
08/05/2006
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
![]()
An Litir Bheag 52
Duration: 03:33
An Litir Bheag 52
Seo agaibh liosta de dh’fhaclan. Dè th’ annta? An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.
Thàinig an liosta à Eilean Bheàrnaraigh – Beàrnaraigh Mòr. Tha sin air taobh siar Leòdhais. Nochd iad ann an leabhar ùr an-uiridh. Bha am fear a chuir am fiosrachadh ri chèile na iasgair. Seo an liosta a-rithist. An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.
’S e a th’ annta comharraidhean dhen Chrios-nèimhe. Tha sin a’ ciallachadh “the signs of the zodiac”. Comharraidhean dhen Chrios-nèimhe. Cia mheud comharra a th’ ann? A bheil fios agaibh? Am bi sibh a’ leughadh nan “rionnagan” anns a’ phàipear-naidheachd?
Tha dà chomharra dheug ann uile gu lèir. Dà chomharra dheug. Agus seo iad, leis a’ Bheurla cuideachd: An Rùd no an rùda – Aries, the ram, An Tarbh – Taurus, the bull, Càraid – Gemini, the twins, A’ Chrùbag – Cancer, the crab, An Leòmhann – Leo, the lion, An Òigh – Virgo, the virgin, Am Meidh – Libra, the scales, An Nathair-nimhe – Scorpio, the scorpion, Am Boghadair – Sagittarius, the archer, An Gobhar – Capricorn, the goat, Fear-giùlain Bùirn no Uisge– Aquarius, the water carrier agus Na h-Iasgan no na h-Èisg – Pisces, the fishes.
’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Muir is Tìr. Tha beul-aithris ann. Agus tha fiosrachadh ann. Tha e mu dheidhinn na mara, na tìre is nan speuran. ’S e am fear a chruinnich am fiosrachadh Seòras Chaluim Sheòrais no Seòras MacLeòid nach maireann.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: seo agaibh liosta de dh’fhaclan: here is (for you) a list of words; rùd/rùda: ram; tarbh: bull; càraid: twins, couple; crùbag: crab; leòmhann: lion; òigh: virgin; meidh: scales; nathair-nimhe: scorpion; boghadair: archer; gobhar: goat; fear-giùlain bùirn: water carrier; iasgan (more commonly èisg): fishes; Beàrnaraigh Mòr: Great Bernera; nochd iad ann an leabhar ùr an-uiridh: they appeared in a new book last year; bha am fear a chuir am fiosrachadh ri chèile na iasgair: the man who collated the information (“put the information together”) was a fisherman; ’s e a th’ annta X: what they are is/are X; comharraidhean dhen Chrios-nèimhe: the signs of the zodiac; cia mheud comharra a th’ ann?: how many signs are there?; am bi sibh a’ leughadh nan “rionnagan” anns a’ phàipear-naidheachd?: do you read the “stars” in the newspaper?; dà chomharra dheug: twelve signs; mu dheidhinn na mara, na tìre is nan speuran: about the sea, the land and the heavens; ’s e am fear a chruinnich am fiosrachadh: the man who collected the information is [called]; Seòras Chaluim Sheòrais: George, son of Calum [who was] son of George.
Podcast
![]()
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.




