Main content
Sorry, this episode is not currently available

09/04/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 99

A bheil sibh eòlach air Àird Chlach? Tha i ann an Siorrachd Narann. Tha i gu deas air Inbhir Narann. Tha i air an rathad eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach. Tha Uisge Èireann – the Findhorn River – a’ ruith tron sgìre.

Tha mòran ainmean-àite Gàidhlig ann an Àird Chlach. Ann am meadhan na sgìre, tha loch ann. Air a’ mhap, tha ainm an locha air a litreachadh B-E-L-I-V-A-T. Ahà, thuirt mi rium fhìn, chan e ainm Gàidhlig a th’ ann an sin. ’S e ainm Lochlannach a th’ ann. Tha –vat aig deireadh ainm a’ ciallachadh “loch” ann an Lochlannais. Mar eisimpleir, Langavat – loch fada. No Laxavat – loch nam bradan. Mar sin bha mi a’ smaoineachadh gur e “BEL-ee-vat” an t-ainm a th’ air an loch.

Uill, ’s dòcha gun robh mi ceàrr. Bha mi a’ bruidhinn ri fear a tha a’ fuireach anns an sgìre. Dh’innis e dhomh gur e “bel-EEV-ut” a chanas daoine. Mmm, thuirt mi rium fhìn, cò as a thàinig an t-ainm? Agus a bheil e Lochlannach?

A rèir choltais, ’s e ainm Gàidhlig a th’ ann. Buaile Fhiodhaid – a tha a’ ciallachadh the cattle fold at the wooded place. Buaile Fhiodhaid. Tha a’ Ghàidhlig a’ mìneachadh mar a chanas daoine ann am Beurla “bel-EEV-ut” seach “BEL-ee-vat”.

Bha fiodh gu leòr ann uaireigin. Tha an t-ainm-àite ag innse sin dhuinn. Agus tha fiodh gu leòr ann fhathast. Dè tha mi a’ ciallachadh? Uill, tha coille mhòr mhòr timcheall an locha. Tha craobhan dùthchasach agus neo-dhùthchasach anns a’ choille. ’S e àite brèagha a th’ ann.

Tha dualchas àraidh aig Loch Buaile Fhiodhaid. Bhathar ag ràdh anns an t-seann aimsir gun robh tarbh-uisge a’ fuireach san loch. Tarbh-uisge no water-bull. Bha e mòr mòr. Bha e cho dubh ris an t-suith.

Bha an tarbh-uisge ag ithe lusan anns an loch agus air bruach an locha. Nuair a bha na lusan gann, bha an t-acras air an tarbh-uisge. Bha e a’ dol gu àiteachan eile airson biadh a lorg. Bha e cunnartach an uair sin. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an tairbh-uisge sin an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: A bheil sibh eòlach air Àird Chlach?: do you know Ardclach?; Siorrachd Narann: Nairnshire; eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach: between Nairn and Grantown on Spey; Uisge Èireann: Findhorn River; meadhan na sgìre: the middle of the parish/area; tha ainm an locha air a litreachadh: the loch’s name is spelt; thuirt mi rium fhìn: I said to myself; ’s e ainm Lochlannach a th’ ann: it’s a Norse name; ’s dòcha gun robh mi ceàrr: perhaps I was wrong; dh’innis e dhomh: he told me; Buaile Fhiodhaid: Belivat; bha fiodh gu leòr ann uaireigin: there was plenty of wood there at one time; tha coille mhòr mhòr timcheall an locha: there is a great forest around the loch; dùthchasach agus neo-dhùthchasach: native and non-native; bhathar ag ràdh anns an t-seann aimsir: it was said in olden times; tarbh-uisge: water-bull; cho dubh ris an t-suith: as black as the soot; lusan anns an loch agus air bruach an locha: plants in the loch and on the bank of the loch; airson biadh a lorg: to find food; cunnartach: dangerous; tuilleadh mu dheidhinn an tairbh-uisge: more about the water-bull.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast