Main content
Sorry, this episode is not currently available

30/01/2006

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 38

Bha an Naomh Nachlan san Ròimh. Bha gàirdean aige glaiste ri a chois. Bha sin mar pheanas. Thilg e an iuchair airson na glaise don abhainn – Uisge Dè. Bha sin ann am Poll na h-Iuchrach.

Nuair a bha e san Ròimh, cheannaich Nachlan iasg. Am broinn an èisg lorg e iuchair. An aon iuchair a thilg e don abhainn ann an Alba. ’S e mìorbhail a bh’ ann. Thug Nachlan taing do Dhia.

Chuala am Pàp mun mhìorbhail. Chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air. Chaidh Nachlan ann. Dh’iarr am Pàp air Nachlan fuireach san Ròimh greis. Rinn e easbaig dheth.

Nuair a thill e a dh’Alba, thog Nachlan eaglais anns an Tulaich. Thog e dà eaglais eile ann an Siorrachd Obair Dheathain cuideachd. Bha tè dhiubh ann am Mealdruim. Bha Nachlan cliùmhor anns an sgìre sin. Shàbhail e na daoine an sin bho phlàigh. Rinn e sin le bhith a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean.

Ach tha na ceanglaichean aige don Tulaich nas làidire. Ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1541), stèidhich Righ Seumas V fèill do Nachlan. Bha sin air an ochdamh là dhen Fhaoilleach anns an Tulaich.

Chaidh eaglais ùr a thogail air làrach seann eaglais an Naoimh Nachlain. An-diugh ’s e tobhta a th’ innte. Tha an eaglais sin ainmeil – airson port fìdhle. Didòmhnaich a bha seo, bha fìor dhroch shìde ann. Bha am ministear dhen bheachd nach biodh coitheanal ann. Bha e a’ smaoineachadh gum biodh a h-uile duine a’ fuireach aig an taigh. Dh’fhuirich esan sa mhansa. Cha deach e don eaglais.

Ach chaidh gu leòr eile don eaglais. Bha iad a’ feitheamh ris a’ mhinistear. Ach cha tàinig e. Bha i eagallach fuar anns an eaglais. Chaidh bonaid timcheall airson airgead. Chaidh feadhainn de na gillean sìos an rathad gu taigh-seinnse. Thug iad uisge-beatha air ais don eaglais. Thug iad fìdhlear cuideachd.

Thòisich feadhainn air dannsadh san eaglais. Bha port ùr aig an fhìdhlear. Agus bha dannsa ùr aig na daoine. ’S e an t-ainm a th’ air a’ phort “Ruidhle an Tulaich” – the Reel of Tulloch – agus ’s ann mar sin a thòisich e.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: bha an Naomh Nachlan san Ròimh: Saint Nachlan was in Rome; bha gàirdean aige glaiste ri a chois: an arm of his was tied to his leg; peanas: punishment; thilg e an iuchair ann an Uisge Dè: he threw the key in the River Dee; Poll na h-Iuchrach: the pool of the key; cheannaich Nachlan iasg: Nachlan bought a fish; am broinn an èisg lorg e iuchair: inside the fish he found a key; mìorbhail: miracle; chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air: he sent a message to Nachlan to visit him; dh’iarr am Pàp air Nachlan fuireach san Ròimh greis: the Pope asked Nachlan to stay in Rome for a while; rinn e easbaig dheth: he made him a bishop; thog e dà eaglais eile ann an Siorrachd Obair Dheathain: he built two other churches in Aberdeenshire; bha tè dhiubh ann am Mealdruim: one of them was in Old Meldrum; cliùmhor: renowned; shàbhail e na daoine bho phlàigh: he saved the people from a plague; a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean: circumnambulating the parish on his knees; ceanglaichean: ties; stèidhich Righ Seumas V fèill: King James V established a feast day; air an ochdamh là dhen Fhaoilleach: on 8 January; ’s e tobhta a th’ innte: it is a ruin; airson port fìdhle: for a fiddle tune; Didòmhnaich a bha seo: this particular Sunday; bha fìor dhroch shìde ann: there was terrible weather; bha am ministear dhen bheachd nach biodh coitheanal ann: the minister thought there would be no congregation; sa mhansa: in the manse; a’ feitheamh ris: waiting for; eagallach fuar: terribly cold; chaidh feadhainn de na gillean sìos an rathad gu taigh-seinnse: some of the lads went down the road to an inn; thug iad uisge-beatha air ais: they took back whisky; bha port ùr aig an fhìdhlear: the fiddler had a new tune; bha dannsa ùr aig na daoine: the people had a new dance.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast