Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè dìreach a th' ann an lagh eadar-nàiseanta? Tha an t-Oll. Rob Dunbar ga mhìneachadh. Professor Rob Dunbar and presenter Cathy MacDonald discuss what we mean by international law.

'S iomadh ceist a tha air nochdadh an cois mar a tha na h-Ameireaganaich air ceann-suidhe Venezuela a chuir an grèim - is tha lagh eadar-nàiseanta aig cridhe mòran dhiubh. Ach dè dìreach a th' ann an lagh eadar-nàiseanta? Sin a' cheist a tha sinn a' cur air an t-Oll. Rob Dunbar.

Le bliadhna eile air thoiseach oirnn, tha Cathy cuideachd a' faighneachd do thriùir dè na tha iad air a chuir romhpa son 2026.

Agus tha sinn a' cuimhneachadh aig Naoi gu Deich air fear a bha iomadach uair a' bruidhinn air Radio nan Gàidheal mu iomadach cuspair: Fearchar MacFhionghuin nach maireann, a bh' air a thiodhlacadh an t-seachdain sa. Gheibh sinn cothrom èisteachd a-rithist ri beagan de sgeulachd a bheatha mar a dh'innis e i dha Cathy ann an 2023.

25 days left to listen

57 minutes

Last on

Wednesday22:25

Broadcasts

  • Wednesday09:00
  • Wednesday22:25