
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè cho math is a tha taisbeanadh ealain dhar slàinte? Cathy MacDonald presents a discussion on how beneficial art galleries can be for our health.
'S iomadh caractar a th' ann am poilitigs na Frainge - eadar an ceann-suidhe Emmanuel Macron, agus na dùbhlanaich: Marine Le Pen air a' làimh dheis, agus Jean-Luc Mélenchon air a' làimh chlì. Ach le casg-cùirt air Le Pen bho bhith seasamh son dreuchd a' chinn-suidhe, 's e neach eile as àirde a tha sna cunntasan beachd: Jordan Bardella. Aig aois 30 bliadhna, a bheil cothrom dha-rìribh aige bhith na cheannard air an dàrna dùthaich as motha san Aonadh Eòrpach?
Cuideachd o chionn 30 bliadhna, thòisich a' chompanaidh adhair Easyjet. Ach ciamar a tha companaidhean adhair dhen leithid - le cuideam air siubhal saor - air buaidh a thoirt air mar a bhios sinn a' siubhal air feadh an t-saoghail? Tha Cathy a' bruidhinn ri dithis a tha eòlach air Easyjet agus air siubhal air a' phlèana: Eòghain Mitchison a bha ag obair dhaibh, agus Rhoda NicDhòmhnaill a bhios gu math tric a' siubhal leotha.
'S iomadh duine againn a thèid a-steach a dh'fhaicinn obair ealain ann an gailearaidh neo taisbeanadh poblach. Ach a bheil buaidh aig a-seo air ar slàinte? Sin a' cheist a th'aig Cathy do dhithis: Deirdre Nì Mhathùna agus Liondsaidh Chaimbeul.
Agus mar phàirt dhar sreath air dè a' leabhar neo-fhicsean a mholadh tu do dhaoine mar phreusant Nollaig, tha Wilma NicUalraig ag innse dhuinn mun chruinneachadh "Gun Sireadh, Gun Iarraidh: The Tolmie Collection" le Kenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill. Dè dìreach a tha cho sònraichte mun a' chruinneachadh òrain is an obair rannsachaidh sa?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 11 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Nov 202522:25BBC Radio nan Gàidheal