Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè mar a tha Èirinnich a' faireachdainn mu rabhaidhean slàinte air deoch làidir? Will new warning labels in Ireland turn people away from alcohol?

Tha rabhaidhean làidir mun bhuaidh a tha deoch làidir a' toirt air slàinte gan cuir air botail agus canastaran dibhe ann an Èirinn. 'S i Èirinn a chiad dùthaich san t-saoghal a th' air a cheum seo a ghabhail. Tha cuid a thaighean-seinnse agus bùithtean ga dhèanamh mu thràth, le dùil gun tèid a sgaoileadh nas fharsainge a dh' aithghearr. Ach ciamar a tha na h-Èireannaich fhèin a' faireachdain mun a-seo?

Dè mar a chòrdadh e ribh a dhol a dh’obair ann an sù? Tha Mairianna NicChoinnich a' tadhal air Emily Phipps à Leòdhas, a tha na tè-cùram bheathaichean aig Sù Five Sisters air taobh siar sgìre Lodainn.

Agus leis an dàrna leabhar aige am-bliadhna ga fhoillseachadh air a' mhìos seo, tha an eachdraiche, an arc-eòlaiche agus an sgrìobhadair Coinneach MacGill-Eain còmhla ri Cathy. Eadar Travels in Another Country; A Guide to Gaelic Scotland, a dh' fhoillsichear na bu thràithe am-bliadhna agus an leabhar ùr An t-Eilean: Skye People and Places, 's math as fhiach èisteachd ri feallsanachd eachdraidh a tha a' cur àite is sgeulachd nan Gàidheal fhèin air an duilleag.

57 minutes

Last on

Wed 3 Dec 202522:25

Broadcasts

  • Wed 3 Dec 202509:00
  • Wed 3 Dec 202522:25