
Maighread Stiùbhart - A’ Bhean Eudach
Margaret Stewart - The Jealous Wife
O 's e an t-àilgheas, hùg ò, chuir dhan tràigh mi, hùg ò,
A bhuain duileasg, hù ri a bhò, no bhuain bhàirneach, hùg ò.
A bhean ud thall, hùg ò, an cois na tràghad, hùg ò
Nach truagh leat fhèin, hù ri a bhò, bean ga bàthadh, hùg ò.
Dùil agad fhèin, hùg ò, bhith nam àite, hùg ò,
Mo thruaighe nochd, hù ri a bhò, aois mo phàistean, hùg ò.
Fear dhiubh bliadhna, hùg ò, fear a dhà dhiubh, hùg ò,
'S an t-ìmpire beag, hù ri a bhò, an ceann na càraid, hùg ò.
Nach buidhe bhean òg, hùg ò, thig nam àite, hùg ò,
O gheibh i ciall is, hù ri a bhò, gheibh i nàire, hùg ò.
Gheibh i caoraich, hùg ò, mhaola bhàna, hùg ò,
O gheibh i sin is hù ri a bhò, aighean dàire, hùg ò.
Thig an coite, hùg ò, seo a-màireach, hùg ò,
Bith m' athair ann, hù ri a bhò,is mo thriùir bhràithrean, hùg ò.
Gheibh iad mise, hùg ò, an dèidh mo bhàthadh, hùg ò,
'S mo chòta gorm, hù ri a bhò, air uachdar sàile, hùg ò.
Mo bhroids airgid, hùg ò, lag mo bhràghad, hùg ò,
'S mo phaidirean, hù ri a bhò, air cloich làimh rium, hùg ò.
Ceil e, ceil e, hùg ò, air mo mhàthair, hùg ò,
Gus an èirich, hù ri a bhò, grian a-màireach, hùg ò.
Duration:
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Unknown | Margaret Stewart |
This clip is from
More clips from Episode 2
![]()
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Òran Na Curracaig
Duration: 02:26
![]()
Julie Fowlis - Òran na h-Eala
Duration: 03:27
![]()
Seumas Greumach - Òran Cladaich
Duration: 03:45
![]()
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Òran Na Leirge Ruaidh
Duration: 03:13
More clips from Innsean an Iar - Hebrides
![]()
Maighread Stiùbhart - Òran na Bèiste-Duibhe—Episode 1
Duration: 02:59
![]()
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Sìth na Doire—Episode 4
Duration: 04:31
![]()
Seumas Greumach - Sguaban Arbhair—Episode 4
Duration: 03:42
![]()
Maighread Stiùbhart - Iorram Suirghe—Episode 4
Duration: 03:39








