
14/05/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
![]()
An Litir Bheag 104
Duration: 03:24
An Litir Bheag 104
Tha aon stòiridh eile agam mu Chalum Beag. Bha Calum a’ goid sprèidh. Ach bu toigh leis an uachdaran e. Bho àm gu àm bha an t-uachdaran a’ dìon Chaluim nuair a bha daoine eile feargach leis.
Turas a bha seo, ghoid Calum molt. Sin wedder ann am Beurla. Molt. Chaidh Calum a ghlacadh. Bha am molt aige. Chaidh e air beulaibh an uachdarain. Bha fianais làidir ann. Bha am molt aig Calum! Smaoinich an t-uachdaran. Dh’òrdaich e Calum agus am molt a chur do chealla anns a’ chaisteal. Bha a’ chealla os cionn na talmhainn. Bha tuill bheaga sa bhalla.
Fhuair na daoine, a bha feargach le Calum, deoch is biadh. Bha iad ag ithe ’s ag òl. Chaidh an t-uachdaran suas don chealla.
“A bheil sgian gheur agad?” dh’fhaighnich e de Chalum.
“Tha,” fhreagair Calum.
“Cuiridh mi luchd-ceannach thugad airson do mhuilt,” thuirt an t-uachdaran. Agus dh’fhalbh e. Thuirt e rud neònach, nach tuirt? “Cuiridh mi luchd-ceannach thugad airson do mhuilt.” Ach bha fios aig Calum dè bha e a’ ciallachadh. Thug e an sgian a-mach. Mharbh e am molt. Gheàrr e am molt ann am pìosan beaga. Thilg e na pìosan a-mach air na tuill sa bhalla.
Shìos fodha, bha coin. Bha an t-acras orra. Dh’ith iad na pìosan dhen mholt. Às dèidh ùine, thuirt an t-uachdaran gun robh e ag iarraidh Calum Beag fhaicinn – agus an fhianais na aghaidh. Ach nuair a dh’fhosgail iad a’ chealla, cha robh sgeul air a’ mholt. Thuirt an t-uachdaran nach robh cùis ann. Bha Calum saor airson a dhol dhachaigh.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: tha aon stòiridh eile agam: I have one more [other] story; bha e a’ goid sprèidh: he was stealing livestock; bu toigh leis an uachdaran e: the landlord liked him; a’ dìon Chaluim: protecting Calum; air beulaibh an uachdarain: in front of the landlord; fianais làidir: strong evidence; dh’òrdaich e Calum agus am molt a chur do chealla: he ordered Calum and the wedder to put in a cell; os cionn na talmhainn: above the ground; tuill bheaga sa bhalla: small holes in the wall; feargach: angry; deoch is biadh: drink and food; sgian gheur: a sharp knife; cuiridh mi luchd-ceannach thugad airson do mhuilt: I’ll send you buyers for your wedder; thuirt e rud neònach, nach tuirt?: he said a strange thing, didn’t he?; dè bha e a’ ciallachadh: what he was meaning; thilg e na pìosan a-mach air na tuill sa bhalla: he threw the pieces out of the holes in the wall; shìos fodha, bha coin: down below him were dogs; gun robh e ag iarraidh Calum Beag fhaicinn: that he was wanting to see Calum Beag; agus an fhianais na aghaidh: and the evidence against him; cha robh sgeul air a’ mholt: there was no sign of the wedder; nach robh cùis ann: bha Calum saor airson a dhol dhachaigh: Calum was free to go home.
Podcast
![]()
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.




