Main content
Sorry, this episode is not currently available

20/08/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIllEathain.

Clip

An Litir Bheag 118

Bha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair gu math ainmeil. Tha e ainmeil fhathast. ’S e bàrd a bh’ ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Bha bràthair aige – Aonghas. Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair. Bha esan rud beag ainmeil cuideachd. Ach chan eil e cho ainmeil an-diugh ri Alasdair. Bha e ainmeil oir bha e uabhasach làidir, ged a bha e gu math beag.

Latha a bha seo, bha Aonghas air bruach Abhainn Lòchaidh. Bha tòrr uisge anns an abhainn. Bha Aonghas aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null. Bha e a’ toirt a bhrògan is stocainnean dheth. Nochd fear eile – Colla Bàn, fear Dòmhnallach à Bàrrasdal ann an Cnòideart. ’S e fear mòr àrd a bh’ ann.

Thuirt Colla ri Aonghas, “Fhir big, thig còmhla riumsa. Cùm air mo chùlaibh. Brisidh mise neart an t-sruth. Nì sin an gnothach nas fhasa dhut.”

Nuair a bha iad ann am meadhan na h-aibhne, bha an sruth làidir. Bh e ro làidir do Cholla. Bha an t-eagal air. Bha e ann an cunnart a dhol fodha. Ach chaidh Aonghas air thoiseach air. Tharraing Aonghas Colla don taobh thall.

Thuirt Aonghas ri Colla, “Thug thu ‘fear beag’ orm air taobh thall na h-aibhne. Cò am ‘fear beag’ a-nise? Gabh mo chomhairle. Na toir ‘beag’ air duine gus am bi e dearbhte agad [gu bheil e ‘beag’]. Tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas.” ’S e deagh chomhairle a th’ ann, nach e, eadhon an-diugh?

Tha feadhainn fhathast a’ cuimhneachadh Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair. Ach tha cuimhne fada nas fheàrr aig daoine air a bhràthair, Alasdair. ’S e sin cumhachd na bàrdachd.

Bha Alasdair na dheagh charaid do ar cànan. Ann am Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig, sgrìobh e:

’S i labhair Goill is Gàidheil,

Neo-chlèirich is clèir,

Gach fear agus bean

A ghluaiseadh teanga am beul.

’S i a labhair Adhamh

Ann a Phàrras fhèin

’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig

O bheul àlainn Eubh.

Bheir sinn sùil a bharrachd air bàrdachd Alasdair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: ainmeil: famous; ’s e bàrd a bh’ ann: he was a poet; bha e beò anns an ochdamh linn deug: he was alive in the eighteenth century; bha e uabhasach làidir, ged a bha e gu math beag: he was very strong although he was quite small; bruach Abhainn Lòchaidh: the bank of the Lochy River; a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null: preparing to cross to the other side; a’ toirt a bhrògan is stocainnean dheth: taking his shoes and socks off; fear Dòmhnallach à Bàrrasdal ann an Cnòideart: a MacDonald from Barrisdale in Knoydart; fhir big, thig còmhla riumsa: wee man, come along with me; cùm air mo chùlaibh: keep behind me; brisidh mise neart an t-sruth: I’ll break the strength of the current; nì sin an gnothach nas fhasa dhut: that will make it easier for you; meadhan na h-aibhne: the middle of the river; ann an cunnart a dhol fodha: in danger of going under; thug thu ‘fear beag’ orm air taobh thall na h-aibhne: you called me ‘wee man’ at the other side of the river; gabh mo chomhairle: take my advice; na toir ‘beag’ air duine gus am bi e dearbhte agad [gu bheil e ‘beag’]: don’t call somebody ‘small’ until it is proved to you [that he is ‘small’]; tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas: assess a man’s qualities by more than just his appearance; ’s e deagh chomhairle a th’ ann, nach e, eadhon an-diugh?: it’s good advice, isn’t it, even today?; tha cuimhne fada nas fheàrr aig daoine air a bhràthair: people have a much better memory of his brother; cumhachd na bàrdachd: the power of [the] poetry; bha Alasdair na dheagh charaid do ar cànan: Alasdair was a good friend to our language; Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig: the author’s paean to the old Gaelic language; ’s i labhair Goill is Gàidheil: it is her [Gàidhlig is feminine] that Lowlanders and Highlanders spoke; neo-chlèirich agus clèir: laity and clergy; gach fear agus bean: each man and woman; a ghluaiseadh teanga am beul: who would move their tongues in their mouth; ’s i a labhair Adhamh ann a Phàrras fhèin: it is her that Adam spoke in his Paradise; bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig o bheul àlainn Eubh: fluent was the Gaelic from Eve’s beautiful mouth;

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast