Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 403: Àird Chlach

O chionn beagan mhìosan dh’ainmich mi Àird Chlach ann an Siorrachd Narann. Bha mi aginnse dhuibh mun leabhar aig Dòmhnall MacIlleDhuibh à Lios Mòr – Sgeul no Dhà às an Lios. Anns an leabhar tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun deach an Naomh Moluag a thiodhlacadh ann an Àird Chlach – a rèir beul-aithris co-dhiù. An uair sin chaidh a chorp a thoirt air ais a Lios Mòr.

Tha e follaiseach gu bheil eachdraidh mhòr aig Àird Chlach, gu h-àraidh co-cheangailte ris an eaglais. Ach càite a bheil an sgìre sin? Uill, bha mi innte an latha eile, agus chan eil i fad sam bith a-mach à Inbhir Nis. Tha i gu deas air Inbhir Narann. Gheibhear ann air an rathad eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach. Tha Uisge Èireann garoinn ann an dà leth.

Ged nach cluinnear mòran Gàidhlig ann an-diugh, tha na h-ainmean-àite ag innse dhuinn gu robh an cànan uaireigin làidir ann. Eadhon ann an ochd ceud deug, naochad ’s ah-aon (1891) bha Gàidhlig aig fichead ’s a trì às a’ cheud dhen t-sluagh.

Ann am meadhan na sgìre, tha loch ann. Air a’ mhap, le dreach na Beurla air, tha ainm an locha air a litreachadh B-E-L-I-V-A-T. Ahà, thuirt mi rium fhìn, bha na Lochlannaich anns an sgìre. Oir tha –vat aig deireadh ainm a’ ciallachadh “loch” ann an Lochlannais. Mar eisimpleir, Langavat – loch fada – no Laxavat – loch nam bradan.

Bhithinn an dùil, mar sin, gun canadh tu ainm an locha mar “BEL-ee-vat”. Tha baile beagfaisg air an loch air a bheil an dearbh ainm. Feumaidh gun tàinig ainm a’ bhaile bho ainm anlocha, shaoil mi.

Uill, bha mi a’ bruidhinn ri fear a tha a’ fuireach anns an sgìre – ged nach eil e air abhith ann fada – agus dh’innis e dhomh gun cuala esan “bel-EEV-ut” aig muinntir an àite.Mmm, thuirt mi rium fhìn, cò as a thàinig an t-ainm? Agus a bheil e Lochlannach?

A rèir an fhiosrachaidh mu ainmean-àite aig Iain Mac an Tàilleir – stuth fìor mhath a gheibhear air an eadar-lìon – ’s e ainm Gàidhlig a th’ ann – Buaile Fhiodhaid – a tha a’ciallachadh ann am Beurla the cattle fold at the wooded place. Buaile Fhiodhaid. Chanainn gun tàinig ainm an locha bho ainm a’ bhaile, seach an rathad eile. Agus bhiodh a’ Ghàidhlig a’ mìneachadh mar a chanas daoine ann am Beurla “bel-EEV-ut” seach “BEL-ee-vat”.

Tha coille mhòr mhòr anns an sgìre sin an-diugh, le craobhan dùthchasach agus neo-dhùthchasach innte. Tha an t-ainm-àite ag innse dhuinn nach e rud ùr a th’ anns na craobhan, ge-tà. Ach ’s dòcha nach robh uiread de chraobhan ann san t-seann aimsir – oirbh a Buaile Fhiodhaid a’ seasamh a-mach mar àite anns an robh coille.

Co-dhiù, tha dualchas àraidh aig Loch Buaile Fhiodhaid. Bhathar ag ràdh anns an t-seann aimsir gun robh tarbh-uisge a’ fuireach san loch. Tarbh-uisge no water-bull. Bhatharag ràdh gun robh e mòr mòr is cho dubh ris an t-suith. Bha coltas daimh air. Bha adharcanmòr’ agus cluasan eagach aige.

Bhiodh an tarbh-uisge ag ithe lusan a bha a’ fàs air bruach an locha. Ach nuair a dh’fhàsadh na lusan sin gann, bhiodh e a’ falbh a dh’àiteachan eile. ’S ann an uair sin a dh’fhàsadh e cunnartach. Bhiodh e a’ fàs miannach air feòil dhaoine. Bhiodh e a’ dol fad isfarsaing, a’ coimhead airson daoine airson ithe. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an tairbh-uisge sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Àird Chlach: Ardclach; Baile nan Granndach: Grantown on Spey; Lochlannaich: Norsemen; tarbh-uisge: water-bull.

Abairtean na Litreach

Siorrachd Narann: Nairnshire; Dòmhnall MacIlleDhuibh à LiosMòr: Donald Black from Lismore; gun deach an Naomh Moluag a thiodhlacadh: St Moluagwas buried; chaidh a chorp a thoirt air ais: his body was brought back; chan eil i fad sambith a-mach à Inbhir Nis: it’s not far out of Inverness; tha Uisge Èireann ga roinn ann an dàleth: The Findhorn River divides it into two halves; ged nach cluinnear mòran: although notmuch is heard; gu robh an cànan uaireigin làidir: that the language was once strong;fichead ’s a trì às a’ cheud: 23%; bhithinn an dùil gun canadh tu: I’d expect that you’d say;air a bheil an dearbh ainm: called the same name; shaoil mi: I thought; stuth fìor mhath agheibhear air an eadar-lìon: excellent material available [which will be got] on the internet;seach an rathad eile: rather than the other way around; le craobhan dùthchasach agus neo-dhùthchasach innte: with native and non-native trees in it; nach robh uiread de chraobhanann san t-seann aimsir: there weren’t so many trees there in olden times; bha coltas daimhair: it had the appearance of an ox; adharcan mòr’ agus cluasan eagach: large horns andnotched ears; nuair a dh’fhàsadh X gann: when X grew scarce; ’s ann an uair sin adh’fhàsadh e cunnartach: it’s then he would get dangerous; miannach air feòil dhaoine:desirous of human flesh; a’ coimhead airson daoine airson ithe: looking for people to eat.

Puing-chànain na Litreach

Inbhir Narann: the town of Nairn. According to W J Watson this was shortened from Invernairn – an anglicised form of the Gaelic. The river name is thought be very old and might be Pictish or pre-Pictish (Watson suggested it was related to the Italian river Nar and its town Narnia, giving a link – even if tenuous – between Nairn and the famous works of the author C S Lewis!) But the point I want to make is that Narann (short first “a”) is a genitive form – Inbhir Narann is “the mouth of the Nairn”) – because I sometimes hear Gaelic speakers saying “Inbhir Narainn” as if they are attempting to genitivise Narann according to modern grammar rules. Because Narann is already in the genitive, “of Nairn” is also Inbhir Narann. Thus “the people of Nairn” are properlymuinntir Inbhir Narann not muinntir Inbhir Narainn

Samhla na Litreach

cho dubh ris an t-suith: as black as [the] soot.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast