
03/08/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 109
Duration: 04:47
Litir 109: GOC
An t-seachdain ’s a chaidh, rinn mi iomradh air Faclair na Pàrlamaid. A bharrachd air a’ bhriathrachas a th’ ann, tha am faclair cudthromach ann an dòigh eile. Tha pìos ann aig toiseach an leabhair a tha a’ mìneachadh an t-seasaimh a bh’ aig an luchd-deasachaidh air litreachadh, gràmar is sgrìobhadh a’ chànain.
Anns an fharsaingeachd, lean an sgioba na molaidhean a rinneadh o chionn fichead bliadhna fon ainm GOC. Tha sin a’ seasamh airson “Gaelic Orthographic Conventions”. ’S e sin an siostam a tha na sgoiltean air a bhith a’ cleachdadh bhon uairsin. Am measg molaidhean GhOC, tha fear a bha gu math connspaideach aig an àm – airson faighinn cuidhteas an stràc geur.
Roimhe sin, bha dà sheòrsa de stràc ann – an stràc geur neo accute accent, agus an stràc trom, neo grave accent. Mar eisimpleir, bha am facal “mòr” sgrìobhte “m-ó-r”, seach mar a tha e an-diugh – “m-ò-r”. Air an làimh eile, bha am fuaim “ò” air a shealltainn le stràc trom. “ó” agus “ò”. Tha iad eadar-dhealaichte o chèile, nach eil?
Bha an aon rud fìor mun litir “e”. Bha an stràc trom air “e” a’ dèanamh an fhuaim “è” mar a tha e ann an “nèamh”. Bhiodh an stràc geur a’ dèanamh “é” mar a tha e ann an “tréigsinn”.
Uill, a rèir molaidhean GhOC, cha robh an stràc geur feumail tuilleadh. Bha e a’ nochdadh ann an glè bheag de dh’fhaclan, agus bha an sgioba dhen bheachd gu robh còir faighinn cuidhteas e, agus an stràc trom a-mhàin a chur gu feum nuair a bhathar a’ sealltainn gu bheil fuaimreag nas fhaide nan àbhaist. Cha chreid mi nach robh iad dhen bheachd gum biodh fios aig daoine gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn” fiù ’s nuair a tha e air a litreachadh le stràc trom, mar a tha e an-diugh
Ach chanainn gun do dhìochuimhnich iad an luchd-ionnsachaidh - an fheadhainn a tha ag ionnsachadh a’ chànain agus a bhios a’ leughadh fhaclan nach cual’ iad a-riamh. Ciamar a bhiodh fios acasan gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn”? Bha a’ cheist ann an do rinn an siostam ùr gnothaichean na bu dhorra do luchd-ionnsachaidh.
’S dòcha gun do rinn ach, air an làimh eile, tha fad’ a bharrachd chothroman aig luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a chluinntinn an-diugh – air an rèidio, air an telebhisean, air tèip is CD, agus air an eadar-lìon air feadh an t-saoghail. Le bhith ag èisteachd ri uiread, cluinnidh iad faclan mar “trèigsinn” is bidh iad eòlach air an fhuaimneachadh. Bidh fios aca gur e “céilidh” a chanas iad, seach “cèilidh” nuair a leughas iad am facal le “è” mar a tha e an-diugh.
Chan eil a’ chonnspaid mu dheidhinn nan stràcan air bàs fhaighinn, ge-tà. Tha feadhainn ann a bhios a’ sgrìobhadh ann am pàipearan-naidheachd is leabhraichean a th’ air diùltadh gabhail ri molaidhean GhOC. Tha an stràc geur fhathast beò – air èiginn. Ach am bu chòir a bhith? Mura h-eil na Gaidheil comasach air tighinn gu aonta air rud cho bunaiteach, carson a bhiodh an saoghal mòr a-muigh a’ toirt spèis dhaibh is don cànan?
As dèidh fichead bliadhna, agus ginealach ùr air èirigh gun eòlas aca air an stràc gheur, ach a-mhàin bho sheann leabhraichean, nach eil an t-àm againn a chur air an t-sitig is a’ Ghàidhlig a sgrìobhadh leis an stràc throm a-mhàin, mar a mhol GOC agus Faclair na Pàrlamaid. ’S dòcha gu bheil an stràc geur feumach air stràc le speal gheur! Dè ur beachd fhèin?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




