Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cuspairean co-cheangailte ri ceòl, cultar agus dualchas nan Gàidheal. Conversation, discussion, culture and life style.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan an t-seachdain seo agus thathar am beachd gum bi faisg air 10,000 neach an làthair eadar farpaisich, luchd-ciùil agus luchd-frithealaidh. Seachdain cho cudromach 's a th' ann dhan a' Chomunn Gàidhealach mar a chuala Cathy nuair a bhruidhinn i ri Ceann-suidhe na buidhne, Magaidh Choineagain.

Tha 20 bliadhna bho bhuannaich Fiona J NicChoinnich Bonn Òir a' Chomuinn ann an Steòrnabhagh. Bhon uairsin tha i air iomadh òran a chlàradh agus tha i cuideachd air a bhith na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh. Fhad 's a bha i a' fuireach an Cannaigh, aig àm a' ghlasaidh, ghabh i an cothrom sgrùdadh ceart a dhèanamh air a' chruinneachadh de dh'òrain agus sgeulachdan beul-aithris a bha Mairead Fay Sheathach air a chlàradh. Ri linn sin, tha i air leabhar a sgrìobhadh mu eachdraidh-beatha Mhairead agus mun tasglann a chruthaich i fhèin 's an duine aice, John Lorne Caimbeul. Bhruidhinn Fiona ri Cathy mun an leabhar, The Cadence of A Song a tha Birlinn a' foillseachadh aig a' Mhòd a-màireach.

57 minutes

Last on

Tue 14 Oct 202523:25

Broadcasts

  • Tue 14 Oct 202509:00
  • Tue 14 Oct 202523:25