
le Cathy NicDhòmhnaill
'S iad Iain Moireasdan agus Ruairidh Rothach a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd. Iain Morrison and Roddy Munro review the weekend's newspaper columns with Cathy MacDonald.
'S iad Iain S Moireasdan agus Ruairidh Rothach a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd dhuinn an-diugh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill.
Nì Tormod MacLeòid lèirmheas air Heartbeats: A memoir by Bjorn Borg, leabhar far a bheil an cluicheadair teanas a' toirt dhuinn a sgeulachd-beatha ann an dòigh gu math fosgailte.
Ann an 2023 leig Prìomhaire Sealainn Nuadh, Jacinda Ardern, dhi a dreuchd 's i ag ràdh nach b' urrainn dhi cumail oirre san dreuchd leis na briathran seo: "no longer had enough in the tank". Bha i air a bhith san dreuchd còrr is còig bliadhna. Anns an ùine a bha sin bha aice ri dèiligeadh ri covid agus ionnsaigh ceannairc air mosg ann an Christchurch am-measg gu leòr eile. Tha film-aithriseach, Prime Minister, ag innse mu na dùbhlain a bha roimhpe san dreuchd agus na beatha phearsanta. Bheir Maureen NicLeòid dhuinn a beachd air a' film.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 8 Dec 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 8 Dec 202522:25BBC Radio nan Gàidheal