
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Leis a’ Lurgainn
Leis an lurgainn o hì
Leis an lurgainn o hò
Beul an anmoich o hì
B' eudar falbh le cuid seòl
An cuan Èirinn o hì
Muir ag èirigh o hò
'S cha bu lèir dhuinn o hì
Nì fon ghrèin ach na neòil
Seachad Ìle o hì
Beul na h-oidhche o hò
Las sinn coinnlean o hì
'S chuir sinn combaist air dòigh
Seachad Àros o hì
Bha i gàbhadh o hò
'N fhairge làidir o hì
Suas gu bàrr a’ chruinn-sgòid
Thuirt an sgiobair o hì
Ri chuid ghillean o hò
"Glacaibh misneachd o hì
'S cuiribh riof na cuid seòl"
Suas a h-aodach o hì
Ri cruinn chaola o hò
Snàmh cho aotrom o hì
Ris an fhaoilinn air lòn
Fhuair sinn fosgladh o hì
Ma ceann toisich o hò
Fear ga taomadh o hì
'S gillean coltach air bòrd
Duration:
This clip is from
More clips from Episode 1
![]()
Maighread Stiùbhart - Òran na Bèiste-Duibhe
Duration: 02:59
![]()
Julie Fowlis - An Ròn / Caolas Od Odrum
Duration: 03:56
![]()
Maighread Stiùbhart - Am Maraiche 's a Leannan
Duration: 03:40
![]()
Seumas Greumach - An Aitearachd Àrd
Duration: 03:46
More clips from Innsean an Iar - Hebrides
![]()
Maighread Stiùbhart - Òran na Bèiste-Duibhe—Episode 1
Duration: 02:59
![]()
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Sìth na Doire—Episode 4
Duration: 04:31
![]()
Seumas Greumach - Sguaban Arbhair—Episode 4
Duration: 03:42
![]()
Maighread Stiùbhart - Iorram Suirghe—Episode 4
Duration: 03:39







