Main content
Sorry, this episode is not currently available

31/07/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 64

Bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid. Chòrd e rium gu mòr. Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh. Bha i blàth. Bha flùraichean a’ mhachaire àlainn. Agus bha an ceòl math.

Bha mi ann airson Ceòlas. ’S e sin fèis a th’ ann an Uibhist a h-uile bliadhna. Tha Ceòlas air a bhith ann airson deich bliadhna. Tha e a’ dol bho neart gu neart.

Tha an fhèis stèidhichte air ceithir rudan – ceòl, seinn, danns agus a’ Ghàidhlig. Bidh feadhainn ag ionnsachadh cluich na fìdhle, no seinn na pìoba. Bidh cuid ag ionnsachadh òrain. Bidh cuid ag ionnsachadh dannsa-ceum. Agus tha clasaichean Gàidhlig ann cuideachd.

Bha mi a’ moladh Ceòlas do charaid air tìr-mòr. Bha mi ag innse dha cho math ’s a bha muinntir Uibhist a Deas air danns. Bha iad fìor mhath air a bhith a’ dannsadh na quadrilles. “Tha fios a’m,” thuirt e. “Tha ceòl annta. Chunnaic mi sin aig na cèilidhean Gàidhealach ann an Glaschu. Bha na h-Uibhistich aotrom air an casan.”

’S e sluagh eile a tha math air danns muinntir Cheap Bhreatainn ann an Canada. Nuair a thòisich Ceòlas rinn iad ceangal eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn. Tha an ceangal sin ann fhathast. A h-uile bliadhna aig Ceòlas bidh feadhainn ann à Ceap Breatainn. Bidh iad a’ teagasg na fìdhle no dannsa-ceum.

Bha mi fhìn ann an clas seinn. Dh’ionnsaich sinn òran aotrom mu dheidhinn banais. Cha robh a’ bhanais uabhasach math. Tha an dà loidhne mu dheireadh a’ dol mar seo: “Dh’olc no èiginn fhuair mi [a] leagail, ’s bhuail mi breab san tòin air.”

Bha sinn a’ beachdachadh air cò às a bha an t-òran. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar.” Càite a bheil Ciostal, ge-tà? Cha robh fios aig duine.

Fhuair mi a-mach nuair a bha mi air an rathad dhachaigh. Bha mi a’ dràibheadh tron Eilean Sgitheanach. Eadar Ùige is Port Rìgh, chunnaic mi soidhne rathaid. Air an t-soidhne bha an t-ainm-àite “Ciostal”. Chan eil fhios a’m cuin a bha a’ bhanais mu dheireadh ann. Ach tha aon bhanais ann an Ciostal air a cuimhneachadh fhathast ann an òran.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid: I was in South Uist recently; chòrd e rium gu mòr: I enjoyed it immensely; bha flùraichean a’ mhachaire àlainn: the machair flowers were beautiful; tha Ceòlas air a bhith ann airson deich bliadhna: Ceòlas has been in existence for ten years; bho neart gu neart: from strength to strength; cluich na fìdhle, no seinn na pìoba: playing the fiddle or playing the bagpipes; dannsa-ceum: stepdancing; bha mi a’ moladh X do charaid air tìr-mòr: I was recommending X to a relation on the mainland; bha iad fìor mhath: they were excellent; tha ceòl annta: they are musical (music is in them); bha na h-Uibhistich aotrom air an casan: the Uist folk were light on their feet; ’s e sluagh eile a tha math air danns: another people who are good at dance; muinntir Cheap Bhreatainn: the people of Cape Breton Island; a h-uile bliadhna bidh feadhainn ann à X: every year there are some people from X; Dh’ionnsaich sinn òran aotrom mu dheidhinn banais: we learned a light[-hearted] song about a wedding; an dà loidhne mu dheireadh: the last two lines; dh’olc no èiginn: by hook or by crook; fhuair mi [a] leagail: I managed to fell him; bhuail mi breab san tòin air: I kicked him in the backside; bha sinn a’ beachdachadh air cò às a bha an t-òran: we were discussing where the song came from; A’ Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar: The Wedding that was in Drab Ciostal; fhuair mi a-mach nuair a bha mi air an rathad dhachaigh: I found out when I was on the way home; a’ dràibheadh tron Eilean Sgitheanach: driving through Skye; air an t-soidhne bha an t-ainm-àite: on the sign was the place name; chan eil fhios a’m cuin a bha a’ bhanais mu dheireadh ann: I don’t know when the last wedding was [held] there; tha aon bhanais air a cuimhneachadh fhathast ann an òran: one wedding is still remembered in a song.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast