-thalmhainn fon mhuir, is chan ann air tìr.

Bidh sibh a’ smaoineachadh, ’s dòcha, leis gu bheil uachdar na talmhainn cho seasmhach ann an Alba, nach tachradh tsunami ann an seo uair sam bith. Uill, ma ’s e sin ur beachd, tha sibh ceàrr, a-rèir choltais. Ged nach eil iad a’ tachairt ann a seo ach ainneamh, tha iad air a bhith ann bho àm gu àm.

O chionn coig bliadhn’ deug ar fhichead (35), lorg dithis às Oilthigh Dhun Eideann, gainmheach fo uachdar na talmhainn faisg air a’ bhaile. Shaoil iad gur e tuil a bu choireach – tuil-aibhne – is gur iad uisgeachan-aibhne a ghluais a’ ghainmheach agus a dh’fhàg ann a sin i. Cha robh iad dhen bheachd gu robh gnothach sam bith aig a’ mhuir rithe.

Ach, tro thìde, lorg feadhainn eile gainmheach dhen aon seòrsa suas is sìos costa sear na h-Alba. Agus bha fosailean innte a bh’air tighinn bhon mhuir. Tha e coltach gun deach a thilgeil air cladach na h-Alba aig an aon àm le tuinn mhòra mhòra o chionn còrr is seachd mìle bliadhna. Ach de dh’adhbharaich na tuinn mhòra? Uill, a-rèir choltais, tsunami.

Bha crith-thalmhainn anns a’ chuan eadar Nirribhidh agus Innis Tìle. Ghluais pàirt de ghrunnd na mara a bha cho mòr ri Alba, agus dh’adhbharaich sin fairge mhòr – nas motha nan stoirm as miosa a chunnaic sinne a-riamh. Ann an Alba bha na tuinn sia meatairean na b’àirde na ìre làn na mara.

Agus tha fianais aig luchd-saidheans gun do thachair an tsunami as t-fhoghar. Ciamar a tha iad a’ deanamh sin a-mach? Uill, gu sìmplidh. Bha na tuinn cho mòr ’s gun do rinn iad milleadh air tìr far an robh lusan is craobhan a’ fàs. Agus chaidh measan a thiodhlacadh anns a’ ghainmheach a chaidh a thilgeil air tìr leis an fhairge. Measan a bhios abaich dìreach as t-fhoghar.

Tha mi toilichte nach robh mi ann airson an tsunami sin fhaicinn. Ach ’s dòcha gu robh daoine ann an Alba aig an àm agus as t-fhoghar tha deagh theans ann gu robh iad faisg air a’ chladach. ’S dòcha gun do chaill feadhainn am beatha. Chuala mi naidheachd mu dheidhinn geòlaiche – eòlaiche-chreagan – a bh’air cladach ann an Alàsca latha a bha seo, nuair a chunnaic e rudeigin annasach a’ tachairt anns a’ mhuir. “Mo chreach,” thuirt e ris fhèin, “tha tsunami a’ tighinn.” Agus ruith e air falbh bhon chladach cho luath ’s a b’urrainn dha. Mura b’e gu robh eòlas sònraichte aige, bha a’ mhuir air a dhol thairis air agus a bhàthadh. Ach cha robh eòlas mar sin aig na daoine o chionn seachd mìle bliadhna.

Agus an tachair tsunami a-rithist ann an Alba air sgàth gluasad grunnd na mara faisg air Nirribhidh? Tachraidh – ach ’s dòcha gum bi e greis fhathast. Agus gheibh sinn rabhadh ro-làimh – co-dhiù dà uair a thìde mus ruig na tuinn mhòra Alba. Bidh sinn beò an dòchas nach tachair e, ma thà, aig dà uair ’s a mhadainn.

Faclan na seachdaine

crith-thalmhainn, crithean-talmhainn: earthquake,earthquakes; togalaichean: buildings; cunnart, cunnartach: danger, dangerous;Iapanach: Japanese: ag adhbharachadh: causing; seasmhach: stable;ainneamh: rare, rarely; Oilthigh Dhun Eideann: Edinburgh University;gainmheach: sand; tuil, tuil-aibhne: flood, riverine flood; fosailean: fossils;grunnd na mara: the sea bed; abaich: ripe; geòlaiche, eòlaiche-chreagan:geologist; Alàsca: Alaska; annasach: unusual; greis: a while.

Abairtean na seachdaine

chaill na mìltean am beatha: thousands lost theirlives; faodaidh e bhith gu math cunnartach: it can be extremely dangerous;uachdar na talmhainn: the surface of the earth; a-rèir choltais: apparently;bho àm gu àm: from time to time; tro thìde: over (through) time; costa searna h-Alba: the east coast of Scotland; tha e coltach gun deach a thilgeil: itappears it was thrown: o chionn còrr is seachd mìle bliadhna: over seventhousand years ago; anns a chuan eadar Nirribhidh agus Innis Tìle: in theocean between Norway and Iceland; dh'adhbharaich sin fairge mhòr: thatcaused a great sea; na b'àirde na ìre làn na mara: higher than the high-tidemark; chaidh measan a thiodhlacadh: fruit were buried; tha deagh theansann: there is a good chance; cho luath 's a burrainn dha: as quickly as hecould; mura be gu robh eòlas sònraichte aige, bha a' mhuir air a dhol thairisair agus a bhàthadh: if it had not been for his special knowledge, the seawould have engulfed him and drowned him; gheibh sinn rabhadh ro-làimh:we will get a warning beforehand; mus ruig na tuinn Alba: before the wavesreach Scotland.

Puing ghràmair na seachdaine

tuinn mhòra mhòra: very large waves. Thesingular is tonn mòr. As tonn is pluralised by slenderising its terminal (inthis case only) vowel, the attributive adjective is lenited in the plural. This isa general rule in Gaelic. If the adjective ends in a consonant and has onlyone syllable, we add a terminal -a-. Thus cù mòr becomes coin mhòra (bigdogs); each dubh becomes eich dhubha (black horses); boireannach beartachbecomes boireannaich bheartach (wealthy women); gèadh glas becomesgeòidh ghlasa (greylag geese). In some places, tonn is pluralised, not byslenderisation but by a terminal an-. In this case the lenition of the attributiveadjective no longer applies and we get tonnan mòra, not tonnan mhòra.

Gnàths-cainnt na seachdaine

chan eil gnothach sam bith aig an tìde-mharari tsunami: a tsunami has nothing to do with the tide. ...gu robh gnothachsam bith aig a' mhuir rithe: that the sea had anything to do with it (fem).Gnothach (business, matter, affair) is an extremely useful word and is employedin many contexts. This is one of its commonest uses. Gabh mo lethsgeul,ach an robh gnothach agadsa ris a' mhilleadh air a chàr agam?: excuse me,but did you have anything to do with the damage to my car? Cha robh gudearbh. Cha robh gnothach sam bith agam ris. Certainly not. I had nothingto do with it.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast