
08/06/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 101
Duration: 04:55
Litir 101: Sròn
Bidh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig uaireannan a’ cur ceist orm mu dheidhinn litreachadh a’ chànain. ’S e cuspair mòr a th’ ann agus, gu dearbh, chan eil e as aonais connspaid! Tha cuimhne agam gun do dh’fhaighnich tè dhiom turas ciamar a litreachainn a’ Ghàidhlig airson nose. “S-r-ò-n,” fhreagair mi.
“Seadh,” thuirt i, “agus ciamar a tha thu ga ràdh?”
“Stròn,” fhreagair mi.
Choimhead i orm gu geur. “Chuir thu ‘t’ ann a sin nach eil anns an fhacal ann,” thuirt i. Thuirt thu ‘stròn’ ach tha am facal air a litreachadh ‘sròn’.”
Agus bidh fios agaibh dè an ath cheist a bh’ aice: “Carson?”!
“Smaoinich air a h-uile duine as aithne dhut aig a bheil Gàidhlig,” thuirt mo bhana-charaid (agus bu chòir dhomh ràdh gu robh seo o chionn beagan bhliadhnaichean) “agus innis dhomh ciamar a chanadh iadsan am facal sin.” B’ fheudar dhomh aideachadh nach b’ urrainn dhomh smaoineachadh air duine nach canadh “stròn”.
“Uill,” thuirt i, “carson fon ghrèin a tha am facal air a litreachadh as aonais ‘t’? Carson nach eil e air a litreachadh ‘s-T-r-ò-n’?”
Tha fhios gu bheil luchd-ionnsachaidh tric a’ cur ceistean mar sin air fileantaich agus, gu h-àraidh nuair a tha iad às ceann a tuath na Gaidhealtachd, ’s dòcha nach bi cuid de na fileantaich buileach cinnteach air an adhbhar. Feuchaidh mise ri beagan taic a thoirt dhaibh.
Tha dà adhbhar ann airson sròn a litreachadh as aonais an ‘t’. ’S e a’ chiad rud nach eilear ag ràdh “stròn” anns a h-uile sgìre ann an Alba. Tha àiteachan ann far a bheilear ag ràdh “sròn”. Tha seo air a mhìneachadh gu snog ann an leabhar inntinneach a chaidh fhoillseachadh an-uiridh: The Gaelic of Islay: A Comparative Study le Seumas Grannd à Roinn na Ceilteis ann an Oilthigh Obair Dheathain.
Tha an t-Ollamh Grannd a’ sealltainn dhuinn gur e “sròn” a chanas muinntir Ile. Is chan e Ile a-mhàin. Thug e sùil air Earra-Ghaidheal air fad agus ’s e “sròn” a chanas daoine air feadh na sgìre, ach a-mhàin ann an trì àiteachan anns a’ cheann a tuath – Tiriodh, Colla agus Aird Ghobhar. Anns na trì àiteachan sin, thathar ag ràdh “stròn” – an aon rud ri ceann a tuath na Gaidhealtachd.
A’ coimhead air ais don àm nuair a bhathar a’ sgrìobhadh Gàidhlig o shean, leithid nuair a bhathar ag eadar-theangachadh a’ Bhìobaill gu Gàidhlig, bha sgoilearan às Earra-Ghaidheal gu mòr an sàs ann. Bha a’ Ghàidhlig fada na bu làidire ann an Earra-Ghaidheal na tha i an-diugh. Agus bha na sgoilearan cuideachd eòlach air dòigh-sgrìobhaidh Gàidhlig na h-Eireann. Eadar an dà rud sin, bha e nàdarrach gu leòr dhaibh, am facal sròn a sgrìobhadh s-r-ò-n, ged a bhiodh muinntir a’ chinn a tuath ag ràdh “stròn”.
Ach tha adhbhar eile ann cuideachd agus tha seo gu math cudthromach. Ciamar a chanadh sibh, ann an Gàidhlig, “my nose”? Seadh? “Mo shròn”. Ciamar a chanadh sibh ri balach beag, “blow your nose, lad”? “Sèid do shròn, ’ille.” Bidh sibh a’ mothachadh nach eil ‘t’ sam bith a’ nochdadh anns an fhacal nuair a tha e air a shèimheachadh, deas neo tuath. Chan dèanadh ‘t’ feum neo ciall anns an fhacal anns an t-suidheachadh sin. Mar sin, tha e nas fhasa, airson dèiligeadh ris a h-uile suidheachadh anns an nochd am facal, gur e ‘sr’, an àite ‘str’, a th’ ann aig an toiseach.
Ach tha sin gam thoirt fhèin gu ceist. Ciamar a chanas sibh ann an Gàidhlig, “I am going to climb the mountain”? Bheir sinn sùil air a sin an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




