
le Coinneach Mac a' Ghobhainn
'S iad Murray Macleòid agus Ruairidh Rothach a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd. Murray MacLeod and Roddy Munro review the weekend's newspaper columns with Coinneach Smith.
'S iad Murray Macleòid agus Ruairidh Rothach a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd dhuinn an-diugh còmhla ri Coinneach Mac a' Ghobhainn.
Leis gu bheil sinn ann an seusan nam pantothan, gheibh sinn beachd bho dhithis a tha air a bhith an sàs ann an iomadh panto thar nam bliadhnaichean air carson a tha iad cho tarraingeach agus dè a tha toirt air sean agus òg a bhith a' dol thuca gach bliadhna.
Cluinnidh sinn mu sreath phrògraman ùra air BBC Alba a tha a’ toirt aire do shuidheachadh cùraim ann an coimhearsnachdan eadar-dhealaichte air feadh na h-Eileanan an Iar. Tha 3 prògraman san t-sreath: Cùram Fad-beatha, Cùram Seann-aois agus Cùram gun Dùil, agus iad uile ag innse sgeulachdan an fheadhainn aig a bheil feum air cùram agus an luchd-taic a tha gam frithealadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 24 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 24 Nov 202522:25BBC Radio nan Gàidheal