Main content
Sorry, this episode is not currently available

Eilean Sgalpaigh

Episode 4 of 7

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e aig toiseach 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo tha e a' tadhal air Eilean Sgalpaigh.

Cluinnidh sinn bho Mhurchadh Moireasdan mun chiad sgoil ann a Sgalpaigh agus bho Chalum Moireasdan mu Chnoc nan Saighdearan.

Innsidh Murchadh cuideachd mar a thàinig na Pabaich a Sgalpaigh agus Tormod Moireasdan, sgiobair an Scalpay Isle, sgeulachd an iasgaich aig toiseach na 20mh linn.

Tha còmhradh aig Fred le Catrìona Mhoireasdan agus Murchadh Moireasdan mu chleachdaidhean aig bainnsean agus iad air banais mac Catrìona, Tormod.

Agus tha sgeulachd mu mhanadh aig Murchadh Moireasdan ann a Lurgainn an Duine Mhairbh.

Cluinnidh sinn cuideachd Òran a Scalpay Isle agus Òran a' Choilich.

30 minutes

Last on

Sun 2 Nov 202510:00

Broadcasts

  • Mon 27 Oct 202515:30
  • Wed 29 Oct 202520:00
  • Sun 2 Nov 202510:00