
12/11/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 280
Duration: 05:40
Litir 280: Bà bhreaca
Halò a-rithist. Anns an litir seo tha mi airson a dhol an sàs ann an dubh-fhaclan. Trì dubh-fhaclan a tha car annasach, ach aig a bheil rudeigin anns a’ chumantas eatarra. Tha iad uile a-mach air bà bhreaca. Bà bhreaca. Dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air sin? “Mottled cows”, ’s dòcha? Bà bhreaca. Uill, nuair a chluinneas sibh na dubh-fhaclan, bidh sibh mothachail, tha mi an dùil, nach e “beathaichean cruidh” a thathar a’ ciallachadh. ’S e an obair agaibhse, ma-thà, faighinn a-mach dè dìreach a tha na “bà” a’ riochdachadh anns na dubh-fhaclan.
Seo agaibh a’ chiad fhear: Trì bà bhreaca an cois na leacainne, nach do bhleoghainneadh deur de am bainne riamh. A bheil sibh eòlach air an fhacal leacann? ’S e facal boireann a th’ ann, is tha i a’ ciallachadh “the broad slope of a hill”. Agus bleoghainn? Tha sin a’ ciallachadh na bhios daoine a’ dèanamh airson bainne a thoirt à bò. Mar sin, cha d’ fhuair duine bainne a-riamh bho na bà seo. Trì bà bhreaca an cois na leacainne, nach do bhleoghainneadh deur de am bainne riamh.
Seo agaibh a-nise an dàrna dubh-fhacal agus tha am facal leacann a’ nochdadh a-rithist. Feumaidh gu bheil na bà seo air nàdar de leacann, ach an ann air cliathaich cnuic a tha iad? Trì bà bhreaca a’ ruith le leacainn, cha chuir banachag buarach orra is cha chuir buachaille stad orra. A bheil am facal banachag agaibh? Tha sin a’ ciallachadh “boireannach a bhios a’ bleoghainn”. Tha buarach a’ ciallachadh rud a chuireas banachag air casan na bà fhad ’s a tha i ris a’ bhleoghainn. Agus buachaille? Tha sin a’ ciallachadh “fear a bhios a’ trusadh cruidh”. Seo an dubh-fhacal a-rithist: Trì bà bhreaca a’ ruith le leacainn, cha chuir banachag buarach orra is cha chuir buachaille stad orra.
Tha sin gar toirt don treas dubh-fhacal. Seo e: Trì bà bhreaca a’ leum le leacainn, cha nighear iad, ’s cha bhlighear iad; is àirde an geum na geum na buaile, trì bà uallach aigeannach. Tuigidh sibh a’ chiad phàirt dheth – trì bà bhreaca a’ leum le leacainn. Tha an dàrna pàirt – cha nighear iad, ’s cha bhlighear iad – a’ ciallachadh “they will not be washed and will not be milked”. Tha an treas pàirt – is àirde an geum na geum na buaile – ag innse dhuinn gu bheil iad a’ dèanamh fuaim mòr, barrachd fuaim na dhèanadh crodh ann am buaile. Agus mu dheireadh trì bà uallach aigeannach. Tha uallach a’ ciallachadh “lively” agus tha aigeannach a’ ciallachadh “boisterous” no “sprightly”, ach tha dàrna ciall air, co-cheangailte ri aigeann, a tha a’ ciallachadh “doimhneachd a’ chuain”. Aha – ’s dòcha gu bheil bà aigeannach a’ ciallachadh “cows of the deep ocean” seach “sprightly cows”. Èistibh gu dlùth ris an treas dubh-fhacal a-rithist: Trì bà bhreaca a’ leum le leacainn, cha nighear iad, ’s cha bhlighear iad; is àirde an geum na geum na buaile, trì bà uallach aigeannach.
Seadh – a bheil e agaibh a-nise? Tha na bà a’ riochdachadh tuinn na fairge – na trì tuinn mhòra a thig aig àmannan aig muir nuair a tha stoirm ann. Tha iad a’ dol le leacainn – ach ’s e leacann mara a th’ ann, seach leacann talmhainn. Cha ghabh na bà bleoghainn no smachdachadh, nì iad fuaim mòr agus, gun teagamh, tha iad aigeannach. Slàn leibh an-dràsta.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine: Firstly, I asked you to ponder a question last week: in the phrase de chunnaic i ach an t-aon bhoireannach a bu bhrèagha a chunnaic i riamh (what did she see but the [one] most beautiful woman she had ever seen), why is there a t- in front of “aon”? The reason is that boireannach is a masculine noun and is here in the nominative case. If it were feminine, there would be no t- (cf an t-eilean, masc.; an earrann, fem.) In this week’s Litir did you notice the lenition of the adjective in agreement with bà (nominative plural) ie bà bhreaca? The declension of bò is irregular, but it is usually only nouns whose plural nominative is slender which lenite an attributive adjective when in that case eg bodaich bheaga, boireannaich mhòra, caoraich bhàna, coin fhiadhaich and, as in the Litir, tuinn mhòra. Bò/bà is an exception to the rule.
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




