
Seumas Greumach - An Dròbhaireachd
Bheir mi hò air m’ orradh hò
Hao ill ò air m’ orradh fhèin
Dh’fhalbhainn fhèin air m’ orradh hò
Thogainn fonn ’s gun ceannaichinn sprèidh.
Tha mi air m’ orradh an-dràst’
On a dh’fhàg iad mi leam fhèin
Is mi ’n Uibhist ceannach bhà
’S ceud nam làimh dem chreideas fhèin.
Nuair a chunnaic mi mar bh’ ann
An crodh cho gann air an fhèill
Ghabh mi na h-eich às an ceann
‘S air mo làimh cha robh mi ’n èis.
Dh’aithnichinn an t-agh dubh no ruadh
Dathte air suaicheantas a bhèin;
Speir mholach, leathann, gharbh,
Bhiodh e searbh mar biomaid rèidh.
E bhith leathann os a chionn,
Goirid on dà shùil a bheul;
Fionnadh dualach, tiugh ’s e dlùth
Gun bhith fon a’ ghlùin ach rèis.
Aisne leoghar, dhomhainn, chrom
Trusadh na chom air an fhèill;
Togail ann a suas gu bhàrr
Aigeannach na nàdar fhèin.
Thug mi gaol don cheàird cho mòr
’S nam biodh mo stòras da rèir
Dh’fhàgadh e mi rithist òg
’G iomain dròbh is iad leam fhèin.
Duration:
This clip is from
More clips from Episode 3
![]()
Seumas Greumach - Am Fiadh
Duration: 03:13
![]()
Maighread Stiùbhart - Uiseag bheag dhearg
Duration: 03:09
![]()
Julie Fowlis - Smeòrach Chlann Dòmhnaill
Duration: 03:24
![]()
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Ho Rò Mo Bhobag Dram
Duration: 03:10
More clips from Innsean an Iar - Hebrides
![]()
Maighread Stiùbhart - Òran na Bèiste-Duibhe—Episode 1
Duration: 02:59
![]()
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Sìth na Doire—Episode 4
Duration: 04:31
![]()
Seumas Greumach - Sguaban Arbhair—Episode 4
Duration: 03:42
![]()
Maighread Stiùbhart - Iorram Suirghe—Episode 4
Duration: 03:39








