
le Cathy NicDhòmhnaill
Cuairt timcheall làrach blàr Inbhir Lòchaidh le Eòghann MacEanraig is Iain MacAonghais. A visit to the site of the Battle of Inverlochy, with Ewen Henderson and Iain MacInnes.
'S iomadh duine rinn iomadach rud eadar-dhealaichte nam beatha - ach 's e glè bheag againn a thòisich obair ùr aig aois 85. Sin a rinn Betty Reid Soskin, ban-Ameireaganach 104 bliadhna a dh' aois aig a bheil sgeulachd beatha iongantach... mar a tha Maureen NicLeòid ag aithris dha Cathy NicDhòmhnaill.
Cluinnidh sinn cuideachd mu leabhar còcaireachd Gàidhealach, foillsichte ann an 1905: The Highland Cookery Book / Seòlaidhean Feumail Mu Chòcaireachd ‘s mu Fhuineadh. Tha Alasdair MacLeòid air a bhith rannsachadh.
Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air chuairt gu Tom na Faire ann an Inbhir Lòchaidh le Eòghann MacEanraig agus Iain MacAonghais, gus eachdraidh a' chiad bhlàr an Inbhir Lòchaidh ann an 1431 a chluinntinn - is beagan de dh' òran a chomharraich am blàr, far an d' fhuair rìgh nan eilean làmh an uachdair air feachdan rìgh na h-Alba, a chluinntinn bho Eòghann cuideachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 13 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 13 Nov 202522:25BBC Radio nan Gàidheal