
le Cathy NicDhòmhnaill
Eachdraidh, làrach, is bàrdachd Bhlàr Inbhir Lòchaidh ann an 1645. A visit to the location of the Battle of Inverlochy in 1645 and history and songs associated with it.
Thèid tachartasan a chumail an t-seachdain sa tighinn gus daoine a dhèanamh nas mothachail air foill, mar phàirt de Scam Safe Week leis a' BhBC. Ach dè na cunnartan a th' ann, is ciamar a thèid againn air a bhith buileach faiceallach? Tha Shelagh Chaimbeul bho Inbhean Malairt na h-Alba còmhla ri Cathy son a mhìneachadh.
Dh'fhosgail taigh-seinnse ann an Obar Dheathain far nach eil deoch-làidir ri fhaighinn idir - ach a bheil daoine dha-rìribh ag òl nas lugha an-diugh na b' àbhaist? Cluinnidh sinn bho thriùir aig a bheil am beachdan fhèin air a' chuspair sa.
Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an Inbhir Lòchaidh a-rithist cuide ri dithis a tha air leth eòlach air eachdraidh an Dàrna Blàr an Inbhir Lòchaidh, ann an 1645. 'S iad sin Eòghann MacEunraig agus Iain MacAonghais, agus eadar òrain, bàrdachd, is sgeulachdan beul-aithris ceangailte ris a' bhlàr tha gu leòr ri ionnsachadh mu shabaid nimheil eadar Goill is Gàidheil, Caimbeulaich is Dòmhnallaich, neo Cùmhnantaich is Feachdan a' Rìgh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 20 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 20 Nov 202522:25BBC Radio nan Gàidheal