
14/03/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 193
Duration: 04:29
Litir 193: Marsaili Cheanadach-Fhriseal
A’ chiad turas a chaidh Marsaili Cheanadach-Fhriseal a dh’Eirisgeigh, ann an naoi-deug ’s a còig (1905), bha i a’ faireachdainn gu robh i air a sheòladh air ais ann an tìm, bhon fhicheadamh linn don t-seachdamh linn deug. Mar a dh’aithris mi anns na litrichean a dh’fhalbh, bha i air a bhith air muir is air tìr ann am mòran dùthchannan, ach cha do ghabh i tlachd bho ghin aca mar a ghabh i bho a cuairt a dh’Eirisgeigh. Bha i a’ cumail a-mach gu robh i car sàmhach, diùid na nàdar ach, nan canadh cuideigin am facal ‘Eirisgeigh’ rithe, gum biodh an clab oirre.
Cha b’ fhada gus an do thachair Marsaili ris an fhear a b’ ainmeil’ anns an eilean – an sagart, an t-Athair Urramach Ailean Dòmhnallach, no “Maighstir Ailein” mar a chanadh muinntir an àite ris. Bha esan cliùiteach air feadh an t-saoghail am measg dhaoine aig an robh ùidh ann am beul-aithris is bàrdachd is cultar nan Gaidheal. Gu mì-fhortanach do Mharsaili, agus do na h-uimhir eile a bha eòlach is measail air, chaochail Maighstir Ailein dìreach trì seachdainean as dèidh do Mharsaili dhol dhachaigh – leis a’ flu – aig aois ceathrad ’s a trì. Ach mhair a dhìleab fada as a dhèidh. Gu dearbh, tha i againn fhathast ann an saoghal nan Gaidheal.
’S iomadh duine air an deach Marsaili a chèilidh, agus thòisich i air fuinn nan òran a sgrìobhadh air pàipear. Bha i cho deidheil orra is gun deach i fiù ’s a-mach gu eathar a bha aig acair airson iarraidh air fear de na h-iasgairean na lìn a bha e a’ càradh a chur an dàrna taobh, agus òran a ghabhail dhi. Agus mhothaich i do dh’aon rud gu h-àraidh mu dheidhinn seinn nan eileanach – bha na guthan aig mòran aca uabhasach domhain.
Nuair a dh’fhalbh i, thug i leatha fuinn air pàipear ach cha robh i comasach air na faclan a sgrìobhadh – cha robh mòran Gàidhlig aice. Bha Maighstir Ailein air aontachadh taic a thoirt dhi, le bhith a’ cur na faclan ga h-ionnsaigh. Ach chaochail e mus robh cothrom aige.
Ann an naoi-deug ’s a seachd (1907), thill Marsaili a dh’Eirisgeigh agus thug i leatha inneal-clàraidh-fuaim air an robh graphophone – an seorsa inneil a bhiodh a’ cleachdadh siolandair-cèire. Cha robh e idir cho math ris an fheadhainn a th’ againn an là an-diugh, agus shaoileadh neach-èisteachd gu robh an tùchadh air an t-seinneadair. Air sailleamh sin, chanadh gillean òga Eirisgeigh ‘am bodach’ ris. Aig àmannan, leis gu robh an aimsir gu tric fliuch, chan obraicheadh an graphophone gu math.
An turas seo, chaidh Marsaili gu ruige Uibhist a Deas cuideachd, oir bha cuid de na daoine air an robh i eòlach ann an Eirisgeigh air a dhol a dh’fhuireach ann, leis nach robh fearann gu leòr dhaibh ann an Eirisgeigh fhèin. Agus chaidh i cuideachd a Bharraigh, an toiseach gu ceann a tuath an eilein. “Chan fhaigh sibh dad ann am Bàgh a’ Chaisteil,” thuirt cuideigin rithe anns an Òban. “Tha e ro ‘sophisticated’ a-nise…” Ach bha sin fada ceàrr.
Bha bùth aig fear Mìcheal MacNìll air a’ chidhe ann am Bàgh a’ Chaisteil, agus chuir e fios a-mach do ghrunn seinneadairean thighinn cruinn còmhla anns a’ bhùth. B’ e sin, sgrìobh Marsaili, fear de na cèilidhean a b’ fheàrr a bh’ aice a-riamh, far an do chruinnich i òrain. Bheir sinn sùil air agus air an obair a rinn Marsaili an co-bhuinn ris an Urramach Coinneach MacLeòid anns an Litir mu dheireadh mu a deidhinn, an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




