
25/01/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 134
Duration: 05:01
Litir 134: Ailig O Hianlaidh
Tha bliadhna thrang air a bhith aig Ailig O Hianlaidh. Mura h-eil sibh eòlach air, ma tha ùidh agaibh ann am poileataics, gu h-àraidh ann am Pàrlamaid na h-Alba, ’s iongantach mura bi sibh a’ conaltradh ri Ailig ann an dòigh air choreigin anns an ùine romhainn, oir is esan Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid. Agus tha na Gaidheil, is na meadhanan Gàidhlig gu sònraichte, a’ dèanamh feum mòr dheth.
Tha Ailig air a bhith na dhreuchd a-nise airson bliadhna agus ’s iomadh rud a dh’eadar-theangaich e, no a sgrìobh e bho thùs, airson luchd na Gàidhlig thairis air an ùine sin. Tha feadhainn dhiubh sin air mo bheulaibh an-dràsta – bileagan no, gu dearbh, leabhrain air a bheil rudan mar “Thu Fhèin agus na BPA agad” no “Atharrachaidhean ri Bilean Riaghaltais: Stiùireadh do bhuidhnean agus daoine bhon taobh a-muigh”. Tha leabhran ann a tha a’ toirt “Fiosrachadh do Luchd-fianais a tha a’ nochdadh air beulaibh chomataidhean” agus fear eile air “Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair”.
Nise, chleachd mi na litrichean BPA. Tha iad a’ seasamh airson Ball Pàrlamaid na h-Alba. Mar sin, tha iad co-ionann ri MSP ann am Beurla – Member of the Scottish Parliament. Coimheadamaid a-rithist air tiotal an leabhrain anns a bheil BPA a’ nochdadh – “Thu Fhèin agus na BPA agad”. Tha dà rud a’ tighinn am follais. Anns a’ chiad dol a-mach, tha BPA cuideachd a’ seasamh airson barrachd na aon duine – Buill Pàrlamaid na h-Alba. Chan eil diofar ann mar a tha ann am Beurla eadar MSP singilte agus MSPs iolra.
’S e an darna rud as fhiach rudeigin a ràdh mu dheidhinn gu bheil an leabhar ag ràdh “na BPA agad”. Ann am Pàrlamaid na h-Alba, tha còrr is aon bhall pàrlamaid aig gach duine, oir tha na buill air an taghadh ann an dà dhòigh. Tha feadhainn nam Buill Roinne-Pàrlamaid. Tha iad a’ seasamh airson aon sgìre bheag agus tha daoine a’ bhòtadh gu dìreach air an son. Tha feadhainn eile air an taghadh le siostam air a bheil mòran eòlach mar “siostam PR” – far a bheil feadhainn a’ faighinn a-staigh mar Bhuill-Liosta ann an sgìre mhòr – mar sgìre na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Agus, mura h-eil sibh eòlach air a’ Ghàidhlig airson PR no “Proportional Representation”, seo e, bho Fhaclair na Pàrlamaid: Siostam Riochdachaidh Co-roinneil.
Mura h-eil mòran ùidh agaibh ann am poileataics an là an-diugh, ach ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh na h-Alba, chanainn gun gabhadh sibh tlachd bho bhith a’ leughadh leabhran eile air an do rinn Ailig O Hianlaidh obair. ’S e sin am fear air a bheil “An Dualchas Phàrlamaideach Albannach”. Tha sin a’ coimhead air rudan mar a’ chiad phàrlamaid aig Alba, an t-Ath-Leasachadh, Cunnradh an Aonaidh agus Linn Westminster.
Seo pìos dheth agus tha mi a’ dol a chur ceist oirbh aig an deireadh: “Chunnaic pàrlamaidean na h-Alba troimhe-chèile, briseadh agus sgaoileadh eadhon mus tàinig an t-Aonadh ann an 1707. As dèidh na bliadhna sin bha pàirt chudromach aig Alba ann am Pàrlamaid na RA ann an Westminster.” ’S e a’ cheist agam – dè tha na litrichean “RA” a’ seasamh air a shon? Innsibh mi dhuibh anns an ath-litir.
Ach feumaidh mi aideachadh gun do sgrìobh Ailig aon rud a chuir gàire air m’ aghaidh, ann an ro-ràdh ann am fear de na leabhrain. Sgrìobh e: “Tha pàrlamaid air a dèanamh suas le riochdairean taghte…” Tha sin ceart, ach tha cuid anns a’ choimhearsnachd nach canadh “taghte” idir ann an co-cheangal rin cuid riochdairean anns a’ phàrlamaid!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine: Tha pàrlamaid air a dèanamh suas le riochdairean taghte: parliament is made up of elected representatives. There is a play on words here. The word taghte is a part participle of the verb taghadh (choosing, electing) and means “chosen” or “elected”. As with other other past participles like briste (broken), fosgailte (open) and dùinte (closed), it operates as an adjective. But the expression “taghte!” also means “excellent, wonderful, perfect” eg tha sin dìreach taghte (that’s just perfect). You might hear it being used in a phone conversation in the same manner as one might say in English “great” or “terrific”. So, in the Litir, tha cuid anns a’ choimhearsnachd nach canadh “taghte” idir ann an co-cheangal rin cuid riochdairean anns a’ phàrlamaid means “some in the community would not say ‘taghte’ in relation to their representatives in the parliament!”
The –te ending indicates the grammatical origins of the word as a past participle, but you will often see it spelt taghta. This shows more closely the pronunciation – the final t is a broad one as occurs before a broad vowel (eg an t-aran) rather than the slender “tch” one before a narrow vowel (as in an t-ìm).
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




