
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè'n eachdraidh a th'aig Cnoc Fhaoighris air taobh sear Rois? The history of the spectacular Fyrish monument in Easter Ross, as recently featured on The Traitors.
Chunnaic mu 9 millean neach làrach eachdraidheil, Cnoc Fhaoighris air Ghàidhealtachd, anns an t-sreath telebhisein,The Traitors. Tha Cnoc Fhaoighris gu math aithnichte os cionn Baile Eòghainn air taobh sear Rois. Tha Pàdraig MacAmhlaigh a' toirt sùil air eachdraidh Cnoc Fhaoighris, far a bheil carragh-chuimhne air an dà chuid, uachdarain na sgìre agus air blàr a thachair anns na h-Innseachean.
Tha film ainmeil a chaidh a dhèanamh mu blàr Chuil Iodair an dràsta ri fhaicinn air BBC 4. Chaidh Culloden a dhèanamh o chionn corr air trì fichead bliadhna, ann an 1964, ach tha e fhathast ga fhaicinn mar sàr eisimpleir de dhràma telebhisean agus a Ghàidhlig anns a film gu math soilleir, glan. Chaidh a sgrìobhadh 's a stiùireadh le Peter Watkins, a chaochail aig deireadh an Dàmhair sa chaidh aig aois 90. Tha'n sgrìobhaiche 's an stiùriche, Patsi NicChoinnich a' toirt sùil as ùr air a film agus air beatha Peter Watkins.
Tha connspaid air èirigh mu balla ann an Glaschu, air an tèid pìos ealan a ' pheantadh. Carson? Tha an ealanaiche Iseabail Mhoireach a' toirt sùil air a chùis.
Gheibh sinn beachd air a naidheachd gur e Nigella Lawson an treas britheamh boireann a bhios air The Great British Bake Off, bhon a thòisich am prògram ann an 2010. Dè dh' fhaodadh i toirt chun a phrògram agus dè cho cudtromach 's a tha breitheamh? Tha aoighean a' toirt beachd air a sin, air cò'n fheadhainn a b' fheàrr a chòrd riutha thuige seo, 's a bheil feum air ùrachadh a thoirt air a phrògram?
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 27 Jan 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Jan 202622:25BBC Radio nan Gàidheal