Main content
Sorry, this episode is not currently available

24/09/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIllEathain.

Clip

An Litir Bheag 123

Tha seanfhacal Gàidhlig ann: Is math an còcaire an t-acras. Hunger is a Good Cook. Is math an còcaire an t-acras. Ma tha an t-acras ort, bidh blas math air biadh sam bith. A bheil sibh fhèin ag aontachadh ri sin? An e còcaire math a tha annaibh fhèin? Uill, ’s e – nuair a bhios an t-acras gur cuideachadh!

Bha mi a’ leughadh leabhar ùr an latha eile. ’S e leabhar bàrdachd a tha ann. Tha seann bhàrdachd ann. Bàrdachd Ghàidhlig a tha a’ dol air ais ceudan bhliadhnaichean. ’S e an t-ainm a tha air an leabhar Duanaire na Sracaire. ’S iad Wilson MacLeòid agus Meg Bateman na deasaichean. Rinn iad obair fìor mhath.

Am measg nan dàn tha fear ann air a bheil ’S Math an Còcaire an t-Acras. Nise, tha ceist agam. Dè thàinig an toiseach – an seanfhacal no an dàn? Chan eil mi cinnteach. ’S dòcha an seanfhacal.

Co-dhiù, tha fios againn cò am fear a rinn an dàn. B’ esan Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr. Agus rinn e e anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431). Ciamar a tha fios againn? Uill, rinn e e às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh anns a’ bhliadhna sin. Bha e air an taobh a chaill. Bha e a’ teicheadh bhon bhlàr. Cha robh biadh aige airson greis. Bha an t-acras air.

Chan eil ann ach dà rainn san dàn. Seo agaibh a’ chiad rann.

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Tha an dàrna loidhne a’ ciallachadh woe to him who disdains food. ’S e fuarag eòrna “barley brose” – min eòrna agus uisge fuar. Seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Tha barrachd agam ri innse dhut mun dàn ach nì mi sin an ath sheachdain. Mar sin leibh.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: seanfhacal: proverb; Is math an còcaire an t-acras: hunger is a good cook; a bheil sibh fhèin ag aontachadh ri sin?: do you yourself agree with that?; an e còcaire math a tha annaibh fhèin?: are you a good cook?; nuair a bhios an t-acras gur cuideachadh: when hunger is helping you; bàrdachd a tha a’ dol air ais ceudan bhliadhnaichean: poetry that goes back hundreds of years; ’s iad X agus Y na deasaichean: X and Y are the editors; fìor mhath: excellent; am measg nan dàn tha fear ann air a bheil: among the poems is one called; dè thàinig an toiseach?: what came first?; tha fios againn cò am fear a rinn an dàn: we know who [the man was] that made the poem; Blàr Inbhir Lòchaidh: The Battle of Inverlochy (1431 – there was another there in the 17th Century); bha e air an taobh a chaill: he was on the side that lost; bha e a’ teicheadh bhon bhlàr: he was fleeing the battlefield; chan eil ann ach dà rainn: there are only two verses; ’s mairg a nì tarcais air biadh: woe to him who disdains food; à sàil mo bhròige: from the heel of my shoe; biadh as fheàrr a fhuair mi riamh: the best food I ever got; tha barrachd agam ri innse dhut: I have more to tell you; mar sin leibh: cheerio.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast