
còmhla ri Ramsay MacMahon
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Ramsay. News, chat, sport, music and entertainment with Ramsay.
Tha Feasgar a' cur fàilte air preasentair ùr, Ramsay MacMhahon, a bhios an cois Emma airson trì mìosan, agus 's e a th'aig an stiùir an-diugh.
Air an t-seachdain mu dheireadh dhan mhìos seo, thèid Sgoil Fhoghair a chumail ann an Grinneabhat air taobh siar Leòdhais, far am bi luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a' fuireach còmhla fad seachdain, beò ann an àrainneachd Ghàidhlig. Tha seo mar thoradh air co-bhanntachd eadar Grinneabhat agus UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall. Tha Catriona Mhoireach, a tha na h-oide aig UHI, agus a tha an sàs anns an Sgoil Fhoghair, ag innse do Ramsay na bhios romhpa.
Tha an seinneadair Gàidhlig , Màiri Mhoireasdan, a' dol air chuairt san Damhair còmhla ri Alasdair MacDhonnchaidh, seinneadair Canadach, mar chomharrachadh air a' chlàr ùr aca, Remembered In Exile, a thàinig a-mach sa Ghiblein. Tha sinn a' cluinntinn bho Màiri mun chuairt aca, agus cho cudromach sa tha e a bhith a' daingneachadh na ceanglaichean-ciùil eadar Alba agus Canada.
Agus tha sanas bhideo ùr a’ brosnachadh an t-Suain mar àite cho sonraichte 's gu bheil dotairean ga thabhainn mar òrdugh-cungaidh. Tha seo ri linn 's gu bheil an t-Suain làn chur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh a tha feumail dha do chorp agus d’inntinn. Tha Ramsay a' faighinn beachd an t-Suaineach Viktor Korpi Kardell air an iomairt.
Last on
Music Played
![]()
Lewis Capaldi
Something In The Heavens
![]()
Idlewild
Tell Me Ten Words
- The Remote Part.
- Parlophone.
- 9.
![]()
Sekou
Catching Bodies
![]()
Dermot Kennedy
Power Over Me
- Without Fear.
- Interscope / Island.
- 3.
![]()
Foster the People
Pumped Up Kicks
- Torches.
- Columbia.
- 2.
![]()
Bob Dylan
The Times They Are A-Changin'
- The Best Of Bob Dylan.
- Columbia.
Broadcasts
- Wed 8 Oct 202512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Oct 202521:00BBC Radio nan Gàidheal
